LUCHD-IONNSACHAIDH NA GÀIDHLIG AIR LETH SOIRBHEACHAIL

Chomharraich Sabhal Mòr Ostaig oidhirp oileanaich a' Chùrsa Inntrigidh Disathairne sa chaidh (22.11.03) aig a' Cheumnachd ann an Àrainn Chaluim Chille. Bha a' Cholaiste air leth toilichte fàilte a chur air Criosaidh Dick, sgrìobhaiche Gàidhlig agus Urrasair aig Sabhal Mòr Ostaig, a bhruidhinn ris na h-oileanaich. Thuirt i; "Bu toil leam mealaibh ur naidheachd a ràdh ribh uile an-diugh 's sibh a' faighinn teisteanas urramach bho Shabhal Mòr Ostaig agus cuideachd, tha e a' toirt mòr thoileachas dhomh fàilte a chur oirbh don coimhearsnachd na Gàidhlig."

Dealbh air Luchd-ceumnachaidh An Cùrsa Inntrigidh 2003 Dealbh air Anna Mhàrtainn agus Criosaidh Dick
Oileanaich a' Chùrsa Inntrigidh aig a' Cheumnachd ann an Àrainn Chaluim Chille Anna Mhàrtainn a cheumnaich bhon Chùrsa Inntrigidh agus Criosaidh Dick a thug seachad an òraid

Thòisich An Cùrsa Inntrigidh o chionn trì bliadhna air ais agus tha e air a bhith air leth soirbheachail. Chaidh a sgrìobhadh le Iain Mac an Tàilleir is Murchadh MacLeòid airson daoine aig nach robh Gàidhlig 's a bha ag iarraidh Gàidhlig ionnsachadh bhon taigh; "Nuair a thòisich sinn air an cùrsa a sgrìobhadh bha dealbh nar n-inntinn de dhaoine a bha ag ionnsachadh Gàidhlig air an ceann fhèin ann an àiteachan iomallach", thuirt Iain. "Bha sinn an dòchas siostam a chur air dòigh far am faigheadh daoine cothrom Gàidhlig a bhruidhinn ri daoine eile, ged nach biodh ann air am fòn."

Bha Anndra Ó hAllmhuráin a' fuireach san Spàinn nuair a thòisich e air a' chùrsa; "'S e tidsear cànain a th' annam fhìn agus chòrd an cùrsa seo rium gu mòr. Dh'ionnsaich mi tòrr bho na duilleagan obrach is na CDan aig an taigh agus thàinig piseach air na sgilean còmhraidh agam tro na co-labhairtean fòn gach seachdain. 'S e sin an rud a bu mhotha a chòrd rium aig an àm 's mi a' fuireach anns an Spàinn 's glè bheag de luchd na Gàidhlig faisg orm!"

Tha Anndra air tilleadh a dh'Alba agus thuirt e gur e cruth agus taic a' chùrsa a rinn an diofar; "Nam biodh agam fhìn ri cùrsa cànain a dheasachadh, bhithinn a' coimhead air a' Chùrsa Inntrigidh mar dheagh eisimpleir a thug cothrom dhomh Gàidhlig ionnsachadh agus a thug misneachd dhomh na dh'ionnsaich mi a chleachdadh."

Tha Catrìona Monelly a' fuireach agus ag obair ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich. Bha i ag iarraidh barrachd ionnsachadh mun chànain san sgìre aice fhèin; "Cha b' urrainn dhomh fuireach san sgìre seo gun a bhith cur luach sa chultar, sa chànain agus sna daoine. 'S e cùrsa air leth a bh' ann agus bha na tidsearan uile fìor mhath. Dh'ionnsaich mi tòrr bhon chùrsa agus thug e brosnachadh dhomh cumail a' dol ag ionnsachadh agus a' cleachdadh na Gàidhlig."

Tha an Cùrsa Inntrigidh a' sìor fhàs agus tha barrachd na ceud gu leth oileanaich clàraichte air a' chùrsa am-bliadhna. Tha Siùsaidh Hardy, Co-òrdanaiche a' chùrsa, an dòchas gun cum e a' dol mar sin; "Dh'ionnsaich mi Gàidhlig mi-fhìn 's tha mi tuigsinn na duilgheadasan is na bacaidhean a dh'fhaodadh a bhith air oileanaich a tha ag ionnsachadh cànain air astar. Tha an cùrsa seo a' toirt cothrom do dhaoine Gàidhlig ionnsachadh san àite aca fhèin agus san ùine aca fhèin ach cha leig iad leas a bhith leotha fhèin idir. Tha na h-oileanaich againn fhathast a' coinneachadh ri chèile agus a' bruidhinn ri chèile agus a' feuchainn ri cumail suas leis a' Ghàidhlig. Tha cùrsaichean mar seo, agus taic airson luchd-ionnsachaidh bho bhuidhnean leithid Chlì Gàidhlig, a' dol a thoirt buaidh mhòr air coimhearsnachd na Gàidhlig sna bliadhnaichean a tha romhainn."

Dealbh air Siùsaidh a' sealltainn stuth-ionnsachaidh a' Chùrsa Inntrigidh Dealbh air Siùsaidh agus Raibeart Arnold a' cheumnaich air Disathuirne
Siùsaidh Hardy a' sealltainn stuth-ionnsachaidh a' Chùrsa Inntrigidh. Suzanne agus Raibeart Arnold a' cheumnaich
air Disathuirne.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun Chùrsa Inntrigidh, thoiribh sùil air http://inntrig.smo.uhi.ac.uk no cuiribh fòn gu Siùsaidh Hardy air 01471 888 488, post-dealain sm00sh@groupwise.uhi.ac.uk.