|
Dreuchd ùr na chomharra air leasachadh agus leudachadh leantainneach an t-Sabhail Mhòir
Chaidh an Dr Gillian Rothach ainmeachadh mar Leas-stiùiriche an Fhoghlaim aig Sabhal Mòr Ostaig an t-seachdain-sa, dreuchd ùr a tha a’ comharrachadh leudachadh na colaiste sna beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh agus a tha mar thoradh air leasachaidhean ùra a tha air fàire.
Tha an Dr Rothach na Stiùiriche Cùrsa air a’ chùrsa BA (le urram) ann an Gàidhlig agus Iomall a’ Chuain Siar, dreuchd anns an do thòisich i aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 2001. Roimhe sin, bha i na neach-rannsachaidh aig Oilthigh Obar Dheathain ann an Ionad Arkleton airson Rannsachadh Leasachadh Dùthchail, agus bha i ag obair do Chlann an Alba, a’ bhuidheann-sgàile nàiseanta airson buidhnean cloinne saor-thoileach, reachdail agus proifeiseanta.
Thuirt an Dr Rothach, a tha bho Shiorrachd Bhanbh o thùs, mun obair ùr aice: “Tha mi anabarrach toilichte an cothrom seo fhaighinn a bhith an sàs ann an leasachaidhean ùra aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha a’ Cholaiste air leth mothachail, ri linn atharraichean nàiseanta, gu bheil cruaidh fheum aig saoghal na Gàidhlig air oileanaich le sàr chomasan acadamaigeach agus pragtaigeach ann an leasachadh cànan agus cultar na Gàidhlig. Mar sin, thathar a’ cruthachadh chùrsaichean ùra agus chothroman rannsachaidh ùra a bheir sgilean riatanach do dh’oileanaich fo-cheum agus for-cheum.
“Tha Sabhal Mòr a’ coimhead air adhart ri cùrsaichean ùra airson trèanadh thidsearan tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre àrd-sgoil; thèid FÀS – ionad-gnìomhachais, ionad-rannsachaidh, ionad-cùram chloinne agus àite-taisbeanaidh – fhosgladh aig deireadh na bliadhna seo; agus thathar an dòchas rannsachadh air ath-bheothachadh cànain a leasachadh gu mòr an-ath-bhliadhna, 2008. Mar sin, tha e air leth inntinneach a bhith a’ com-pàirteachadh ann a bhith a’ toirt air adhart na leasachaidhean sin.”
Bidh an Dr Rothach ag obair còmhla ri Iain Tormod MacLeòid, Ceannard an Fhoghlaim, a chuir fàilte air an naidheachd: “Thar nam bliadhnaichean, tha foghlam adhartach agus àrd-ìre aig Sabhal Mòr Ostaig air a bhith a’ leudachadh gu mòr, le oileanaich comasach air gluasad bho chùrsaichean do luchd-tòiseachaidh troimhe gu foghlam for-cheum tro mheadhan na Gàidhlig. Mar bhall de Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna, agus ann an co-bhonn ri ionadan àrd-fhoghlaim eile, tha sinn a’ com-pàirteachadh ann an leasachaidhean air leth, gu sònraichte a thaobh rannsachadh agus leasachadh cànain a bheir air adhart inbhe rannsachaidh an t-Sabhail agus a bhios gu maith na Gàidhlig san fharsaingeachd. An lùib gach leasachadh agus leudachadh sin, bha a’ Cholaiste ag aithneachadh an cruaidh fheum air an neartachadh de shiostaman rianachd, stiùiridh agus co-òrdanachaidh aig àrd-ìre.
“Mar thoradh air an seo, chaidh dreuchd Leas-stiùiriche an Fhoghlaim a chruthachadh agus tha mi air leth toilichte gu bheil an Dr Gillian Rothach air an dreuchd chudromach seo fhaighinn. Bidh Gillian a’ cumail oirre mar stiùiriche cùrsa agus, leis an eòlas luachmhor a th’ aice air foghlam àrd-ìre agus a bhith ag adhartachadh chùisean rannsachaidh, tha mi làn-chinnteach gun cuir i gu mòr ri leasachadh agus ri stiùireadh na Colaiste anns an àm ri teachd.”
Chaidh inbhe na colaiste mar ionad nàiseanta airson leasachadh na Gàidhlig agus a cultair a chomharrachadh an-uiridh nuair a dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba àrdachadh luach £3.5 millean sa bhun-mhaoineachadh aice. Agus am measg nan leasachaidhean as ùire aig a’ cholaiste tha BA ùr ann an Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta agus an t-ionad ùr FÀS a tha gu bhith fosgladh nas fhaide air a’ bhliadhna.
Crìoch…
Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu fios gu Iain Tormod MacLeòid air 01471 888302.
Fiosrachadh do luchd-deasachaidh
|