Oileanach Sabhal Mòr Ostaig na Ceann-suidhe nan Oileanach OGE

Liondsaidh

Bhuannaich Liondsaidh NicMhìcheil a tha na h-oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig, taghaidhean oileanaich aig Oilthigh na Gaidhealtachd ‘s nan Eilean (OGE) an t-seachdain sa chaidh. Thèid Liondsaidh air adhart an ath-bhliadhna mar Cheann-suidhe nan Oileanach a’ riochdachadh oileanaich Oilthigh na Gaidhealtachd air fad. ‘S i a’ chiad ceann-suidhe le Gàidhlig a bh’ aig OGE gu ruige seo.

Chaidh Liondsaidh a togail ann an Leòdhas agus bha i na sgoilear aig Àrd-sgoil MhicNeacail ‘S ann an seo a thug oirre Gàidhlig a dh’ ionnsachadh. Tha i a-nise air an darna bhliadhna den cùrsa ceum le Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta aig an t-Sabhal.

Thuirt Liondsaidh, “Tha mi a’ coimhead air adhart ris a’ bhliadhna a tha romham gu mòr. Bha mi an sàs le UHISA an-uiridh mar riochdaire an t-Sabhail agus chòrd e rium uabhasach math. Thàinig mi gu Sabhal Mòr Ostaig air sgath ‘s gu bheil ùidh mhòr agam ann an ceòl traidiseanta agus seinn agus airson mo chuid Ghàidhlig a leasachadh. Tha mi a-nise an dùil oileanaich OGE a bhrosnachadh agus Gàidhlig a bhrosnachadh air feadh an oilthigh.”

Tha Liondsaidh air a bhith na deagh oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig agus fhuair i duais às dèidh a’ chiad bhliadhna airson adhartas a dhèanamh sa Ghàidhlig. ‘S e seinneadair math a th’ innte agus sheinn i dhan a’ Phrìomh Mhinistear nuair a dh’fhosgail e Fàs na bu thràithe sa mhìos seo.

Liondsaidh agus a sgioba

Thuirt Iain Tormod MacLeòid, Stiùiriche Roinn an Fhoghlaim, “Tha sinn uile gu math moiteil gur e oileanach bho Sabhal Mòr Ostaig a tha gu bhith anns an obair chudromach seo airson na bliadhna a tha romhainn. Tha sinn ag uidhe gach soirbheachadh dhith agus tha sinn làn-chinnteach gum bi i na deagh riochdaire do dh’oileanaich air feadh UHI agus gum brosnaich i ùidh nas fharsainge ann an cùisean oileanach, ann an adhartachadh na Gàidhlig agus ann an cothroman cultarach eile a bharrachd.”

Tòisichidh Liondsaidh san dreuchd ùr anns an t-Iuchair agus bidh i stèidhichte aig a’ cholaiste thairis air na bliadhna. Gur math a thèid leat Liondsaidh!

 

.