|
LUCHD-CEUMNACHD ÙRA AIG IONAD CHALUIM CHILLE ÌLE
Na
h-oileanaich a cheumnaich bho Ionad Chaluim Chille Ìle còmhla
ris an luchd-teagaisg.
Bhon taobh chlì: Mairead NicEacharna, Michelle NicLeòid, Sìne
NicEalair BA, Mark Wringe, Elma Paton BA, Calum MacEacharna Cert. HE, Lorraine
NicFhearghais BA, Moray Watson, Mairead Anna Nic an t-Sagairt, is Iain Tormod
MacLeòid.
'S e latha mòr an Ìle a bh' ann an Disathairne 10 Sultain 2005
nuair a cheumnaich a' chiad triùir oileanach bho Ionad
Chaluim Chille Ìle (ICCI) le Ceum BA ann an Cànan is Cultar na Gàidhlig.
Bha còrr is ceithir fichead duine an làthair tron latha gus
meal an naidheachd a chur air Lorraine NicFhearghais à Bogh Mòr,
Sìne NicEalair à Baile Ghrànna, is Elma Paton à
Siorrachd Àir. Aig an aon àm, cheumnaich Calum MacEacharna às
Almha le Teisteanas Foghlaim Àrd Ìre An Cùrsa Comais,
agus chaidh cuideachd teisteanasan an toirt seachad dha còrr is leth-cheud
oileanach a bh' air cùrsaichean goirid is clasaichean oidhche Gàidhlig
a dhèanamh aig an Ionad thar na bliadhna.
Am measg an fheadhainn a thàinig an làthair bha Iain Tormod MacLeòid is Mark Wringe bhon cholaiste Gàidhlig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach a tha a' cumail taic acadaimigeach ris an Ionad, agus Michelle NicLeòid is Moray Watson as leth Oilthigh Obar Dheathain a bha le chèile nan Òraidichean Gàidhlig aig ICCI nuair a chaidh fhosgladh san Lùnasdal 2002.
Thachair an
ceumnachd aig deireadh samhraidh air leth soirbheachail dhan Ionad far an
robh cha mhòr ceud oileanach a' frithealadh cùrsaichean goirid,
agus le Emily Edwards an dùil tòiseachadh na dreuchd ùr
an ceann beagan làithean mar Co-òrdanaiche a' phròiseact
Seanchas Ìle a tha ag amas thairis air dà bhliadhna air dualchas
Gàidhlig Ìle le cuid bhàrdachd, òrain is sgeulachdan
a chruinneachadh 's a ghlèidheadh. Tha ICCI cuideachd an dùil
an ath mhìos seirbheis cùram-cloinne ùr tro mheadhan
na Gàidhlig a thòiseachadh dhan choimhearsnachd, agus le còignear
luchd-obrach ùr a-nis air am fasdadh agus a' faighinn an cuid trèanadh.
|