Turas Bho Àrd-sgoil Lasswade

Lasswade

Thàinig fichead sgoilear agus triùir luchd-teagasg gu Sabhal Mòr Ostaig OGE bho Àrd-sgoil Lasswade, faisg air Dùn Èideann gus barrachd ionnsachadh air an cultar agus air an cànan fhèin. Cha robh facal Gàidhlig aig na sgoilearan mus tàinig iad, ach fhuair iad clasaichean Gàidhlig gach madainn agus chaidh iad air tursan cultarach air feadh an eilein gach feasgar.

Fhuair na sgoilearan blas de chultar na Gàidhealtachd tron t-seachdain air fad air an oidhche le bùth-obrach ann an dannsa-ceum le Keri, seinn le Christine Primrose, agus ionnsramaidean Ceilteach le John Purser.

Chaidh cuireadh a thoirt do dheugairean bho Àrd-sgoil Phort Rìgh, Àrd-sgoil a’ Phluic agus bho Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd sa Phloc aig cèilidh. Bha Rosemary Ward, Oifigear Foghlam Bòrd na Gàidhlig, an làthair agus thug i fàilte shona dhaibh uile aig toiseach na cèilidh.

Chuir James Forbes, a tha na thidsear san sgoil, am pròiseact seo air bhonn. Fhuair e taic-airgid bho ‘Awards for All’ gus pàigheadh airson siubhail, àiteachan-fuirich, teagaisg, bìdh agus tursan a-muigh.  Thàinig cuideachd, airgead bho Bhòrd na Gàidhlig gus cèilidh a chumail air an oidhche mu dheireadh.