|
MANAIDSEAR ÙR AIG FÀS MÒR
Thoisich manaidsear ùr, Kirsten Shearer aig ionad cùram cloinne, Fàs Mòr ann an Slèite.
‘S ann as siorrachd Obar Dheathain a tha Kirsten agus b’ àbhaist dhith a bhith ag obair aig Bunsgoil Shlèite as dèidh ceum le urram a dhèanamh anns a’ Ghàidhlig.
Thuirt Kirsten, “Tha mi gu math toilichte anns an dreuchd ùr agam agus a’ coimhead air adhart ris an obair leis a’ chlann agus luchd-obrach an ionaid airson brosnachadh a thoirt ris an t-ionad agus dhan coimhearsnachd air fad.”
Dh’ fhosgail Fàs Mòr ann an 2004 agus tha e stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha suas gu còig clann air fhichead a’ dol ann eadar fo bhliadhna dh’ aois suas gu dà bhliadhna deug dh’ aois. Gluaisidh an t-ionad dhan togalach ùr, Fàs, an ath-bhliadhna le aiteachan airson leth-cheud chlann uile gu lèir.
Tha Bòrd Stiùiridh an ionaid air fàilte a chur air a’ mhanaidsear ùr is thuirt ball a’ bhùird, Claire Hannah, “Tha sinn a’ cur fàilte mhòr air Kirsten dhan sgioba againn agus tha sinn làn misneach gum bi i a’ toirt neartachadh aig àm cudthromach gu Fàs Mòr.”
‘S e Fàs Mòr an aon ionad cùram cloinne air an Eilean Sgitheanach a tha a’ toirt cùram-latha do chlann anns a’ Ghàidhlig.
|