SABHAL MÒR OSTAIG AIR A DHEAGH RIOCHDACHADH AIG MÒD NAN EILEAN SIAR 2005

Dealbh air Anna Marie NicRath à Àrd-Sgoil Phort Rìgh a choisinn Bonn Airgid Sabhal Mòr OstaigChuir oileanaich is luchd-obrach Sabhal Mòr Ostaig gu mòr ri Mòd nan Eilean Siar am-bliadhna, 's buaidh na colaiste Gàidhlig ri fhaicinn 's ri chluinntinn ann an Steòrnabhagh fad na seachdain sa chaidh.

B' e sgoilearan bhon Eilean Sgitheanach is Inbhir Nis a ghlèidh duaisean an t-Sabhail Mhòir aig a' Mhòd am-bliadhna. 'S e seo an dàrna bliadhna a chaidh Buinn Airgid Sabhal Mòr Ostaig a thoirt seachad aig prìomh fhèis chultarach na Gàidhlig, agus a bharrachd air a bhith toirt seachad duaisean bha grunn oileanaich bhon cholaiste an sàs sa Mhòd fhèin.

Bhuannaich Anna Marie NicRath à Àrd-Sgoil Phort Rìgh Bonn Airgid Sabhal Mòr Ostaig airson a' phìos bàrdachd 'A' Choille' a leughadh sa cho-fharpais do luchd-ionnsachaidh eadar 13 agus15 bliadhna a dh' aois. Agus b'e Mìcheal Malone à Sgoil a' Mheadhain ann an Inbhir Nis a bhuannaich Bonn Airgid Sabhal Mòr Ostaig airson fileantaich eadar 13 agus15 bliadhna a dh' aois airson a bhith còmhradh ris a' britheamh air cuspair a roghnaich iad fhèin.

Thuirt Fiona Dunn, Oifigear Margaideachd aig Sabhal Mòr Ostaig: "Tha mi smaoineachadh gu bheil e cudromach do Shabhal Mòr Ostaig taic a thoirt do chloinn le Gàidhlig agus tha sinn a' cur meal-an-naidheachd air Anna Marie is Mìcheal. Cuideachd, bha mi smaoineachadh gun robh Mòd nan Eilean Siar uabhasach fhèin soirbheachail 's tha sinn a' coimhead air adhart ri Mòd Dhùn Omhain an ath-bhliadhna"

Ghabh còignear oileanach bhon t-Sabhal Mhòr pàirt sa Mhòd, agus fhuair dithis dhiubh cairt òir airson comas labhairt sa Ghàidhlig. Agus bha dithis a' farpais aig ìre gu math àrd: aon duine sa Bhonn Òir 's agus am fear eile san t-Seann Nòs. Agus bhuannaich Fiona fhèin Bonn Òir 'Tìm an Òbain' airson seinn aon-neach - fhuair Fiona an t-Aigeallan Airgid an-uiridh aig a' Mhòd ann am Peairt.

Bha àite aig a' cholaiste ann am Fèill-reic a' Mhòid - far am b' urrainn do dhaoine tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn mun cholaiste agus, mar as àbhaist, bha grunnan math ann bhon Diploma anns na Meadhanan Gàidhlig 's iad a' toirt taic dhan BhBC fad na seachdain.

Duaisean Mòd nan Eilean Siar 2005