|
PRÒGRAM ÙR GHNÀTHACH DE GHREISEAN-CÒMHNAIDH DO LUCHD-EALAIN AIG SABHAL MÒR OSTAIG
Tha Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson na Gàidhlig agus a Cultar, an-diugh a’ foillseachadh prògram ùr de ghreisean-còmhnaidh do luchd-ealain tro chompàirt ùr-ghnàthach le Comhairle Ealain na h-Alba agus Acadamaidh Ealain Rìoghail na h-Alba ann an Dùn Èideann.
Tha na trì buidhnean a’ tighinn còmhla gus obair ann am compàirt sa phròiseact ùr seo: a’ chiad fhear ann an sreath de Ghrèisean-còmhnaidh do Luchd-Ealain aig Comhairle Ealain na h-Alba a tha a’ toirt luchd-ealain còmhla bho chaochladh raointean tro fheallsanachd iomlan a tha a’ coimhead air an àite aig na h-ealain ann an adhartachadh chànan agus cultair san fharsaingeachd.
Fad iomadh bliadhna tha SMO, ann am compàirt le Comhairle Ealain na h-Alba, air a bhith lìbhrigeadh a’ phrògraim ‘Sgrìobhadair na Colaiste’, a tharraing mòran de na prìomh sgrìobhadairean Gàidhlig thar nam bliadhnaichean chun na colaiste, nam measg am bàrd aig a bheil cliù eadar-nàiseanta, Somhairle MacGill-Eain nach maireann, a bha air aon de na ciad daoine a fhuair an dreuchd mar Sgrìobhadair na Colaiste.
Sna beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh, thòisich an dreuchd Ceòladair na Colaiste, agus b’ e am pìobaire Iain Dòmhnallach, aon de na bràithrean Dòmhnallach à Gleann Ùige agus iad uile air leth tàlantach, a’ chiad neach san dreuchd ùr anns an do chuir e seachad trì bliadhna a bha gu math torrach, agus rè na h-ùine sin chaidh ceum ùr a stèidheachadh aig an t-Sabhal Mhòr, BA Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta. Fhad ’s a bha Iain aig a’ cholaiste bha e an sàs ann am prògram farsaing de thachartasan ciùil agus clàraidhean, agus fhuair muinntir na coimhearsnachd buannachd mhòr bho na clasaichean teagaisg ‘aon ri aon’ agus na bùthan-obrach coimhearsnachd aige. Bha e cuideachd gu mòr an sàs ann a bhith cruthachadh structar agus susbaint a’ Cheim ann an Ceòl Traidiseanta.
Ann an iomairt, a thathar am beachd a tha gu math ùr-ghnàthach, tha SAC, às dèidh còmhraidhean mionaideach le SMO agus RSA, air aontachadh taic-airgid a thoirt do thrì greisean-còmhnaidh, airson Sgrìobhadair, Ceòladair agus Neach-Ealain Lèirsinneach a thèid an ruith aig an aon àm, agus an dùil gun cruthaich seo cothroman airson co-obrachadh inntinneach eadar na trì raointean ealain seo. Bidh na trì dreuchdan seo stèidhichte san togalach ùr aig Sabhal Mòr, Fàs, ionad ùr a chaidh a thogail a dh’aona ghnothaich airson nan gnìomhachasan cruthachail is cultarach, agus a tha ri taobh Àrainn Chaluim Chille, far am bi airson a’ chiad uair goireasan aig a’ cholaiste mar stiùideo airson nan ealain lèirsinneach, àite-taisbeanaidh agus tasglann. Bheir an t-ionad ùr taghadh de ghoireasan is sgilean còmhla co-cheangailte ri craoladh is na meadhanan ùra.
’S e Ailean MacEanraig Ceòladair ùr na Colaiste, a thug ceum a-mach aig Acadamaidh Rìoghail Ciùil is Dràma na h-Alba, agus a tha na bhall dhen chòmhlan ainmeil Blazing Fiddles agus a tha air aon de na luchd-ciùil agus riochdairean ciùil òga as fheàrr dhen ghinealach aige. Tha eòlas farsaing aige air a bhith a’ cluich beò, a’ craoladh agus a’ clàradh mar neach-ciùil aonar agus le luchd-ciùil eile agus tha dealas mòr aige airson leasachadh ceòl traidiseanta agus seinn Ghàidhlig. Tha eòlas mòr aig Ailean air dualchas nan òran agus an dàimh chudromach eadar dualchas seinn agus dualchas ceòl ionnstramaidean. Tha e na bhall dhen teaghlach ioma-thàlantach, clann ‘icEanraig bho Mhalaig is an Gearastan agus tha e a’ fuireach ann an Mòrar an-dràsta.
’S e Maoilios Caimbeul Sgrìobhadair ùr na Colaiste, a rugadh ann an Stafainn san Eilean Sgitheanach ann an 1944, ach coltach ri iomadh duine dhen ghinealach aige cha b’ urrainn dha Gàidhlig a sgrìobhadh na òige ged a b’ i a’ Ghàidhlig a chiad chànan agus e a’ fàs suas ann an coimhearsnachd Ghàidhlig. Cha do dh’ionnsaich e sgrìobhadh na chiad chànan gus an robh e còrr agus fichead agus bhon uair sin tha e air saothair mhòr a dhèanamh agus cliù a chosnadh dha fhèin ann an saoghal litreachais.
