FÀS - IONAD ÙR AIRSON NAN GNÌOMHACHASAN CRUTHACHAIL IS CULTARACH AIR AN EILEAN SGITHEANACH
FOSGLADH OIFIGEILA' PHRÌOMH MHINISTEAR AILIG SALMOND BPA

Thèid Fàs, an t-ionad ùr £8millean airson nan gnìomhachasan cruthachail is cultarach aig Sabhal  Mòr Ostaig air an Eilean Sgitheanach, fhosgladh an-diugh leis a’ Phrìomh Mhinistear, Ailig Salmond BPA.

A’ bruidhinn air an ionad ùr, thuirt am Prìomh Mhinistear, a lìbhrig Òraid an t-Sabhail Mhòir a chaidh a chraoladh air telebhisean bho chionn goirid:
“Tha comas aig an ionad ùr airson nan gnìomhachasan cruthachail is cultarach aig Sabhal Mòr Ostaig a bhith na thobar do raon farsaing de ghoireasan is sheirbheisean cultarach Gàidhlig.”

Tha am fosgladh oifigeil a’ comharrachadh ceum mòr eile air adhart ann an leasachadh Sabhal Mòr Ostaig mar Ionad Nàiseanta do Chànan is Chultar na Gàidhlig.

On a chaidh a stèidheachadh ann an 1973, tha Sabhal Mòr air a bhith air thoiseach air chàch ann a bhith a’ strì gus bun is coimhearsnachd cànan is cultar na Gàidhlig a ghleidheadh is a neartachadh. Is i an aon solar Foghlam Àrd Ìre is Leantainneach a bhios a’ lìbhrigeadh a’ phrògraim air fad, bho chùrsaichean inntrigidh gu ionnsachadh is rannsachadh for-cheuma, tro mheadhan na Gàidhlig. A bharrachd air sin, tron roinn Foghlam Fad-Beatha, a tha a’ sìor leudachadh, tha raon mòr de chursaichean goirid is prògraman ionnsachaidh aig astar a gheibh taic, a’ dèanamh cinnteach gu bheil àireamhan oileanaich a’ fàs aig ìre nàiseanta is eadar-nàiseanta.

Fo stiùir mhìorbhaileach an Ollaimh Thormoid N MhicGilliosa, Stiùiriche beòthail is ùr-ghnàthach na Colaiste, chunnacas leudachadh mòr na Colaiste le leasachaidhean às dèidh a chèile aig Àrainn Ostaig agus Àrainn Chaluim Chille air an Eilean Sgitheanach agus a h-àrainn dhàimheil, Ionad Chaluim Chille Ìle ann an Ìle. Dhearbh na leasachaidhean seo gun do leudaich cothroman ionnsachaidh den ìre as àirde tro mheadhan na Gàidhlig, ach chaidh aithneachadh cuideachd mar leasachair eaconamach san sgìre.

An-diugh, thuirt Uilleam Roe, Cathraiche Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, aon de phrìomh bhuidhnean maoineachaidh Fàs:

"Tha e na thoileachas mòr do HIE tabhartas cho cudromach is adhartach a thoirt do Fàs, a tha na phròiseact cho deatamach dhan Eilean Sgitheanach, an dà chuid a thaobh cultair is eaconamaidh.

“Aig £3.6millean uile gu lèir, ’s e seo an t-suim airgid as motha a chuir HIE an seilbh ann am pròiseact ghnìomhachasan cruthachail air leth ann an àite sam bith air Ghàidhealtachd is sna h-Eileanan, agus bha e fìor chudromach ann a bhith dèanamh cinnteach gum biodh am pròiseact a’ dol air adhart. Thathas a’ taiceadh obraichean de shàr-mhaitheas agus sàr-àrainneachd ghnìomhachais a chaidh a chruthachadh ann an àite sgìreil.

“’S e rud bunaiteach a tha ann a thaobh leasachadh bun-structair foghlaim de dh’inbhe airson fàs is seasmhachd fad-ùine na Gàidhealtachd is nan Eilean. Cruthachaidh am measgachadh de ghnìomhan cultarach is gnothachais aig Fàs ionad beòthail a bhrosnaicheas cruthachadh, ag adhartachadh cruthachadh, an dà chuid ann an gnìomhachas is sna h-ealain, a thaobh cultar is cànan na Gàidhlig.

“Còmhla, tha SMO agus Fàs na inneal brosnachaidh do dh’eaconamaidh an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse. Tha sinne ann an HIE fìor thoilichte gu bheilear a’ cur togalach ùr Fàs air bhog, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cumail oirnn ag obair còmhla ri SMO san àm ri teachd.”

O chionn ùine fhada, tha Urrasairean an t-Sabhail Mhòir air aithne a chur air a’ cheangal chudromach a tha eadar ath-nuadhachadh cànanachais, sòisealta is cultarach, agus leasachadh eaconamach ro-innleachdail, agus tha an leasachadh as ùr seo na fhìor chomharrachadh den mheur chudromach sin ann an rùn na Colaiste.

Bidh an t-ionad ùr, Fàs, a’ tairgsinn mòr-choimhearsnachd riatanach de ghnìomhan ann an ealain, cultar, dualchas, craoladh, am film is ann an nua-mheadhanan na Gàidhlig. Bidh e na mheadhan-brosnachaidh ann a bhith a’ toirt barrachd leasachaidh do ghnìomhachasan a tha ann mar-thà, agus na ionad-cinneasachaidh airson gnìomhachasan ùra àrach, a tha a’ cuimseachadh air na feumalachdan fàsail, airson bathar is seirbheisean cultarach a fhreagairt. Cuideachd, bidh Fàs ag amas air rannsachadh acadaimigeach a mhalairteachadh; iomairtean beaga is meadhanach dùthchasach a thàladh is a thaiceadh; agus leasachadh ann an cultar tionnsgalach àrach is a thaiceadh.

Thuirt an t-Ollamh MacGilliosa an-diugh:
“Tha fosgladh Fàs a’ comharrachadh na h-ath cheum air turas brosnachail ùr do Shabhal Mòr agus don Ghàidhlig. Le bhith a’ tional nan leasachaidhean is nan iomairtean ùra seo fo aon mhullach, ann an àrainneachd fhiùghantach, beairteach a thaobh chànain, tha e a’ fosgladh iomadh cothrom ùr airson co-obrachaidhean inntinneach is torrach thar diofar mheadhanan. ’S e àm brosnachail is dùbhlanach a tha seo ann an eachdraidh na Gàidhlig, agus Sianal Didseatach Gàidhlig a’ tòiseachadh, agus tha sinn làn dòchais gun cuir Fàs gu mòr ris an àm ri tighinn don raon ‘nua-mheadhanan’ cudromach seo.”

Tha an t-ionad, a chaidh a thogail le UBC Eta. agus a chaidh a dhealbhadh leis na h-ailtirean Gillespies, suidhichte air làrach bhrèagha chostail ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich, ri taobh Àrainn Chaluim Chille, a thog iomadh duais roimhe.

Tha Sabhal Mòr Ostaig na com-pàirtiche ann an Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna agus bhuannaich i Duais Cuimhneachan-Bliadhnail na Bànrighe airson Sàr-obair agus Tionnsgalachd ann am Foghlam Àrd-Ìre is Leantainneach.