LEASACHADH LÈIRSINNEACHD DO SABHAL MÒR OSTAIG

Tha Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta airson leasachadh cànan is cultar na Gàidhlig, air ceum mòr a ghabhail an t-seachdain sa, nuair a chaidh Fàs, ionad ùr airson Gnìomhachas Cruthachail is Cultarail, a chur air bhog, agus e suidhichte air làraich a tha làmh ri àrainn chliùiteach na Colaiste, Àrainn Chaluim Chille, ann an Slèite.

Tha an t-ionad ùr a’ riochdachadh an ath cheum ann an leasachadh an t-Sabhail Mhòir, a leigeas leis an t-àite a tha e air cosnadh mar ionad nàiseanta airson Gàidhlig is a cultar a leudachadh. Fhuair an t-ionad an deagh naidheachd o chionn goirid gun do dh’aontaich Iomairt na Gàidhealtachd an tuilleadh maoineachaidh a thoirt don phròiseict, a’ ciallachadh gun tèid a’ phròiseact air adhart.

Bidh an t-ionad, a thèid a thogail le UBC Group, an sàs ann an leasachadh Ealan, Cultar is Dualchas na Gàidhlig agus bidh e mar àite-breith do chompanaidhean ùra a bhios a’ lìonadh nam beàrnan a tha ann anns an latha an-diugh ann an seirbheisean is stuthan cultarail, agus gu seachd àraid anns na nuadh-mheadhanan.

Thuirt Stiùiriche na Colaiste, An t-Oll. Tormod MacGillÌosa, o chionn goirid,

“Tha eaconamaidh coimhearsnachd na Gàidhlig ceangailte gu dlùth ri slàinte a’ chànain, agus, ged a tha foghlam na phàirt riatanach, tha feum air barrachd leudachaidh ioma-roinneil, a’ gabhail a-staigh foghlaim, na nuadh-meadhanan, na h-ealain, dualchas, rannsachadh, gnìomhachas agus a’ choimhearsnachd, ann an dòigh a chruthaicheas cothroman do dh’eòlas, fàs is malairt agus a rèiticheas àrainneachd a tha freagarrach do dh’iomairtean seasmhach agus cruthachadh ionmhais ”

Bidh an t-ionad ùr deiseil an ceann bliadhna agus bidh mu 70 dreuchdan an sàs ann, agus 20 a bharrachd a bhios co-cheangailte ris. Bidh àrainn airson companaidhean ùra nan nuadh-mheadhanan air a rèiteachadh, còmhla ri àrainn airson prògraman is iomairtean na Colaiste, cho math ris a’ chompanaidh ioma-mheadhan, Cànan.

Thuirt Ceannard Chànan, Donella Pheutan an t-seachdain sa,

“’S e deagh naidheachd dha-rìreabh a th’ ann gu bheil Fàs air a’ chlach-mhìle seo a ruigsinn, air sàilleabh ‘s gum bi Cànan na phàirt riatanach don iomairt. Bidh an iomairt seo a’ toirt cothrom leudachaidh do Chànan gus an tèid againn an uair sin air obrachadh le companaidhean eile agus compàirt a ghabhail ann am prògraman is iomairtean ionnsachaidh nàiseanta .”

A’ riochdachadh Iomairt nan Eilean, a tha air £2,590,000 a thoirt don phròiseict, thuirt Robert Muir, Ceannard I nan E, An t-Eilean Sgitheanach is Rois an Iar:

“Tha e a’ toirt mòran toileachais dhuinn a bhith a’ cur a’ mhaoineachaidh seo an gnìomh agus a’ cur taic ris na cothroman cosnaidh seo a tha aig ìre àrd. Tha leasachadh structaran an fhoghlaim riatanach ann an leasachadh na sgìre gu lèir. Bidh am measgachadh dhe dh’obair chultarail is ghnìomhachais a’ cruthachadh ionad a bhrosnaicheas gnìomhachas agus na h-ealain taobh a-staigh cànan is cultar na Gàidhlig. O chionn fhada tha SMO air a bhith ann an cridhe nan iomairtean a tha a’ sealltainn gu bheil a’ Ghàidhlig mar shamhla dhe chultar a tha neartmhor, ùr is adhartach. Tha sinn a’ dèanamh fiughar ris an togalach ùr fhaicinn nuair a tha e deiseil agus a bhith ag obair còmhla ri Sabhal Mòr Ostaig anns an àm ri teachd..”