Chuir e seachad ochd bliadhna a’ teagasg ann an Geàrrloch, Ros an Iar, mus do thill e a Stafainn. Thathar a’ dèanamh moladh air a chuid bàrdachd aig ìre eadar-nàiseanta, agus i a’ nochdadh ann an caochladh stuth foillsichte agus san leabhar ainmeil is cliùiteach aig Raghnaill MacilleDhuibh An Tuil: Duanaire Gàidhlig an 20mh Ceud (Polygon, 2002). Thuirt Raghnall MacilleDhuibh mun chruinneachadh Saoghal Ùr (New World) aig a’ Chaimbeulach, a chaidh fhoillseachadh le Diehard (Calasraid) ann an 2003, gur i “bàrdachd an duine bhig” a bh’ innte.
Dreuchd an Neach-ealain Lèirsinnich, a’ chiad dhe a sheòrsa aig SMO, a tha roinnte eadar an neach-ealain eadar-nàiseanta, Kate Whiteford, RSA, OBE, a thig airson greis-còmhnaidh fad ceithir mìosan agus Eòghann Mac Colla a tha a’ dol a thighinn air greis-còmhnaidh airson ochd mìosean – ’s e neach-ealain òg a th’ ann an Eòghann le Gàidhlig bho thaobh sear Siorrachd Àir, agus a fhuair roimhe an Sgoilearachd ainmeil bho Salveson. O chionn ghoirid tha Eòghann air a bhith ag obair air pròiseact ealain lèirsinneach stèidhichte sa choimhearsnachd còmhla ri cloinn san Eilean Sgitheanach is Loch Aillse. Tha e air a obair a thaisbeanadh ann an iomadh ceàrnaidh agus an-dràsta tha e an sàs ann am pròiseact mòr le obair ealain phoblach ann am Barcelona.
Thuirt Donaidh Rothach, Stiùiriche Leasachaidh an t-Sabhail Mhòir agus Cathraiche nan Ealain Lèirsinneach aig a’ cholaiste, agus e a’ cur fàilte air an dithis luchd-ealain, gu robh sgilean agus eòlas eadar-dhealaichte aca a bheireadh iad dhan dreuchd aig an t-Sabhal Mhòr.
Thuirt Mgr Rothach gu robh Kate Whiteford a’ tighinn dhan t-Sabhal Mhòr le fìor chliù eadar-nàiseanta mar neach-ealain a rinn ainm dhi fhèin ann an saoghal eadar-nàiseanta nan ealain le a dealbhan ùr-ghnàthach dhen tìr agus le a h-obair air làraich shònraichte. Thuirt Mgr Rothach gur e a th’ innte neach-ealain le eòlas mòr aig a bheil doimhneachd na h-obair, a tha roimhe seo air rannsachadh a dhèanamh air, agus dealas a shealltainn airson, cànan agus cultar nan Gàidheal agus an dàimh dho-sheachanta a tha a’ ceangal daoine, cànan agus cultar ris an tìr anns a bheil iad a’ fuireach. Chuir i crìoch o chionn ghoirid air A’ Mhòinteach, a fhuair moladh mòr, far a bheil i a’ sgrùdadh tìr Leòdhais bhon adhar, agus i a’ coimhead air na comharran nochdte agus snaighte a chruthaicheadh le ginealach às dèidh ginealach agus iad ag obrachadh an fhearainn aig oir na Mòintich agus na slàn-àrainneachd a bha neo-thruaillte fad ghinealaich. Thuirt an neach-ealain, a tha cuideachd ag obair ann am film agus a bha air a brosnachadh gu mòr le obair Bàrd Mhealaboist, Murchadh MacPhàrlain:
“Tha bàrdachd is sgrìobhadh Gàidhlig air buaidh mhòr a thoirt air cruth m’obrach o chionn ghoirid. Gabhaidh cumhachd sgrìobhaidh agus bàrdachd Ghàidhlig sean is ùr eadar-theangachadh gu cànan lèirsinneach co-shìnte – gun chianalas – ’s e sin an rud a tha na dhùbhlan dhòmhsa agus anns a bheil ùidh agam mar neach-ealain agus ’s e cothrom mìorbhaileach a th’ agam sa ghreis-còmhnaidh seo obair a dhèanamh am broinn a’ chultair agus ceangal a dhèanamh ris a’ chànan mar a tha i ga bruidhinn gu làitheil.”
Às leth Sabhal Mòr Ostaig, thug Mr Rothach taing do Chomhairle Ealain na h-Alba agus RSA agus e ag ràdh: “Tha an dà bhuidhinn seo a’ sealltainn dealas mòr do dh’adhartachadh nan ealain an lùib a’ chànain agus tha sinne aig SMO uabhasach toilichte na buannachdan fhaicinn a thig bho bhith ag obair le luchd-compàirt a tha cho adhartach nan lèirsinn. Mar thoradh air na greisean-còmhnaidh lèirsinneach thèid taisbeanadh mòr a chumail aig Acadamaidh Rìoghail na h-Alba ann an 2008/09. Tòisichidh na greisean-còmhnaidh uile ro dheireadh na bliadhna.
|