|
ÒRAID AN T-SABHAIL 2007
Bheir a’ Phrìomh Mhinistear, Alex Salmond BP, BPA seachad Òraid an t-Sabhail am-bliadhna, a’ cheathramh òraid deug bhon a thòisich I ann an 1990.
Tha Òraid an t-Sabhail, a tha maoinichte le STV, aithnichte a-nise mar shàr thachartas ann an saoghal na Gàidhlig agus na eisimpleir de cho cudromach ‘s a tha Sabhal Mòr Ostaig mar Ionad Nàiseanta Cànain is Cultair.
Thèid an Òraid a chumail ann an Talla Naomh Cecilia, Dun Èideann, air Diciadain 19 Dùbhlachd agus thèid a chraoladh air STV air oidhche Dhairdaoin 20 Dùbhlachd aig 11f.
Thug iomadach neach clìuthteach seachad Òraid an t-Sabhail anns na bliadhnaichean a dh’fhalbh, nam measg, Prìomh Mhinistearan mar Donald Dewar, nach maireann, Gordon Brown agus Jack MacConnell agus Ceann-suidhe na h-Eireann Mary Robsinson. Cuideachd, nam measg bha Eamonn O Cuiv, Ministear na Gaeltachta, an t-Oll Seumas Mac an t-Sealgair, a thug seachad a’ chiad òraid, agus Prionnsabail Oilthigh Obar Dheathain, An t-Oll Duncan Rice, a thug seachad an òraid mu dheireadh ann an 2005.
Thuirt Stiùiriche na Colaiste, an t-Oll. Tormod MacGilliosa: “Tha e na mhòr thoileachas do dh’Urrasairean an t-Sabhail gum bi a’ Phrìomh Mhinistear a’ toirt seachad Òraid an t-Sabhail am-bliadhna. Tha sinn uile a’ coimhead air adhart ri cluinntinn mar a tha esan a’ faicinn suidheachadh na Gàidhlig agus a cultair ann an Alba san àm a tha ri teachd.”
Thèid an Òraid a chumail le taic bho Oilthigh Dhun Èideann agus Morrison Construction.
|