EACHDRAIDH AN T-SABHAIL MHÒIR ANN AN CLÒ

Dealbh dubh is geal air a' chiad togalach aig Àrainn OstaigThèid dà leabhar a chur air bhog Dihaoine (30/09/05) aig Sabhal Mòr Ostaig - colaiste Ghàidhlig na h-Alba - a tha 'g innse sgeulachd na colaiste bhon a chaidh a stèidheachadh o chionn còrr is 30 bliadhna agus cuideachd sgeulachd na Gàidhlig fhèin agus mar a chumadh i beò.

Agus 's e dòchas prìomh theachdaireachd an dà leabhair: dòchas mun ùr-bheothachadh a tha air tighinn ann an saoghal na Gàidhlig agus an dòchas a thàinig às obair an t-Sabhail Mhòir, àite a tha air a bhith aig cridhe tòrr de na rudan a bha an lùib an ùr-bheothachaidh.

Tha 'A Waxing Moon - A Modern Gaelic Moon' le Roger Hutchinson ag innse sgeulachd an t-Sabhail Mhòir agus mar a tha e air a bhith cur ris an dùsgadh. Ach, thar gach rud, tha an leabhar a' mion-sgrùdadh mar a thugadh dòchas airson an ama ri teachd do chultar prìseil aig àm nuair a shaoileadh gun robh gach nì caillte. 'S e tionndadh Gàidhlig den leabhar aig Roger a th' ann an 'Gealach an Fhàis - Ùr Bheothachadh na Gàidhlig' a rinn Criosaidh Dick ann an co-bhann ri Roger agus ris an do chuir i fhèin guth nan Gàidheal.

Thuirt Ceannard an Leasachaidh aig an t-Sabhal Mhòr, Donaidh Rothach: "Tha an dà leabhar seo ag innse sgeulachd an t-Sabhail Mhòir agus sgeulachd leasachadh cultar is cànan nan Gàidheal agus sgeulachd na coimhearsnachd sin thairis air na 30 bliadhna a dh' fhalbh. Tha Sabhal Mòr Ostaig air a bhith aig teis-meadhan tòrr de rudan a thachair gus ath-bheothachadh a thoirt air a' chànan is an cultar, agus tha tòrr de na daoine as deatamaiche don dùsgadh sin air a bhith an sàs san ionad-foghlaim nàiseanta seo aig àm air choireigin. Tha an dà leabhar a' coimhead air mar a nochd dòchas airson na Gàidhlig nuair a bhathar a' smaoineachadh gu robh i caillte."

A rèir Mainstream, foillsichear an dà leabhair: "Bha obraichean Gàidhlig rim faotainn; chaidh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a stèidheachadh ann an iomadh àite; agus chunnaic luchd-poileataics agus luchd-gnìomhachais gu robh buannachdan an lùib a bhith taiceil ris a' chultar. Ged a bha àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig a' sìor thuiteam agus seann daoine a' caochladh, dh'fhàs an crìonadh na bu mhaille, agus airson a' chiad uair ann an 100 bliadhna, thòisich àrdachadh co-roinneil a' tighinn air an àireamh de dhaoine òga às a' cheud a bha a' cleachdadh a' chànain.

"B' e seòrsa de dh'ath-bheòthachadh a bh' anns na thachair: ath-bheòthachadh Gàidhlig a dh'fhoillsich e fhèin ann an ceòl pop, litreachas, ealain, bàrdachd, foillseachadh, dràma, rèidio agus telebhisean. B' e mìorbhail annasach a bh' ann ris nach robh dùil. Agus aig cridhe a' ghluasaid sin, bha foghlam."

Tha na leabhraichean ag innse mun a liuthad de dhaoine aithnichte, bho Shomhairle MacGill-Eain agus Runrig gu Mìcheal Forsyth agus Gòrdan MacGilleDhuinn, a tha air compàirt a ghabhail san iomairt seo. Sgrùdail, naidheachdail agus le cuideam air caractaran, 's e seanchas de dhualchas air a shàbhaladh bho chion-diù agus eu-dòchas a tha ann an 'Gealach an Fhàis'. Tha cunntasan ann mu charactaran a bharrachd air ionadan, agus tha e ag innse sgeulachd a tha a' buntainn ri Alba air fad agus Breatainn, agus ri àite sam bith far a bheil mion-chànan a' cur aghaidh ri saoghal an latha an-diugh.

