|
|
COTHROMAN
AIR LETH DO LUCHD-TRÈANAIDH AIR CÙRSA NAM MEADHANAN
Tòisichidh triùir luchd-trèanaidh bhon Eilean Sgitheanach air greis obrach ùr còmhla ri Chris Young, riochdaire filmichean a tha stèidhichte san Eilean, mar phàirt den chùrsa aca, Dioploma ann an Telebhisean is Ioma Mheadhan. Tha an cùrsa cliùiteach seo air a thabhann leis an Urras Trèinidh Telebhisean Ghàidhlig agus Sabhal Mòr Ostaig. Cuiridh Caitlin NicLeòid (Bhatairnis), Manus Greumach (Breacais) agus Donnchadh MacFhionghuin (Slèite) trì mìosan seachad ann an Dùn Èideann ag obair air a' phròiseact as ùir aig Youngfilms, film air a bheil 'Festival' a sgrìobh Annie Griffin, ainmeil airson 'The Book Group' a shoirbhich air Channel 4.
Dh'obraich an luchd-trèanaidh le Youngfilms roimhe air film goirid Gàidhlig, 'Foighidinn', a chaidh a dhèanamh ann an Slèite agus a thèid a chraoladh air a' BhBC aig àm na Nollaig. Bha Chris Young air leth toilichte leis an obair aca, "Tha e soilleir gun do dh'ionnsaich an luchd-trèanaidh sgilean agus eòlas fìor mhath aig a' Cholaiste is iad cho deònach agus comasach fhad 's a bha sinn a' clàradh 'Foighidinn' agus bidh fàilte chridheil romhpa nuair a thilleas iad. Tha e uabhasach cudthromach gum bi tàlant òg sa Ghaidhealtachd air a bhrosnachadh agus tha sinn gu math toilichte a bhith ag obair cuide ri Sabhal Mòr Ostaig agus an t-Urras Trèinidh Telebhisean Gàidhlig gus cothroman ùra a chruthachadh do dhaoine air a' chùrsa Dioploma."
Bidh an luchd-trèanaidh eile a' falbh airson greisean obrach aig BBC Alba agus STV. Tha e follaiseach gu bheil an cùrsa a' soirbheachadh gu mòr is a' mhòrchuid de na h-oileanaich air obair fhaighinn sna Meadhanan Gàidhlig. Tha Donnchadh MacFhionghuin an dòchas gum bi an greis obrach aige aig Youngfilms a' togail air an eòlas a fhuair e air a' chùrsa agus mar cheum do dh'obair làn-thìde anns na meadhanan, "Tha an Dioploma air bun-stèidh làidir a thoirt dhuinn ann an diofar chuspairean - sgrìobhadh, obair chamara, deasachadh, stiùireadh, ioma mheadhan - is tha mi an dùil gun tèid agam air na ionnsaich mi a chur an cèill. 'S e cothrom mìorbhaileach a th' ann agus tha sinn uile a' coimhead air adhart gu mòr ri tòiseachadh air film ùr Chris", thuirt Donnchadh.
Thèid agallamhan
a chumail airson a' chùrsa ùr - a mhaireas bliadhna a-mhàin
- aig tòiseach an Lùnastal. Nam biodh ùidh agaibh anns
a' chùrsa cuiribh fios gu Catriona NicIain air 01471 888 336 no sm00cni@groupwise.uhi.ac.uk
|
|