|
|
Am mìos seo, bidh Sabhal Mòr Ostaig a' comharrachadh deich bliadhna on a chaidh làrach-lìn na Colaiste fhoillseachadh airson a' chiad turas. B' ann san Fhaoilleach 1994 a chaidh an làrach beò, le taic bho Phròiseact Oilthigh na Gaidhealtachd is nan Eilean agus bhon toiseach tha an làrach an dèidh a bhith na prìomh ghoireas Ghàidhlig air an eadarlìon.
Chaidh an làrach a cruthachadh agus a leasachadh le Caoimhin O Donnaile, Òraidiche ann an Teicneolas Fiosrachaidh aig a' Cholaiste. Thòisich an làraich le fiosrachadh air obair na Colaiste 's air a' Ghàidhlig agus tha i air sìor fhàs on uair sin. An-diugh gheibhear fiosrachadh air Gàidhlig is Gaeilge air an Lìon, fiosrachadh air clasaichean Gàidhlig air feadh an t-saoghal, leasanan Gàidhlig air loidhne, naidheachdan sa Ghàidhlig agus ceanglaichean ri còrr is ceud mion-chànain eile. 'S i a' Cholaiste cuideachd a chruthaich an Stòr-dàta Briathrachais, a' chiad fhaclair Ghàidhlig a bha ri fhaotainn air an eadarlìon. B' ann an 1997 a chaidh an Stòr-dàta a thaisbeanadh an toiseach, agus an-diugh tha faclairean eile rin cleachdadh air an làraich mar Faclair na Pàrlamaid, am faclair aig Pàrlamaid na h-Alba.
'S iad na goireasan cudthromach mar seo a tha tarraing daoine don làraich. Bidh Liam Ó Caiside sna Stàitean Aonaichte a' cleachdadh na làraich gu tric, "'S fheudar dhomh a ràdh gu bheil an làrach-lìn aig Sabhal Mòr gu math feumail dhomh-sa agus do dh'oileanaich a tha ag ionnsachadh Gàidhlig air feadh an t-saoghail.
Mar neach-ionnsachaidh na Gàidhlig, tha an Stòr-dàta Briathrachais uabhasach feumail dhomh nuair a tha mi a' lorg briathrachas a tha ùr dhomh - gu h-àraidh nuair a tha cabhag orm agus faclair agus leabhraichean eile fada bhuam!
'S mòr an cuideachadh a fhuair mi bhon làrach-lìn an t-Sabhail agus tha mi an dòchas gun tèid i bho neart gu neart san àm ri teachd."
Tha Caoimhin O Donnaile gu math toilichte gu bheil a leithid a' cleachdadh na làraich, "Bha e na h-amas againn goireas a chruthachadh do luchd-ionnsachaidh, sliochd nan Gaidheal agus na Gaidheal fhèin. Bha e cuideachd na dheagh chothrom inbhe na Colaiste agus na Gàidhlig a thogail air feadh an t-saoghail."
Tha Sabhal Mòr Ostaig a' tuigsinn cho cudthromach 's a tha an làrach
ann a bhith tarraing dhaoine ùra don Cholaiste agus don chànain.
An-diugh 's i Eilidh NicIain à Uibhist a Tuath a tha a' cumail sùil
air an làraich. Cheumnaich Eilidh bho Oilthigh Obar Dheathain le Ceum
ann an Gàidhlig agus thòisich i ag obair aig a' Cholaiste air
an Sgeama aig Iomairt an Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse airson luchd-ceumnachaidh.
"Tha mi air leth toilichte gun d' fhuair mi an cothrom na sgilean IT
agam a leasachadh 's mi ag obair tro mheadhan na Gàidhlig", thuirt
Eilidh, "Bha an làrach na chuideachadh dhomh fhìn nuair
a bha mi nam oileanach agus tha mi mothachail air cho luachmhor 's a tha an
làrach agus goireasan den t-seòrsa seo gus ùidh a bhrosnachadh
sa Ghàidhlig agus ann an obair na Colaiste."
|
|