|
SABHAL MÒR AGUS OILTHIGH LUIMNICH A' NEARTACHADH CHEANGLAICHEAN
Ann
an ceum mor air adhart airson foghlam àrd ìre air a' Ghaidhealtachd,
tha càraid Èireannach a th' air fòrlagh sàbaideach
bho Oilthigh Luimnich a' cur crìoch
air an tràchdasan PhD aig Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach.
Thàinig Niall Keegan agus Sandra Joyce dhan t-Sabhal Mhòr anns an Fhaoilleach. Rinneadh Luchd-rannsachaidh Urramach dhiubh aig Institiùid OGE nam Mìle Bliadhna anns a bheil Sabhal Mòr Ostaig na phàirt. Tha an dithis nan stiùirichean cùrsa aig Ionad Ceòl na Cruinne ann an Oilthigh Luimnich. Tha Niall a' cur crìoch air PhD ann an ceòl is dannsadh tradaiseanta na h-Èireann, agus tha a chèile Sandra a' rannsachadh a' chlàrsair Traolach Ó Cearbhalláin a bha beò anns an 17mh 's an 18mh linn.
Thadhail Sandra agus Niall air an Eilean Sgitheanach airson a' chiad uair ann an 2003, agus iad a' cluich ceòl nuair a thadhail Ceann-suidhe na h-Èireann, Mary MacAleese air an t-Sabhal Mhòr - tha Niall ainmeil air an fhìdeig agus bidh Sandra a' seinn 's a' cluiche a' bhodhrain. Bha an dithis eòlach air na leasachaidhean ann am foghlam àrd ìre air a' Ghaidhealtachd 's na ceanglaichean ri Èirinn ri linn an oide aca, an t-Àrd Ollamh cliùiteach Mícheál Ó Súilleabháin a chuir Ionad Ceòl na Cruinne air bhonn. "Chuala sinn mun phrògram iomlaid eadar Alba 's Èirinn agus mun obair anns a bheil Iomairt Chaluim Chille an sàs," arsa Niall. "Bha sinn a' smaoineachadh gun còrdadh e rinn rudeigin mar sin a dhèanamh, agus chuir sinn ar n-ainmean a-steach airson crìoch a chur air ar tràchdasan an seo."
Chaidh Iomairt Chaluim Chille a chuir air chois an dèidh dhan Cheann-suidhe Èireannach a bha san dreuchd ro Mhary MacAleese, Mary Robinson, tadhal air Sabhal Mòr Ostaig ann an 1997. Tha e fa-near dhan phròiseact thrì-phàirteach, aig a bheil oifisean ann an Gaillimh, Beul Feirste agus san Eilean Sgitheanach, ceanglaichean ath-bheothachadh 's a dhaingneachadh eadar Gaidhealtachdan na h-Alba, Poblachd na h-Èireann agus Ceann a Tuath na h-Èireann.
Cha deach Sandra no Niall a thogail le Gàidhlig na h-Èireann ach tha an nighean aca a tha seachd bliadhna a dh'aois na sgoilear anns an Aonad Ghàidhlig ainmeil ann am Bunsgoil Shlèite - 's air a dòigh glan. "Chòrdadh e rinne tilleadh agus cùrsa goirid Gàidhlig a dhèanamh aig an t-Sabhal Mhòr," arsa Sandra, "no clàradh air a' Chùrsa Inntrigidh, an cùrsa air astar airson luchd-ionnsachaidh."
A thaobh nan tràchdasan PhD aca, tha Niall is Sandra air iomadach ceangal a lorg eadar Alba 's Èirinn. "Tha an tràchdas agamsa a' coimhead air mar a leudaich luchd-ciùil tradaiseanta na nòsan is cleachdaidhean aca," arsa Niall, "agus tha e inntinneach a bhith a' faicinn mar a rinn luchd-ciùil Albannach sin ann an dòighean eadar-dhealaichte."
Agus bidh Sandra a' dèanamh soilleir gu bheil a' cruit Èireannach "an ìre mhath co-ionann ris a' chlàrsaich Ghaidhealaich. Ged nach eil duine an-diugh a' cluiche mar a bha Ó Cearbhalláin 's na seann chruitearan, tha clàrsach an latha an-diugh an aon rud ris a' chruit Èireannaich ùir."
Arsa Tormod MacIllÌosa, Stiùiriche Sabhal Mòr Ostaig:
"Tha e air feum a dhèanamh dhuinne ar ceanglaichean ri Oilthigh Luimnich a neartachadh le bhith a' toirt aoigheachd do Niall is Sandra air a' bhliadhna shàbaidich aca. Bhon a thachair mi ri ceannard na roinne aca, Mícheál Ó Súilleabháin, tro charaid a th' againn, tha mi air ùidh a ghabhail anns an dòigh chruthachail a th' aige gus ceòl na h-Èireann a chur fa chomhair an t-saoghail air fad. Aig amannan tha sinn buailteach a bhith car cuingealaichte nar beachdan, agus tha Mícheál 's a chompanaich glè mhath air sin a sheachnadh."
"Nuair a chuireas sinn ar Ceum ann an Ceòl Tradaiseanta na Gàidhlig air bhonn an ath-bhliadhna bidh sinn gun teagamh sam bith a' daingneachadh nan ceanglaichean a th' againn ri Micheál agus a sgioba, agus ris na ceumannan PhD a tha Iomairt Chaluim Chille air stèidheachadh eadar an Sabhal Mòr agus Luimneach, airson brosnachadh a thoirt do rannsachadh eadar-chultarail air inbhe a' chànain ann an ceòl is dannsadh."
|