|
LEABHAR
ÙR AGUS DEALBH ÙR
Chaidh leabhar ùr Gàidhlig a chur air bhog agus dealbh ùr de Shomhairle MacGill-Eain a thaisbeanadh aig oidhche litreachais ann an Sabhal Mòr Ostaig an t-seachdain seo chaidh (10.05.05). Tha ceangal làidir ann eadar an leabhar agus an dealbh, oir 's e Clò Hallaig a dh'fhoillsich an leabhar, foillsichear ùr a chaidh a chur air bhonn le Iseabail NicGhill-Eain, nighean Shomhairle. Tha an leabhar, Rìoghachd nan Eilean, stèidhichte air sreath telebhisein den aon ainm a chaidh a chraoladh air BBC 2 Alba aig toiseach 2003. Bha làmh mhòr aig Iseabail sa phròiseact agus 's i a chuir air dòigh agus a dheasaich e thairis air grunn bhliadhnaichean agus cuideachd a riochdaich e.
Chaidh an leabhar fhèin a sgrìobhadh le Dòmhnall Uilleam Stiùbhart bhon Bhac ann an Leòdhas. Tha e a' dol thairis air mìle bliadhna de dh'eachdraidh nan Gàidheal bho 550 gu 1550. Fhuair e cuideachadh bho Chomhairle nan Leabhraichean, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig agus Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig.
Ach a bharrachd air an leabhar bha an dealbh; chaidh a toirt mar thiodhlac dhan Cholaiste leis an neach-ealain Peter Edwards à Oswestry ann an Shropshire. Tha Mgr Edwards air mòran dhealbhan a dhèanamh de dhaoine mar Sir Bobby Charlton agus bàird mar Douglas Dunn agus Adrian Hendri. Tha an dealbh fhèin còrr agus ochd troighean a dh'àirde, agus i a' sealltainn Somhairle na sheasamh air a' chladach aig Peighinn a' Chorrain anns a' Bhràighe, agus Glàmaig air a chùlaibh. Bha Mgr Edwards fhèin an làthair airson an dealbh a thoirt dhan Cholaiste.
Thug
An t-Àrd-ollamh Tormod MacIllIosa taing do Mhgr Edwards às leth
na Colaiste agus bhruidhinn Alasdair MacRath às leth Urras Shomhairle.
Pàirt de dhleasdanas an Urrais 's e a bhith a' brosnachadh obair ùr
le sgrìobhadairean ùra agus ri linn sin bha e air leth iomchaidh
gun robh oileanaich bhon Cholaiste agus clann òga a' gabhail pàirt.
Sheinn Seumas Greumach agus Kirsteen NicDòmhnaill gu h-àlainn
agus fhuair sinn sgeulachdan annasach goirid bho Choinneach Lindsay à
Loch Obha agus bho Mhàiri NicLeòid à Carabost. Leugh
am bàrd òg Teàrlach Quinnell dàin ùra.
A' tòiseachadh agus a' crìochnachadh am pàirt sin dhen
oidhche bha Liam MacIlledhuinn air a' phìob-mhòir. Tha iad sin
uile nan oileanaich aig SMO, rud a tha na bhrosnachadh mòr do sheinn,
do cheòl agus do litreachas na Gàidhlig.
Bha e math cuideachd a' faicinn clann a' leughadh sgeulachd a rinn iad fhèin. Leugh Màiri agus Steaphanaidh Chaimbeul sgeulachd uabhasach èibhinn a bhuannaich a' chiad duais aig a' Mhòd Rìoghail Nàiseanta an-uiridh. Bha an athair Aonghas Pàdraig Caimbeul na fhear an taighe airson na h-oidhche.
|