|
|
LEABHAR MÒR NA GÀIDHLIG AIG IONAD CHALUIM CHILLE ÌLE
![]() |
|
Dealbh
bhon Leabhar Mhòr, le cead bho |
Tha Ionad Chaluim Chille Ìle an-dràsta a' gabhail pàirt le seachd ionad eile an Alba agus an Èirinn ann a bhith a' sealltainn dhan mhòr-shluagh còig pìosan ealain a chaidh an cruthachadh gu sònraichte mar phàirt den phròiseact Leabhar Mòr na Gàidhlig.
Tha An Leabhar Mòr a' toirt ri chèile obair còrr is dà cheud bàrd, neach-ealain agus snas-sgrìobhadair às Alba agus Èirinn. Chaidh ceud pìos bàrdachd a thaghadh le na bàird fhèin agus le sgrìobhaichean mar Seumas Heaney agus Hamish MacEanraig. Tha àbhacas, doilgheas, gaol, bàs, cuspairean spioradail agus talmhaidh uile air an comharrachadh ann am bàrdachd bhon 6mh chun an 21mh linn.
Dh'obraich an 100 neach-dealbh, leth-cheud às gach dùthaich, còmhla ri sgioba beag de shnas-sgrìobhadairean airson lànachd na bàrdachd a nochdadh. Aig a' cheann thall thèid na h-obraichean-ealain a cheangal còmhla ann an leabhar gus am bi cuimhneachan buan ann air an obair.
Roinneadh na ceud pìosan ealain eadar ochd ionadan-ealain air feadh Alba is Èirinn, còig dhiubh stèidhichte air eileanan, agus dh'fhosgail iad uile aig an aon àm air Disathairne 10mh An t-Iuchar mar chomharradh air an ath-cheangal eadar Gaidheil na h-Alba is na h-Èirinn.
Bidh na còig
pìosan ealain rim faicinn aig Ionad Chaluim Chille Ìle gu deireadh
an t-Iuchair agus tha fàilte ron a h-uile tighinn gus sùil a
thoirt orra agus fois a ghabhail san cafaidh Gàidhlig a bhios a' dol
tro mìosan an t-samhraidh bho 10.00m gu 3.30f a h-uile latha-seachdain.
|
|