|
MA ANN AN CULTAR DÙTHCHASACH AGUS AN ÀRAINNEACHD AIR A DHEARBHADH LE SABHAL MÒR OSTAIG
Ghabh
foghlam aig Sabhal Mòr Ostaig ceum mòr air adhart Dihaoine seo
chaidh, 6 an Cèitean, nuair a chaidh MA For-cheum a dhearbhadh ann
an Cultar Dùthchasach agus an Àrainneachd.
Tha Cultar Dùthchasach a' coimhead ri na stuthan, na h-innealan, agus na rudan làthaireil eile a tha ri 'n lorg ann an taighean-tasgaidh agus anns an àrainneachd mu thimcheall oirnn agus gan rannsachadh gus tuigse nas doimhne fhaighinn air ar coimhearsnachd, cultar, eachdraidh agus dòigh-beatha.
Thuirt Iain Tormod MacLeòid, Ceannard an Fhoghlaim aig Sabhal Mòr Ostaig:
"S e ceum air leth cudthromach a tha seo, chan ann a-mhàin dhan t-Sabhal ach do dh'OGE nam Mìle Bliadhna air fad agus dhan Ghàidhlig. Bheir e cothrom do dh'oileanaich foghlam fhaighinn aig an ìre seo tro mheadhan na Gàidhlig airson a' chiad uair riamh agus cuiridh e gu mòr ri curaicealam na Colaiste."
Theid an cùrsa a thabhann pàirt-ùine an toiseach agus thèid a theagasg air astar a' cleachdadh stuthan ionnsachaidh air-loidhne, cho-labhairtean fòn agus bhidio. Cuideachd, gheibh oileanaich an cothrom rannsachadh a dhèanamh anns a' choimhearsnachd agus tighinn dhan Cholaiste airson cuairtean oideachaidh.
Tòisichidh
an cùrsa anns an t-Sultain 2005.
|