|
LEASANAN GÀIDHLIG DO RÙNAIRE AN FHOGHLAIM
An uair a thadhal Rùnaire an Fhoghlaim, Fiona Hyslop, air an t-Sabhal air madainn Diluain [19.11.07] ‘s dòcha nach robh i a’ sùileachadh gun d’ rachadh a cuir a-staigh còmhla ri oileanaich a’ Chùrsa Comais airson clas Gàidhlig. B’ e sin a thachair dhi ged tha agus a rèir nan oileanach agus an òraidiche, rinn i fìor mhath.
Thuirt Murchadh MacLeòid, Stiùiriche a’ Chùrsa Comais "Rinn i oileanach dhith fhèin le bhith a' gabhail pàirt ann an leasan beag Gàidhlig a mhair mu dheich mionaidean. Chuir i fhèin is muinntir a' chlas ceistean beaga sìmplidh air a chèile ag innse cò iad, càite an robh iad a' fuireach agus an robh teaghlach aca agus ghreimich i gu math ris na h-abairtean a dh'ionnsaich i.”
“Chaidh i an sàs an sin gu h-inntinneach agus gu deònach nuair a bha e air a bhith fada na b' fhasa dhith òraid bheag a thoirt seachad no còmhradh a dhèanamh ri daoine sa Bheurla - gu h-àraid leis na bha de dhaoine na cuideachd. Le sin, ghlèidh i feallsanachd an àite air an robh i a' tadhal a thaobh cleachdadh cànain, sheall i gun robh i mothachail air na nithean sin agus shaoil sinn tòrr dhith air a shon! Chan e a h-uile duine a bhiodh cho tuigseach”
Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim air an t-Sabhal, “Tha dleastanas sònraichte aig Sabhal Mòr Ostaig ann a bhith a’ cur air adhart agus a’ dìon ar cànain, ar cultair is ar dualchais.”
“Tha an Riaghaltas airson inbhe na Gàidhlig a thogail air feadh na h-Albainn agus tha cothrom aig an t-Sabhal Mhòr cuideachadh bho thaobh foghlam adhartaich is àrd-ìre, cho math sa bhith a’ leasachadh eaconomaidh an Eilein”
“Tha àireamh sgoilearan foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ sìor fhàs an dàrna chuid ann am bunsgoiltean agus àrdsgoiltean agus tha Sabhal Mòr Ostaig a’ cumail oirre a’ leudachadh nan cothroman airson Gàidhlig a cleachdadh ‘s a h-ionnsachadh as dèidh na sgoile.”
Chuir oileanach bhon chiad bhliadhna, Iain Dòmhnall MacIlleBhraithe, fàilte oirre gu Sabhal Mòr Ostaig le port na dhà air a’ phìob agus ghabh Rùnaire an Fhoghlaim an cothrom bruidhinn ri luchd-obrach agus oileanaich fhads a bha i a’ dol mun cuairt na Colaiste. Thuirt Tormod MacGilliosa, Stiùiriche na Colaiste, “Tha mise fìor thoilichte gun tàinig Rùnaire an Fhoghlaim a thadhal oirnn. Tha sinn air obair mhòr a dhèanamh thar na bliadhnaichean gus aithne agus cliù a chosnadh dhan ionad seo.”
“Tha Sabhal Mòr Ostaig a nis aithnichte mar Ionad Nàiseanta airson cànan ‘s cultar agus sinn a’ gabhail sealladh farsaing a thaobh ar cuid-obrach agus a’ ceangal ionnsachadh ‘s teagaisg, rannsachadh, cultar agus leasachadh eaconomach. Tha sinn air adhartas mòr a dhèanamh agus tha sinn a nis ag iarraidh an tuilleadh a dhèanamh gus cuideachadh ann a bhith a’ toirt amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig, dearbhte leis a’ Riaghaltas, gu buil.“
Bha ùidh mhòr aig sgoilearan Bunsgoil Shlèite anns a’ chùis cuideachd le dà heileacoptair a’ laighe air raon-cluiche na sgoile. Ghabh iad an cothrom flùraichean a thoirt do Rùnaire an Fhoghlaim agus bha i ro thoilichte ùine a chur seachad còmhla riutha.
Bha an Rìdire Tom Farmer agus an t-Urr Tormod Drummond, Cathraiche Columba 1400 còmhla ris an Rùnaire. As dèidh làimh chaidh am buidheann a thadhal air Columba 1400 ann an ceann a tuath an Eilein.
|