CÙRSA AN T-SABHAIL AIR AINMEACHADH AIRSON DUAIS CHLIÙITEACH EÒRPAICH

Dealbh air oileanach a' cleachdadh stuthan-ionnsachaidh a' Chùrsa InntrigidhChuir Sabhal Mòr Ostaig fàilte air an naidheachd gu bheil An Cùrsa Inntrigidh, cùrsa ùr air astar do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, air ainmeachadh airson Duais Eòrpaich Chànain.

Thòisich An Cùrsa Inntrigidh o chionn trì bliadhna air ais agus tha e air a bhith air leth soirbheachail agus an-diugh tha còrr is ceud oileanach gu leth clàraichte air a' chùrsa air feadh an t-saoghail. Chaidh a sgrìobhadh le Iain Mac an Tàilleir is Murchadh MacLeòid airson daoine aig nach robh Gàidhlig 's a bha ag iarraidh Gàidhlig ionnsachadh bhon taigh. Tha an cùrsa a' cleachdadh cho-labhairtean fòn, buidhnean sgìreil mìosail, sgoiltean deireadh-seachdain agus làrach-lìn le stuth-taice.

"Nuair a thòisich sinn air a' chùrsa a sgrìobhadh bha dealbh nar n-inntinn de dhaoine a bha ag ionnsachadh Gàidhlig air an ceann fhèin ann an àiteachan iomallach", thuirt Iain, "Bha sinn an dòchas siostam a chur air dòigh far am faigheadh daoine cothrom Gàidhlig a bhruidhinn ri daoine eile, ged nach biodh ann ach air am fòn."

Tha an duais seo a' gabhail a-staigh na Roinn Eòrpa air fad is i a' faighinn taic bhon Choimisean Eòrpach. Tha an duais a' moladh obair mhath a tha ga dèanamh gus dòighean-teagaisg cànain adhartachadh, oileanaich a bhrosnachadh agus na goireasan a tha rim faotainn an cur gu feum. Tha i cuideachd a' sireadh phròiseactan a bhios a' toirt togail do dh'iomairtean eile ann an diofar shuidhichean, ann an cànain eile agus fiùs dùthchannan eile.

Thàinig dithis bhuill bhon luchd-sgrùdaidh, Joanna McPake agus Eugene McKendry a chèilidh air a' Cholaiste Diardaoin sa chaidh airson bruidhinn ri oileanaich is luchd-obrach na cùrsa. Thuirt Siùsaidh Hardy, Co-òrdanaiche Foghlam air Astar aig Sabhal Mòr Ostaig, "Tha sinn fìor thoilichte gun deach ar moladh airson na duaise seo agus tha sinn air ar brosnachadh an dèidh an turais aig na britheamhan. Nar beachd, tha An Cùrsa Inntrigidh air leth math agus tha sinn an dòchas gum bi na britheamhan den aon bheachd nuair a thig iad gu co-dhùnadh mun duais."