|
MEANBH-BHUS ÙR A' CUMAIL SABHAL MÒR OSTAIG AIR NA RATHAIDEAN
Fhuair
oileanaich agus luchd-obrach aig Sabhal Mòr Ostaig, meanbh-bhus ùr
an-dè, mar dhuais bho Chalor
(Alba).
Tha an Leyland Daf, a tha ga ruith le LPG, direach mar eisimpleir de cho taiceil sa tha Calor (Alba) air a bhith don Cholaiste gu ruige seo.
Aig an taisbeanadh thuirt Stiùiriche na Colaiste, An t-Oll. Tormod MacGilliosa,
"Tha sinn air leth taingeil airson cho fiadhlaidh sa tha Calor (Alba) air a bhith don Cholaiste."
"Tha còmhdhail uabhasach cudromach airson oileanaich an t-Sabhail agus tha sinn nas taingeile buileach gu bheil i a' ruith air LPG, a' ciallachadh nach dèan e uiread de chron don àrainneachd 's nach bi e cho cosgail a bhith ga ruith."
"Tha tòrr thursan air am meanbh-bhus san leabhar-latha mu thràth airson oileanaich agus luchd-obrach tron t-Samhraidh."
Tha Calor (Alba) air a bhith an-sàs leis a' Cholaiste airson ùine mhòr agus ann an 2003, chaidh Amharclann Calor (Alba) a thogail, mar dhuais don Cholaiste, a tha a-nise ga chleachdadh airson chèilidhean, thachartasan sòisealta agus a tha na phàirt ùr de dh'àrainn bhrèagha na Colaiste, airson luchd an t-Sabhail agus na coimhearsnachd air fad.
Thuirt Graeme Thomson, manaidsear sgìreil Chalor (Alba),
"Tha e na mhòr-thoileachas do Chalor (Alba) am meanbh-bhus seo a thoirt seachad dhan t-Sabhal agus an cothrom ceanglaichean a chumail leis a' Cholaiste 's iad a' cluich pàirt cho cudromach ann an ath-bheòthachadh is glèidheadh na cànain. Chan eil teagamh sam bith ann gum bi am mheanbh-bhus feumail agus luachmhor an dàrna chuid don Cholaiste agus don choimhearsnachd."
|