CÙRSA SOIRBHEACHAIL DO ÀRD SGOILEARAN GÀIDHLIG AN ALBA

Alex FergussonThàinig sgoilearan àrd-sgoil bho air feadh Alba gu Sabhal Mòr Ostaig an t-seachdain sa chaidh airson ‘Seachdain nan Sgoilearan’, cùrsa goirid ùr a bha a’ toirt cuideachadh agus brosnachadh do sgoilearan a tha ag ionnsachadh Gàidhlig.

Bha 18 sgoilearan an làthair uile gu lèir, agus fhuair iad measgachadh de chlàsaichean cànain agus chlàsaichean dràma airson an sgilean èisteachd is labhairt a bhrosnachadh, as dèidh dhaibh a bhith còrr is sia seachdainean far na sgoile.

A bharrachd air na clàsaichean a bh’ aca, dh’obraich iad ann am buidhnean air pròiseact film agus chaidh na filmichean a shealltainn aig ceumanachd feasgar Dihaoine. Chaidh na filmichean a chlàradh le taic bho ‘Cànan’ a tha a’ stiùireadh am pròiseact “Film G” an-dràsta. Bidh cothrom a-nise aig na sgoilearan na filmichean sin a chur a-steach chun cho-fharpais aca.

Thuirt Chris DePlano, Co-òrdanaiche nan Cùrsaichean Goirid aig Sabhal Mòr Ostaig;

“Bha seachdain air leth soirbheachail aig na sgoilearan agus rinn iad uile fìor mhath leis a’ Ghàidhlig agus leis a’ phròiseact film. Bha e soilleir gun robh ùidh aca anns a’ chànan agus gun robh iad deònach pàirt a ghabhail anns an obair a bh’ aca ri dhèanamh."

“Bha sinn uabhasach toilichte mar a chaidh cùisean agus air sgàth sin, tha sinn an dùil a’ chùrsa a leasachadh agus leudachadh an ath-bhliadhna.”

Chaidh an t-seachdain a chumail le taic bho Bhòrd na Gàidhlig agus ‘s e seo a’ chiad turas a rinn Sabhal Mòr Ostaig a leithid de chùrsa. Thathar an dùil gum bi a’ chùrsa seo mar phàirt de nan cùrsaichean goirid bho seo air adhart.