CATHRAICHE BÒRD NA GÀIDHLIG A' TOIRT DÙBHLAN DO LUCHD-CEUMNACHAIDH AN T-SABHAIL MHÒIR

Dh’ iarr Mata MacÌomhair, cathraiche Bòrd na Gàidhlig, air oileanaich a bha a’ toirt a-mach ceum aig Sabhal Mòr Ostaig togail air an adhartas a chunnacas thar nam 25 bliadhna a dh’fhalbh ann an leasachadh na Gàidhlig, agus brath a ghabhail air na cothroman ùra a thàinig an lùib Achd na Gàidhlig agus leasachaidhean cudromach eile dhan chànan.


Bha Mgr MacÌomhair a’ bruidhinn aig an 23mh Ceumnachd an t-seachdain sa chaidh (Dihaoine 5mh An Dàmhair) far an robh mu 40 oileanach a’ ceumnachadh. Thuirt e: “’S e urram mòr a tha ann dhòmhsa a bhith an seo a-nochd agus gun tug sibh cuireadh dhomh an òraid seo a dhèanamh. ’S e seo aon de na h-oidhcheannan as cudromaiche den bhliadhna airson na Gàidhlig. Tha mi ag ràdh sin oir ann an iomadh dòigh tha Sabhal Mòr Ostaig na shamhla air na dòchasan agus na miannan againn uile a tha a’ strì ris a’ Ghàidhlig a shàbhaladh. Airson iomadh bliadhna tha a’ cholaiste seo air a bhith na lòchran agus tha solas a’ deàlradh shìos an seo ann an Slèite a shoillsich iomadh ceum den rathad gu ath-bheothachadh ar cànain.” 


A’ bruidhinn ris na h-oileanaich thuirt e: “’S ann a tha an oidhche a-nochd mur deidhinn-se – daoine a roghnaich foghlam tro mheadhan a’ chànain agus a tha mi an dòchas a bhios aig an stiùir anns na làithean ri teachd. Tha na làithean sin, nam bharail-sa, làn dòchais agus misneachd. Carson a tha mi ag ràdh sin? Tha mi ga ràdh a chionn ’s gun do rinn a’ Ghàidhlig barrachd adhartais na mion-chànan sam bith san t-saoghal anns na còig bliadhna fichead bliadhna a chaidh seachad. Thachair an t-adhartas sin, cha b’ ann seach gun robh an siostam air ar taobh, ach seach gun do rinn iomadh duine agus iomadh buidheann strì air leth airson a h-uile nì a choisinn sinn.  B’ e an t-uallach sin a thug sinn a-steach do shaoghal ùr.”

Thuirt cathraiche Bòrd na Gàidhlig gun tug Achd na Gàidhlig bun-stèidh reachdail dhan iomairt airson an cànan a shàbhaladh agus chuir e gu mòr ris na cothroman an cànan adhartachadh.

Mhìnich Mgr MacÌomhair dè bha esan a’ sùileachadh dhan chànan san àm ri teachd far am faicear barrachd adhartais is fàs tro bhith ag obair còmhla ris na coimhearsnachdan, na buidhnean Gàidhlig, na h-ùghdarrasan ionadail, tro sgoiltean Gàidhlig ùra, tro bharrachd chothroman ionnsachaidh do dh’fhileantaich, tro na meadhanan agus teicneolas ùr, agus thuirt e gum bu thoigh leis aon latha oilthigh Gàidhlig fhaicinn.

Lean e air: “Mar choimhearsnachd feumaidh sinn a-nis coimhead air adhart le misneachd ach le beagan tuigse ro-innleachdail.  Tha mi dearbhte, mar eisimpleir, gum feum sinn a-nis clas airson sgilean stiùiridh a chur air dòigh tro Ghàidhlig.  Tha sinn air a thighinn gu ìre far am feum sinn luchd-stiùiridh airson bhuidhnean, airson leasachadh a’ Phlana Nàiseanta agus airson fàs na Gàidhlig. Feumaidh sinn daoine le dòigh smaoineachaidh ro-innleachdail, feumaidh sinn daoine aig a bheil barrantas ann an sgilean stiùiridh agus a tha comasach air modhan agus beachdan ùra a chleachdadh airson Gàidhlig a ghluasad air adhart dhan linn ùr seo. Agus a-rithist ’s ann ri buidhnean mar seo a dh’fheumas sinn coimhead. Àiteachan mar Sabhal Mòr Ostaig a dh’fheumas a-nis a bhith eadhon nas miannaich’ air adhartas nan rùn airson saoghal Gàidhlig ùr.”

A’ bruidhinn ris an luchd-ceumnachaidh thuirt Cathraiche Bòrd nan Urrasairean aig Sabhal Mòr Ostaig Ruaraidh Iain MacLeòid: “A thaobh soirbheachaidh, chan e mise a-mhàin a tha ga ràdh: tha dearbhadh againn air. Tha mi a’ bruidhinn mun mheasadh a rinn luchd-sgrùdaidh na Bànrigh air a’ Cholaiste as t-Earrach. Bha an luchd-sgrùdaidh a’ coimhead air deich raointean agus chaidh ar measadh aig an ìre as àirde – “Fìor Mhath” – ann an seachd dhiubh agus aig an dara ìre as àirde – “Math” – anns na trì eile. Mura biodh oileanaich ann cha bhiodh Colaiste ann agus ’s ann mu mhath  nan oileanach a tha Colaiste mhath sam bith. Tha gu bheil a’ Cholaiste seo a’ tarraing oileanaich agus na tha de na h-oileanaich againn a’ dol air adhart gu obraichean far am bheil iad a’ dèanamh feum dhe na dh’ionnsaich iad an seo na dhearbhadh air soirbheachadh na Colaiste.”

Cheumnaich 37 oileanaich uile-gu-lèir ann an caochladh chuspairean nam measg: Dioplòma anns na Meadhanan Gàidhlig, Teisteanas Foghlaim Àrd-ìre ann an Gàidhlig is Conaltradh agus An Cùrsa Comais, Dioplòma Foghlaim Àrd-ìre ann an Gàidhlig agus Cuspairean Co-cheangailte, Ceum BA Cànan is Cultar na Gàidhlig, Ceum BA Gàidhlig is Iomall a’ Chuain Siar, Ceum BA Gàidhlig agus Na Meadhanan, Ceum BA (le Urram) Cànan is Cultar na Gàidhlig, Ceum à Colaiste Pheairt, OGE, MSc Leasachadh Seasmhach nam Beann.