LEABHARLANN SABHAL MÒR OSTAIG A' CEANGAIL RI LÌONRA LEABHARLANNAN NA PÀRLAMAID


Dealbh air an Àrd-ollamh Tormod MacGilliosa agus Iain Fearchar Rothach BPAChaidh inbhe mar "Leabharlann Ceangailte" Pàrlamaid na h-Alba a thoirt do leabharlann Sabhal Mòr Ostaig seachdain sa chaidh. Tha seo a' ciallachadh gum faigh an leabharlann seirbheisean taic bhon Phàrlamaid agus gum faigh e am fiosrachadh pàrlamaideach as ùire, a' toirt cothrom don choimhearsnachd ionadail fiosrachadh fhaighinn mun Phàrlamaid an dà chuid anns a' Ghàidhlig agus anns a' Bheurla.

Bha Iain Fearchar Rothach BPA a' cur an leabharlann air bhog mar Leabharlann Ceangailte agus thuirt e: "Le bhith a' ceangail ri Lìonra nan Leabharlann Com-pàirtiche, bidh cothrom nas fheàrr aig Leabharlann Sabhal Mòr Ostaig air fiosrachadh Pàrlamaideach. Tha seo a' dearbhadh cho cudthromach agus a tha obair choimhearsnachd dhan Phàrlamaid, gu h-àraid anns a' choimhearsnachd Ghàidhlig. Tha mi a' cur fàilte chridheil air a' phròiseict seo".

Thug Oifigearan Gàidhlig na Pàrlamaid agus Stiùiriche na Colaiste, an t-Àrd-ollamh Tormod MacGilliosa òraidean seachad cuideachd.


Cùl-fhiosrachadh

Dealbh air Iain Fearchar Rothach BPA, An t-Àrd-ollamh Tormod MacGilliosa, Sarah Gundry agus Alasdair MacCaluim, Oifigearan Gàidhlig na Pàrlamaid agus Christine Cain, Leabharlannaiche na ColaisteTha Leabharlann Com-pàirtiche anns gach sgìre-phàrlamaid, agus tha seachd a bharrachd ann, a' mhòr-chuid dhiubh sin air a' Ghàidhealtachd, gus mothachadh a thoirt do na duilgheadasan sgìreil agus còmhdhail àraid a tha a' bualadh air luchd-taghaidh ann an sgìrean dùthchail. Bidh Leabharlannan Ceangailte a' faighinn nan seirbheisean a leanas: