COTHROMAN EADAR-NÀISEANTA DO DH'OILEANAICH AN T-SABHAIL

Dealbh air Joy Dunlop agus Hana MilnaThàinig dithis oileanach air ais o chionn ghoirid is iad làn mhisneachd an dèidh a bhith air iomlaid mar phàirt den Sgeama Ghàidhlig agus Cuspairean Co-Cheangailte. Thill Hana Milne agus Joy Dunlop dhan Cholaiste aig toiseach na bliadhna an dèidh trì mìosan a chur seachad aig Colaiste Oilthigh Cheap Breatainn (OCCB) ann an Canada.

Mar a dh'innis iad fhèin, bha iad ro dheònach an cothrom seo a ghabhail, "Mar phàirt den bhliadhna Urram aig Sabhal Mòr Ostaig, fhuair sinn cothrom seamastair a chur seachad aig Oilthigh na h-Èireann ann an Maigh Nuad no aig OCCB ann an Canada. 'S e cothrom sgoinneil a bha seo a dhol gu Oilthigh ann an Ceap Breatainn, is sinn air a leithid a chluinntinn mun àite", arsa Hana.

Mar phàirt den phrògram iomlaid, bidh oileanaich a' taghadh modalan co-cheangailte ris a' cheum agus an tràchdas aca. Tha Hana a' cur crìoch air BA (le Urram) Gàidhlig agus Iomall a' Chuain Siar agus chòrd na cuspairean eadar-dhealaichte aig OCCB rithe, "Bha e uabhasach math gun robh taghadh againn bho ghrunn chuspairean eadar-dhealaichte, cuid dhiubh nach fhaigheamaid aig Sabhal Mòr Ostaig. 'S e an aon rud a bha car neònach gun robh a' mhòr-chuid de na clasaichean anns a' Bheurla!", thuirt Hana.

Cha b' ann dìreach aig an Oilthigh a chur na nigheanan seachad an ùine agus chòrd an turas san fharsaingeachd riutha gu mòr, "Ghabh sinn a h-uile cothrom fhad 's a bha sinn air falbh agus chunnaic sinn iomadh àite inntinneach. Ghabh sinn cuairt timcheall Cheap Bhreatainn agus chuir sinn ùine seachad ann am Mabou. Thadhail sinn air Eilean a' Phrìonnsa, Talamh an Èisg agus ràinig sinn eadhon New York, is bha sin mìorbhaileach. Bha sinn fortanach is gun d' fhuair sinn obair aig Fèis nan Dathan Ceilteach agus chòrd e rinn uabhasach math a bhith ag obair aig na cuirmean agus a' coinneachadh ri daoine ùra", thuirt Joy.

Air ais bhon turas, tha na nigheanan a' cur crìoch air a' bhliadhna mu dheireadh aca aig Sabhal Mòr Ostaig. Bidh deagh chuimhne aca air na làithean a chur iad seachad ann an Canada: "Bha turas air leth againn agus fhuair sinn tòrr mhisneachd bho na trì mìosan uile gu lèir", thuirt Joy. "Chuir a h-uile duine fàilte oirnne agus bha iad cho càirdeil 's nach d' thug e fada dhuinn eòlas a chur air an àite. Dh'ionnsaich sinn tòrr mu na daoine iagus mun àite agus bha sinn uabhasach fortanach cothrom fhaighinn ùine a chur seachad ann an dùthaich eile. Mholainn e do dh'oileanach sam bith agus rachainn ann a-rithist sa mhionaid".