|
LUCHD-OBRACH ÙR A’ CUR RI ADHARTAS LEANTAINNEACH NA COLAISTE
Tha dithis luchd-obrach ùr air tòiseachadh aig Sabhal Mòr Ostaig agus a rèir Stiùiriche na Colaiste am Proifeasair Tormod MacGillIosa, tha an leudachadh seo dhen sgioba obrach mar chomharra air an leasachadh leantainneach a tha ri fhaicinn aig a’ cholaiste agus tha e gu sònraichte freagarrach leis an ionad ùr a thathar a’ togail an-dràsta, Fàs.
Tha Dòmhnall Angaidh MacIllinnein bho Uibhist a Tuath air tòiseachadh san dreuchd ùr, Stiùiriche Malairt na colaiste, agus tha Marlene NicDhòmhnaill bho Bhorgh san Eilean Sgitheanach air obair an Oifigeir Mhargaidheachd a ghabhail os làimh.
Thuirt Proifeasair MacGilliosa: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil Dòmhnall Angaidh agus Marlene a’ tòiseachadh san dà dhreuchd chudromach seo aig àm air leth inntinneach agus dòchasach dhan cholaiste. Le fosgladh an ionaid ùir, Fàs, an ath-bhliadhna bidh goireasan ùra aig a’ cholaiste airson gnìomhachas, na h-ealain, gnothaichean culturach agus airson dualchas na Gàidhlig. Tha mi cinnteach gun cuir Fàs ri, chan e a-mhàin adhartas na colaiste, ach ri leasachadh leantainneach na Gàidhlig agus na coimhearsnachd ann an Slèite.
“Tha a’ cholaiste air leth fortanach gu bheil sinn air dithis luchd-obrach a thàladh aig a bheil sgilean agus comasan sònraichte a chuireas gu mòr ri piseach na colaiste thairis air na bliadhnaichean a tha romhainn. Rinn Dòmhnall Angaidh obair ionmholta aig Ionad Chaluim Chille Ìle le bhith leasachadh foghlam agus cultar na Gàidhlig ann an Ìle, agus tha Marlene air eòlas farsaing fhaighinn air cùisean corporra agus cànain bho a h-àm aig Cànan far an robh i ag obair air caochladh phròiseactan a thaobh na Gàidhlig.”
Tha eòlas mòr aig Mgr MacIllinneinn air obair leasachaidh na Gàidhlig agus air a bhith ag obair còmhla ri coimhearsnachdan agus air cùisean gnìomhachais. Am measg nan obraichean a bh’ aige roimhe bha e ag obair aig a’ chompanaidh uisge-beatha Praban na Linne, aig Cànan, aig Iomairt Chaluim Chille agus esan a’ chiad Oifigear Phròiseactan aca ann an Alba, agus mu dheireadh bha e na Stiùiriche air Ionad Chaluim Chille Ìle ann an Gart na Trà ann an Ìle far an robh e os cionn trì bliadhna gu leth de dh’adhartas cunbhalach aig an ionad foghlaim is cultair.
A’ bruidhinn mun obair ùr aige thuirt Mgr MacIllinnein: “Tha mi air leth toilichte a bhith air ais aig an t-Sabhal agus an sàs sna cothroman a th’ air fàire ri linn a’ ghoireis àlainn ùir, Fàs. Bidh an togalach na shàr eisimpleir air mar a tha cosnaidhean ùra is leasachaidhean cultarach sa Ghàidhlig air fàs aig a’ cheart àm ri cothroman ionnsachaidh na colaiste leis gum bi ionad cùram-cloinne ùr do Fàs Mòr, stiùideo telebhisean, ionad ionnsachaidh, is àite-obrach is taisbeanaidh nan ealain am measg nan goireasan ùra. Ged a bhios mi ag ionndrainn muinntir Ìle is Ionad Chaluim Chille Ìle, tha mi cinnteach gum bi cothroman co-obrachaidh a’ nochdadh eadar an dà ionad mar phàirt den dreuchd ùr.”
Bha Marlene NicDhòmhnaill na h-oileanach air a’ Chùrsa Telebhisean aig Sabhal Mòr Ostaig agus chuir i seachad ceithir gu leth bliadhna an uair sin ag obair aig a’ chompanaidh Cànan mar neach-deasaiche air an làrach lìn do dheugairean, Sgleog, far an robh caochladh dhleastanasan aice an lùib a’ phròiseict sin agus pròiseactan eile.
A rèir a’ bhean-phòsda NicDhòmhnaill: “Tha mi air leth toilichte leis an dreuchd ùr seo agus tha mi an dùil agus an dòchas an ìomhaigh làidir a tha aig a’ cholaiste a thogail gu ìre fiù ’s nas àirde. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil obair margaidheachd na colaiste gu math cudromach chan e a-mhàin airson a’ cholaiste fhèin ach airson Gàidhlig anns an fharsaingeachd cuideachd.”
Tha an dithis luchd-obrach ùr a’ cur ri sgioba corporra na colaiste aig àm gu math cudromach agus fosgladh an ionaid ùir Fàs air fàire. Thèid Fàs, ionad ùr airson Gnìomhachas Cruthachail is Cultarail, fhosgladh an ath bhliadhna agus bidh an t-ionad, a thèid a thogail le UBC Group, an sàs ann an leasachadh Ealan, Cultar is Dualchas na Gàidhlig agus bidh e mar àite-breith do chompanaidhean ùra a bhios a’ lìonadh nam beàrnan a th’ ann anns an latha an-diugh ann an seirbheisean is stuthan cultarail, agus gu seachd àraid anns na nuadh-mheadhanan.
Fiosrachadh don luchd-deasachaidh:
AIRSON TUILLEADH FIOSRACHAIDH CUIRIBH FÒN GU:
Nicola NicThòmais air 01471 888301.
|