Thuirt Roger Hutchinson: "Cha bu chòir do dhuine sam bith gabhail ris gu bheil Gàidhlig fhathast sàbhailte mar chànan beò san 21mh linn. Ach aig an aon àm chan urrainn do dhuine sam bith dol às àicheadh nach d' rinn na Gàidheil fhèin oidhirp mhòr ann a bhith sàbhaladh an cànain bho bhith dol à bith - rud a bha gu leòr aig an robh cumhachd a' miannachadh a thachradh.

"Ma nì 'A Waxing Moon' rud sam bith, tha mi an dòchas gun dèan e moladh air saothair na daoine sin, agus gum bi e na chuideachadh ann a bhith toirt aire na feadhna aig nach eil fios air dè cho cudromach sa tha e gun cumar an cànan brèagha seo beò."

A' bruidhinn air a' bhuaidh a tha air bhith aig Sabhal Mòr Ostaig air saoghal na Gàidhlig thuirt Criosaidh Dick: "Tha mi a' faicinn Sabhal Mòr Ostaig caran mar a bha Abaid Eilein Idhe anns an t-siathamh linn, 'a' deàrrsadh mar lòchran solais air an Roinn Eòrpa a thaobh Diadhachd agus sgoileireachd', agus a' bharrachd air an sin bha muinntir na h-Abaid ainmeil mar luchd-ealain (Leabhar nan Ceallan mar aon eisimpleir) agus mar lighichean. Bha luchd-siubhail gam fàilteachadh agus muinntir an eilein a' faighinn taic agus cobhair, agus bha co-obrachadh eadar Abaid Eilein Idhe agus na h- Ionadan Crìosdaidh eile air feadh Alba agus bha iad a' toirt comhairle agus stiùireadh do na luchd-riaghlaidh.

"An-diugh tha na h-aon amasan aig an t-Sabhal, a' freagairt air an 21mh linn, ged nach eil Diadhachd anns a' churraicealam aca; a dh' aindeoin sin tha feallsanachd an t-Sabhail farsaing agus tuigseach, tha e a' cur gu mòr ri eaconamaidh an Eilein Sgitheanaich agus tha muinntir an t-Sabhail a' co- obrachadh le Ionadan Àrd-Fhoghlaim agus le buidhnean eile ann an Alba a chùm maith na Gàidhlig agus cultar na dùthcha."

Thuirt Uilleam Caimbeul, Stiùiriche Mainstream: "Ann a bhith foillseachadh 'A Waxing Moon' ann am Beurla is Gàidhlig tha Mainstream a' leantainn leis a' chleachdadh againn a bhith toirt aithne do chuibhreannan cudromach de bheatha chultarach is shòisealta na h-Alba. Tha sinn a' coimhead air na leabhraichean seo mar phàirt cudromach de dh' ath-bheothachadh a' chànain 's a' chultair a tha air a bhith cho faisg air a dhol à bith."

'S e neach-naidheachd agus ùghdair, a tha air duaisean a chosnadh, a th' ann an Roger Hutchinson. Am measg nan leabhraichean eile aige tha 'Empire Games: The British Invention of Twentieth-Century Sport', 'Polly: The True Story Behind Whisky Galore', 'The Soap Man: Lewis, Harris and Lord Leverhulme'. 'S e sgrìobhadair Gàidhlig agus Urrasair aig Sabhal Mòr Ostaig a th' ann an Criosaidh Dick a tha air leabhraichean Gàidhlig a sgrìobhadh agus a bhios a' sgrìobhadh colbh sa Ghàidhlig ann an Tìm an Òbain.

Thèid an dà leabhar a chur air bhog aig Àrainn Chaluim Chille aig Sabhal Mòr Ostaig ann an Slèite aig 5.30f Dihaoine 30mh dhen t-Sultain agus bidh Roger Hutchinson an làthair airson leabhraichean a shoighneagadh.