MAOIN ÙRA DE 'CHAIDREACHAS NAN GÀIDHEAL' AIR BHOG

Thug Caidreachas nan Gaidheal £200,000 dhan t-Sabhal Mhòr mar thabhartas an t-seachdain sa chaidh.

Chaidh Caidreachas nan Gaidheal a stèidhicheadh o chionn 50 bliadhna gus taic a thoirt do chroitearan, do dh’iasgairean agus do ghnìomhachasan ùra sa Ghaidhealtachd ‘s na h-Eileanan ‘s iad a’ tabhann iasadan le riadh ìseal do dhaoine nach faigheadh taic-airgid san dòigh àbhaisteach.

B’ e dòigh-obrach annasach a bha seo aig an àm oir b’ e Caidreachas nan Gàidheal a’ chiad bhuidheann a bha deònach iasadan a thabhann a bha stèidhichte air teisteanas pearsanta far am biodh bancaichean ag iarraidh barantas na bu chruaidhe.

Bhon a thòisich i ann an 1953, thug a’ mhaoin còrr is £2m seachad do chroitearan, do dh’iasgairean agus do ghnìomhachasan beaga – agus chaidh gach fear dhiubh a phàigheadh air ais!

Leis mar a dh’fhàs cothroman maoineachaidh aig ìre nàiseanta agus cuideachd aig ìre an Aonaidh Eòrpaich, rinn Caidreachas nan Gaidheal oidhirp air cothroman leasachaidh ùra a lorg.

Tha Sabhal Mòr Ostaig àraid oir ‘s i an aon Cholaiste san t-saoghal far a bheil a cuid foghlaim agus rianachd làitheil ga ruith tro mheadhan na Gàidhlig.

Stèidhichte ann an 1973 san Eilean Sgitheanach, tha Sabhal Mòr Ostaig a-nise na ionad nàiseanta cànan agus cultar. Tha e a’ tabhann cothroman foghlaim, trèanaidh agus rannsachaidh tro mheadhan na Gàidhlig do dh’oileanaich, do choimhearsnachdan agus do ghnìomhachasan, ‘s gam brosnachadh ann an leasachadh sòisealta, cultarail agus eaconomach.

Bha a’ Cholaiste airson urras leasachaidh a stèidhicheadh a chuireadh taic ri oileanaich a bh’ aig agus a bha airson tighinn dhan Cholaiste le bhith a’ tabhann tuilleadh sgoilearachdan dhaibh.  Ach dh’fheumadh i an t-uabhas airgid a thionail gus an gabhadh an riadh a chleachdadh airson sgoilearachdan.

As dèidh fiosrachadh a chur dhan Chaidreachas, thugadh fiachadh dhan t-Sabhal agus do bhuidhnean eile tagradh foirmeil a sgrìobhadh.  Às dèidh tagradh soirbheachail agus taisbeanadh fìor mhath, chaidh aontachadh an t-airgead gu lèir a thoirt don Cholaiste.  Agus mar urram dhan thabhartas mòr seo, thèid ainm na maoine - Caidreachas nan Gàidheal – a chumail.

A’ bruidhinn air an latha fhèin, thuirt Stiùiriche na Colaiste, an t-Oll. Tormod MacGillìosa: “Gus amasan na Colaiste a choileanadh, b’ fheudar dhuinn urras leasachaidh a stèidheachadh le tabhartas a bha mòr gu leòr ‘s gun leigeadh e leinn na leasachaidhean sin a chur an gnìomh cho luath ‘s a ghabhadh agus mar fhianais do luchd-thabhartais eile gum b’ fhiach an sgeama.”


A’ toirt seachad an airgid, thuirt Murchadh Moireasdan, Cathraiche a’ Chaidreachais, “Chan e seo ach toiseach-tòiseachaidh.  Thar na bliadhna a tha romhainn, tha sinn an dòchas daoine eile a bhrosnachadh gus airgead a thoirt seachad agus cuideachd tha sin an dòchas am barrachd airgid a thoirt seachad sinn fhèin.”

“Ged nach e seo an dòigh-obrach àbhaisteach againn, tha sinn den bheachd gu bheil e a’ cumail ri prìomh amasan a’ Chaidreachais – a’ toirt taic do dhaoine gus iad fhèin a chuideachadh – feallsanachd a th’ air a bhith gu math luachmhor do mhuinntir na h-Alba thar nam bliadhnaichean ‘s iad ag ionnsachadh ‘s a’ cleachdadh an cuid sgilean air feadh na dùthcha agus an t-saoghail mhòir. Tha sinn an dòchas gun cuir buidhnean eile ris an t-suim seo.”

“Thathas a’ guidhe gach soirbheachadh dhan Cholaiste ‘s tha sinne mar Chaidreachas làn misneachd gum bi Sabhal Mòr Ostaig a’ cumail oirre mar shamhladh de shoirbheachadh eaconomach na Gaidhealtachd ‘s nan Eilean san àm ri teachd.”