 

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air mòran taic-airgid a thoirt don phròiseict agus thuirt Neach-Cathrach na Comhairle, Alison Magee:

“Tha Comhairle na Gàidhealtachd anabarrach toilichte gun do chuir sinn ri prògram-maoineachaidh na pròiseict air leth a tha seo, a chuireas a’ Ghàidhlig is a cultar ann an cridhe nan leasachaidhean anns na nuadh-mheadhanan is ann an teicneòlas dideatach .”

Thuirt Dennis Malone à HPP, a tha air taic a chur ris an iomairt,

"’S e pròiseict cho-chomannach neartmhor a tha seo a tha mar phrìomh thachartas gnìomhachais anns an Eilean Sgitheanach is Loch Aillse. Tha sinn a’ dèanamh fiughar ri bhith a’ faicinn nam freumhan a’ tighinn còmhla, agus tha sinn toilichte gu bheil maoineachadh an Aonaidh Eòrpaich an sàs anns a’ phròiseict."

Bidh àrainn nan nuadh-mheadhanan ann an cridhe Fhàs, a’ gabhail a-staigh stiùideo telebhisean dideatach aig ìre chraobh-sgaoilidh, taigh-cluiche is goireasan iar-dhealbhaidh, ionad ùr airson nan ealan lèirsinneach is rannsachadh, oifisean, ionadan gnìomhachais agus an t-ionad cùram-cloinne, Fàs Mòr, a ghluaiseas bho an togalach a th’ aige an-dràsta ann an Àrainn Ostaig.

Bidh MacKenzie Partnership os cionn stiùireadh na pròiseict agus tha na h-ailtirean George Mulvagh agus Graeme Peart à Gillespies an Glaschu air an togalach a dhealbhadh. ‘S iad fhèin a dhealbh an dà chuid Àrainn Chaluim Chille anns an Eilean Sgitheanach, a choisinn duaisean ailtearachd, agus Ionad Chaluim Chille ann an Ìle.

Thèid dà phlana a chur an gnìomh aig an ionad ùr; ‘plana tarraing’ a bhios a’ tàladh chompanaidhean stèidhichte don ionad ùr; agus ‘plana altraim’, far am bi seirbheisean altraim a chuireas rannsachadh an gnìomh ann an saoghal gnìomhachais agus a bhios a’ tionndadh bhun-smuaintean gniomhachais gu iomairtean gnìomhachais.

Thuirt Stiùiriche Leasachaidh SMO, Donaidh Rothach, gu bheil feallsanachd lèirsinneach an ionaid ùir a’ freagairt dubhlanan is cothroman a’ chultair ùir dideatach, a chaidh a bhreith nuair a thàinig cultar traidiseanta is na nuadh-mheadhanan còmhla. Tha an roinn seo a’ fàs, thuirt e, air sàilleabh iarrtasan an t-sluaigh air seirbheisean cultarail aig ìre àrd.

Bidh an togalach ùr, a tha suidhichte ri taobh na mara aig ceann a deas Àrainn Chaluim Chille, a’ toirt cothrom air leth don luchd-togail, UBC, an cuid sgilean obrach fhoillseachadh. Tha suidheachadh is sealladh an togalaich ann an àite a tha eireachdail agus a tha freagarrach do dh’iomairt lèirsinneach dhen t-seòrsa seo.

Thuirt James Pedrana, Stiùiriche UBC, aig cuirm-bhogaidh na pròiseict,

“Tha UBC air leth toilichte a bhith an sàs le Sabhal Mòr Ostaig anns a’ phròiseict, agus nì sinn fiughar ri bhith ag obair còmhla gus an sàr togalach seo a thoirt gu buil, agus às am bi a’ Cholaiste moiteil.

Tha sinn a’ faicinn na pròiseict seo mar shamhla de mar a leasaichear a’ chompanaidh againn fhèin. ‘S e cothrom air leth a bhith a’ cosnadh cùmhnant àraid mar seo agus leig e leinn cur ri leasachadh leantainneach na companaidh.
‘S e seo agaibh amannan dripeil is inntinneach ri teachd anns an Eilean Sgitheanach agus tha sinn fhèin a’ beachdachadh air cothroman, a thig am follais anns na mìosan a tha romhainn, a sheallas gu bheil dealas againn a bhith ag obair anns an Eilean Sgitheanach.”