GUTHAN NAN EILEAN AIG NA DUAISEAN EÒRPACH

Thog sgioba Foghlam Fad Beatha aig Sabhal Mòr Ostaig agus Cothrom Ltd à Uibhist an duais airson a’ phròiseact, Guthan nan Eilean aig Na Duaisean Eorpach Cànain ann an Cardiff air an 20mh latha den t-Samhain.

Chruthaich am pròiseact sreath de bhideothan air loidhne airson luchd ionnsachaidh na Gàidhlig agus na Beurla. Tha na bhideothan a’ toirt sealladh de bheatha is obair ann an coimhearsnachd Gaidhealach. Chaidh am filmeadh ann an Uibhist a-deas agus ‘s e measgachadh de agallamhan le daoine bhon coimhearsnachd agus aithriseach air a’ choimhearsnachd a th’ annta.

Thuirt aon den britheamhan “Bhon a thòisich e, thug am pròiseact seo an àire gun robh pròiseactan cànain teignigeach do mhion-chànain a dhìth. Thug am pròiseact misneach ri luchd-ionnsachaidh filmichean aca fhèin a chruthachadh agus leis an sin an sgilean cànain agus an sgilean teignigeach a leasachadh.”

Fhuair luchd-ionnsachaidh na pròiseact taic bho Communities Scotland airson a bhith an sàs le pròiseactan mar bhideo air latha-obrach de luchd-obrach as Phòlainn agus Latvia aig factoraidh eisg ann an Griomsaigh.

Thug am pròiseact buaidh air Elizabeth Rivera tha na neach-ionnsachaidh ann an Canada. Thuirt i, “Shaoil mi fhìn gun robh e mìorbhaileach! ‘S e seo a’ chiad turas a chunnaic mi neach-fileantaich na Gàidhlig a’ bruidhinn beò agus gu nadarra. Tha e gu math doirbh Gàidhlig ionnsachadh mura bheil thu a’ fuireach ann an coimhearsnachd Gàidhlig. Tha na bhideothan seo gad thoirt ris a’choimhearsnachd!”

Thuirt Alison Dix, ceannard Foghlam Fad Beatha aig Sabhal Mòr; “Chòrd e rinn a bhith ag obair leis a’ choimhearsnachd ionadail ann an Uibhist agus a bhith ag obair dluth ri Cothrom Training Ltd. Tha sinn an dùil maoineachadh fhaighinn airson a’ phròiseact Guthan nan Eilean a leasachadh na b’ fhaide mar storas agus goireas do luchd-ionnsachaidh.

Thèid DVD den pròiseact fhoillseachadh le taic bho Bhòrd na Gàidhlig agus saoilmaid gur e goireas sònraichte do sgoiltean, colaistean, oilthighean agus tidsearan is luchd-ionnsachaidh fa leth, a bhios ann.”

Tha am pròiseact ri fhaicinn air www.languages.dk/digital

Dealbh bhon taobh chlì:
Alison Dix, Ceannard Foghlam Fad Beatha, Sabhal Mòr Ostaig
Lid King, Stiùiriche Nàiseanta Cànain, Roinn Clann, Sgoiltean is Teaghlaichean
Isabella Moore CBE, Ceannard Aonad Nàiseanta Cànain
Gordon Wells, Co-ordanaiche Guthan nan Eilean
Barbara NicDhòmhnaill, Manadsair, Cothrom Training Ltd