Turas Linda Fabiani chun t-Sabhal
Thadhal Linda Fabiani, Ministear Chultar, Na Roinn Eòrpa agus Chùisean Taoibh a-muigh air Sabhal Mòr Ostaig agus an togalach ùr aca Fàs an t-seachdain sa chaidh. Fhad ‘s a bha i a’ tadhal air an Ionad do Ghnìomhachasan Cruthachail is Cultural, chaidh am plana ghnìomhachais airson Faclair na Gàidhlig a chur air bhog agus thachair am Ministear ri Lorna Pike, Co-ordanaiche a’ phròiseact agus Boyd Robasdan à Oilthigh Srath Chluaidh a tha na Cathraiche air Bòrd Stiùiridh a’ phròiseact.
(Dealbh bhon taobh chlì: Boyd Robasadan, Linda Fabiani, Lorna Pike)