SGEAMA ATH-CHUAIRTEACHAIDH A' TOIRT MISNEACHD DO CHOIMHEARSNACHDAN

Dealbh air Ron Gilchrist, Arne Ahlstrom agus Dòmhnall Iain Caimbeul a' biadhadh Hanna MhòrThathar an dùil nach bi e fada mus bi coimhearsnachdan air feadh Alba a' gabhail ri sgeama ath-chuairteachaidh ùr a tha a' ruith aig Sabhal Mòr Ostaig. 'S e sin an teachdaireachd a bh' aig Mgr Arne Ahlstrom bhon t-Suain nuair a choinnich e ri buill bho LEADER+ agus Buidheann Tìreil an Ath Leathainn aig a' Cholaiste airson an sgeama fhaicinn an gnìomh.

Tha e na amas aig an sgeama, a tha ag ath-chuairteachadh biadh malcaidh gu todhar, nach bi a' Cholaiste a' caitheamh a-mach ach leth dhe na tha iad an-dràsta ro dheireadh na h-ath-bhliadhna.

Tha an inneal ath-chuairteachaidh aig Mgr Ahlstrom, Hanna Mhòr, aig teis-mheadhan an sgeama. Bidh e a' gabhail biadh den h-uile seòrs' mar iasg, feòil agus cnàmhan agus a' cruthachadh stuth anns am bi deagh bheathachadh dha flùraichean, glasraich is measan. Tha dà aonad (bogsaichean làn bhoiteagan) agus inneal gearraidh phàipear air an cleachdadh sa phròiseact. A bharrachd air sin tha obair air tòiseachadh air polytunnel a thogail agus tha manaidsear a' phròiseict, Dòmhnall Iain Caimbeul, an dùil measan, glasraich agus lusan fhàs ann a bhios air an cleachdadh sa chidsin aig a' Cholaiste.

Dealbh air a' bhuidhein a bha na làthair, a' tadhail air Hanna MhòrTha Mgr Ahlstrom an dòchas gum faigh sgìrean eile buannachd às an eòlas a gheibhear bhon phròiseact seo; "Tha e na h-adhbhar misneachd dhomh faicinn na tha tachairt aig Sabhal Mòr Ostaig is mar a tha iad a' leasachadh a' phròiseict gu sònraichte san Eilean Sgitheanach. Chòrdadh e rium co-obrachadh fhaicinn eadar coimhearsnachdan ann an Alba agus san t-Suain airson eòlas a thoirt seachad air sgeamaichean den leithid seo ann an sgìrean dùthchail."

Nam biodh seo air a chleachdadh na bu thrice ghearradh e sìos air sgudail a tha ga ghluasad air rathaidean na sgìre. Bhiodh e a' lughdachadh chosgaisean caitheimh agus a' cruthachadh barrachd todhar a bheireadh piseach air an ùir airson chroitearan agus luchd nan gàradh.

Tha Ailean Duffield bho Bhuidheann Tìreil an Ath Leathainn a' faicinn luach mòr sa phròiseact; "Bha e air leth inntinneach faicinn mar a tha an sgeama ag obair agus coinneachadh ri uimhir de dhaoine aig a bheil meas air an leithid. Bha e na thogail dhuinn an dèidh dhuinn tadhal an-diugh agus bu fìor thoigh leinn sgeama mar seo a chur an gnìomh san Ath Leathann."

Tha an sgeama air a mhaoineachadh le Comhairle na Gaidhealtachd agus LEADER+ nan Eilean Siar, An Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse, le cuideachadh bho Shabhal Mòr Ostaig. Gheibhear barrachd fiosrachaidh air a' phròiseact agus Buidheann Tìreil an Ath Leathainn bho Claire Hannah, Oifigear LEADER+ aig Iomairt an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse air 01478 612 184.

Leugh artaigil eile mun sgeama: Skye Cashes in on 'Black Gold' from Worms