|
IAIN FINLAY MACLEÒID NA SGRÌOBHAICHE ÙR AIG SABHAL MÒR OSTAIG
Tha Iain Finlay MacLeòid, às Nis ann an Leòdhas, air dreuchd Sgrìobhaiche na Colaiste aig Sabhal Mòr Ostaig a ghabhail os làimh. Tha an sgrìobhadair dràma is stiùiriche telebhisein a' leantainn a leithid Somhairle MacGill-eain, Aonghas 'Dubh' MacNeacail, Aonghas Pàdraig Caimbeul, agus gu leòr de dhaoine eile aig a bheil cliù mòr ann an saoghal litreachas na Gàidhlig, mar sgrìobhaiche na colaiste aig Colaiste Ghàidhlig na h-Alba.
Tha Iain Finlay (32) air deich dealbhan-cluiche a sgrìobhadh a chaidh a shealltainn air an àrd-ùrlar: nam measg 'Alexander Salamander' agus 'The Homers' airson Theatre Traverse ann an Dùn Èideann. Cuideachd, tha e dìreach air nobhail ùr fhoillseachadh a tha stèidhichte ann an Ulapul anns na 80an. Chaidh 'Na Klondykers' a chur air bhog Didòmhnaich sa chaidh aig Fèis Leabhraichean Dhùn Èideann, a tha na phàirt de dh' Fhèis Eadar-Nàiseanta Dhùn Èideann. 'S e sgeulachd gaoil a th' anns 'Na Klondykers' eadar nighean Ruiseanach bho aonan dhe na bàtaichean mòra, a bhiodh tadhal air Ulapul aig an àm, agus balach às a' bhaile fhèin. Tha Iain Finlay cuideachd air a bhith 'g obair air tòrr phrògraman telebhisein mar stiùiriche thar nam bliadhnaichean: nam measg prògram air Murchadh MacPhàrlain (bàrd Mhealaboist) agus fear eile mu Margaret Fay Shaw; agus tha companaidh riochdachaidh aige fhèin Zebo Productions a bhios a' cur phrògraman a-mach.
Tha obair Sgrìobhaiche na Colaiste maoinichte le Urrasairean na Colaiste fhèin agus le airgead bho Chomhairle nan Ealan a tha air taic a thoirt dhan dreuchd chudromach seo bhon a thòisich i ann an 1973.
A' bruidhinn mun obair ùr aige thuirt Iain Finlay: "'S e aon rud, gu bheil mise nas eòlaiche air theatre na tha mi air bàrdachd. Agus le theatre, 's e rud a th' ann a tha nas freumhaichte sa choimhearsnachd, chanainn, a thaobh a bhith toirt daoine còmhla. Mar eisimpleir dh' fhaodadh daoine dealbh-cluiche a sgrìobhadh còmhla: ag obair air rudan còmhla, mar shin tha e rud beag eadar-dhealaichte bhon bhàrdachd.
"Tha mi an dòchas gum bi cothrom ann le bùthan-obrach. Bidh cothrom aig daoine a thighinn dha na bùthan-obrach le smaoin, ge bith an e dealbh-chluiche neo nobhail neo càil mar shin, dhèanainn mo dhìcheall an cuideachadh gus pìosan mar shin a thoirt air adhart. A thaobh oileanaich, ma tha dòigh ann as urrainn dhaibh a thighinn còmhla le cuideigin a chuidicheas iad, 's e rud math a th' ann. 'S e rud math mun t-Sabhal Mhòr, tha an uiread de chruthachaileachd ann. Tha an uiread de dhaoine cruthachail ann agus tha na h-oileanaich fhèin san t-Sabhal cruthachail, tha e math gu bheil post ann a-nis a chuidicheas le sin."
A bharrachd air a bhith cuideachadh dhaoine le an cuid sgrìobhaidh aig an t-Sabhal Mhòr, tha tòrr a bharrachd sgrìobhaidh fa-near do dh' Iain Finlay. Tha e gu bhith 'g obair air dealbhan-cluiche agus nobhail eile. Agus tha an dreuchd ùr aige dol a thoirt a' chothruim sin dha le bhith faighinn taic bhon t-Sabhal Mhòr is Comhairle nan Ealan le chuid sgrìobhaidh.
Thuirt Tormod MacGilliosa stiùiriche an t-Sabhail Mhòir, "Rud a bha tarraingeachd mu Iain Finlay, seo duine òg a tha air tòrr a dhèanamh ann an ùine gu math goirid bho bhith 'g obair ann an theatre, telebhisean agus tha e air nobhail a sgrìobhadh. Agus bha sinn a' smaoineachadh gum biodh e tarraingeach do dh' oileanaich ma bha e gu bhith mun cuairt an àite, agus tha tòrr eòlais aige airson duine òg. Rud eile mu dheidhinn Iain Finlay, 's e mar a tha e a' cur a-mach a shealladh fhèin air an obair.
"Cuideachd, nuair a smaoinicheas tu air ais air na daoine a bha nan sgrìobhaichean an seo, faodaidh tu a ràdh gu bheil ainm aig a h-uile duine aca, agus chan e sin a-mhàin ach gu bheil ainm aig feadhainn a bha suathadh riutha nuair a bha iad nan oileanaich an seo. 'S e dreuchd gu math cudromach a th' ann a thaobh litreachas na Gàidhlig agus mar sin tha sinn a' coimhead air toradh math bho obair Iain Finlay."
Lean e air: "Tha sinne còmhla ri Comhairle nan Ealan a' toirt saorsa do dhaoine airson bliadhna neo dà bhliadhna iad fhèin a leasachadh ann a bhith sgrìobhadh. 'S e sin an rud as cudromaiche. Nuair a smaoinicheas tu air na cothroman a tha daoine eile air fhaighinn às an dreuchd seo ann a bhith suathadh ri na sgrìobhaichean sin: tha iad air ùidh a dhùsgadh ann an rosg, bàrdachd agus dràma."
Thuirt Gavin Wallace a tha os cionn litreachais aig Comhairle nan Ealan: "Tha sgeama Sgrìobhaiche Sabhal Mòr Ostaig a' toirt cothrom do sgrìobhadair Gàidhlig a tha aithnichte an cuid eòlais, an sgilean agus comhairle a thoirt do ghinealach ùr de dh'oileanaich agus do dhaoine a tha iad fhèin an dùil sgrìobhadh. Tha e na thoileachas mòr do Chomhairle nan Ealan taic a thoirt dhan sgeama seo mar phàirt dhen Ro-innleachd Litreachais againn agus mar phàirt dhen Ro-innleachd againn airson nan Ealan Gàidhlig."
|