DUAIS SHÒNRAICHTE AIRSON GUTHAN NAN EILEAN

Bhuannaich Foghlam Fad Beatha aig Sabhal Mòr Ostaig duais Eòrpach airson a' phròiseict, Guthan nan Eilean. 'S e pròiseact bhidio dà-chànanach a chaidh a dhèanamh mar ghoireas cànain do luchd-ionnsachaidh a th' ann. Tha am pròiseact a’ toirt sealladh air coimhearsnachdan nan Eilean san latha an-diugh.

Tha am pròiseact ga ruith mar phàirt dhen sgeama "Leonardo POOLS Project" agus chaidh an sgeama seo a stèidheachadh airson daoine a tha ag ionnsachadh chànan aig ìrean tòiseachaidh is meadhanach, agus gus  luchd-teagaisg a chuideachadh le bhith leasachadh nan stuthan teagaisg aca tro teicneolas ùr.
Tha Gòrdon Wells na cho-òrdanaiche ionadail ann an Alba airson a’ phròiseict agus is esan a tha air a bhith an sàs ann a bhith a’ cruthachadh bhidiothan ann an Gàidhlig agus Beurla sa choimhearsnachd aige fhèin ann an Uibhist.

Thuirt Gòrdon, "Tha Guthan nan Eilean ag amas air sealladh a thoirt do dhaoine air beatha anns na h-Eileanan agus mar a bhios daoine a' cleachdadh an dà chànan gu nàdarra nam beatha làitheil. Cha b' urrainn am pròiseact a bhith soirbheachail às aonais na coimhearsnachd agus tha sinn air leth toilichte gu bheil an duais seo a' comharrachadh obair a' phròiseict agus saothair na coimhearsnachd air fad."

Gheibh Guthan nan Eilean an duais aig Stadium na Mìle Bliadhna ann an Cardiff air 20mh latha den t-Samhain. ‘S e seo aon de na trì pròiseactan à Alba a bhuannaich duaisean am-bliadhna.