ÒRAID RUAIRIDH MHIC ILLEATHAIN DO LUCHD-CEUMNACHAIDH A' CHÙRSA INNTRIGIDH, SABHAL MÒR OSTAIG 01/12/07

Dè tha anns a’ chumantas eadar Eideard Dwelly agus Maighstir Ailean, sagart Eirisgeigh? Bha iad beò timcheall an aon àm. Rinn iad le chèile mòran airson na Gàidhlig. Tha an dìleab fhathast beò an-diugh, gu dearbh. Agus ’s e a bh’ annta daoine a dh’ionnsaich Gàidhlig mar inbhich. Choisich iad astar fada air rathad na Gàidhlig, agus sheall iad an rathad air adhart do mhòran eile. Aig amannan bha iad air thoiseach air càch, mar gum biodh le lanntair nan làmhan, a’ deàlrachadh air cas-cheum nan Gàidheal.

’S e dà ainm a tha sin a tha mi airson ’s gun cuimhnich sibh nuair a tha sibh a’ siubhal rathad na Gàidhlig anns an ùine a tha romhainn. Tha sibh uile air a’ chiad cheum a ghabhail air an rathad sin, agus tha ceumannan mòra romhaibh. Aig a’ cheann thall, ge-tà, tha mi an dòchas gum bi feadhainn anns an t-seòmar seo a tha a’ dol a bhith air thoiseach, a’ soilleireachadh an rathaid do chàch.

Mar a rinn Eideard Dwelly agus Maighstir Ailean. Dwelly leis an fhaclair aige air nach do rinneadh beatadh fhathast. Agus Maighstir Ailean – sagart, bàrd, òranaiche, fear-dìon a shluaigh, fear-dìon na Gàidhlig. Duine air a bheil spèis is urram thar chàich fhathast ann an Eirisgeigh – agus am measg nan Gàidheal anns an fharsaingeachd.

Agus chan eil e gu diofar cò às a tha sibh. Bha Dwelly à Sasainn. Bha Maighstir Ailean às a’ Ghearasdan. Tha daoine an-diugh fileanta ann an Gàidhlig ann am mòran dùthchannan taobh a-muigh Alba. Mas e ’s gu bheil a’ Ghàidhlig agaibh nur cridhe, agus gun tig i air ur teanga, ’s e sin uile a tha dhìth airson rudeigin a chur rithe.

Tha sinn beò aig àm a tha iongantach ann an eachdraidh nan Gàidheal. Tha Achd na Gàidhlig ann, tha Bòrd na Gàidhlig ann, tha Clì Gàidhlig ann, tha Comunn na Gàidhlig ann, tha Sabhal Mòr Ostaig ann, tha Ùlpan ann. Tha an Cùrsa Inntrigidh ann! Nach math sin! Bidh sianal telebhisein ann – tha sinn an dòchas. Tha cothroman ann. Cothroman air leth. Agus tha luchd-ionnsachaidh mar phàirt mhòr dhen dealbh.

Tha saoghal nan Gàidheal ag atharrachadh. Bu chòir dhuinn a bhith onarach mu dheidhinn sin. Uaireannan tha sinn car diùid a thaobh a bhith ag innse don t-saoghal a-muigh dè dìreach a tha a’ dol anns an t-saoghal againn.
Tha e a’ cur nam chuimhne turas a chaidh gille a dh’ionnsaigh polasman is thuirt e ris, “Gabhaibh mo leisgeul, ach tha duine agus m’ athair a’ sabaid anns an t-sràid. Tha iad air a bhith a’ sabaid fad uair a thìde.”

“Mo chreach,” thuirt am poileas, “carson nach do dh’innis thu dhomh roimhe seo?”
“O uill,” fhreagair an gille, “bha m’ athair a’ buannachadh aig an toiseach!”

’S dòcha gur ann air an rathad eile a tha e ann saoghal na Gàidhlig. Tha sinn nas buailtiche a bhith a’ foillseachadh nuair a tha sinn a’ buannachadh, is a’ cumail rudeigin sàmhach, diùid nuair a tha sinn a’ call. Tuigear carson. Tha sinn an urra ri airgead bho sporan an riaghaltais agus deagh-ghean bhon phoball. Poball na Beurla. Ach, co-dhiù tha a’ Ghàidhlig a’ buannachadh no a’ call, bu chòir dhuinn a bhith na b’ fhosgailte mu ghnothaichean. Chan eil math dhuinn a bhith a’ dèanamh a-mach gu bheil cùisean rèidh mura h-eil iad rèidh.

O chionn ghoirid bha daoine a’ bruidhinn air bàs na Gàidhlig anns na h-eaglaisean, eadhon anns an Eaglais Shaoir, agus nas lugha ’s nas lugha de mhinistearan ann a tha comasach air searmon a lìbhrigeadh sa chànan. Bha cuid ag ràdh o chionn ceala-deug gum biodh sin a’ ciallachadh gum biodh a’ Ghàidhlig marbh – a dh’aithghearr. Cho marbh ri sgadan.
Biomaid onarach. Tha a’ Ghàidhlig a’ bàsachadh anns na h-eaglaisean - a chionn ’s gu bheil i a’ crìonadh anns na coimhearsnachdan far a bheil i air a bhith làidir. No anns a’ chuid as motha aca co-dhiù. Ach, eadhon ma dh’fhalbhas i bho na h-eaglaisean, cha bhi i marbh. Ma tha gu leòr de dhaoine ann a chanas, “Fhad ’s as beò mise, chan fhaigh a’ Ghàidhlig bàs!”, bidh i beò gu sìorraidh, eaglaisean ann no às.

Cha bu mhath leam sin fhaicinn. B’ fheàrr leam gun tigeadh i air ais anns na h-eaglaisean. Ach tha eagal orm nach tig. Tha rudeigin a’ tachairt ann an saoghal nan Gàidheal an-dràsta. Cha toigh leam e, ach thuige seo cha do rinneadh gu leòr airson stad a chur air. Tha mi a’ bruidhinn air mar a tha an cànan a’ crìonadh anns na coimhearsnachdan far an robh i làidir làidir – gu h-àraidh anns na h-Eileanan Siar. Tha cuid de dh’eileanaich air am misneachd a chall, a rèir choltais – mar a thachair air tìr-mòr ginealach no dhà roimhe – agus ’s e droch rud a tha sin. Feumaidh sinne misneachd a thoirt dhaibh! Feumaidh Alba misneachd a thoirt dhaibh.

Tha na figearan a thaobh foghlam a’ dearbhadh a’ chrìonaidh. Chan eil ach a’ chairteal chuid de chloinn anns na h-Eileanan Siar a’ faighinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. A’ chairteal chuid a-mhàin. ’S e masladh a tha sin. Chan eil e air àrdachadh idir anns na deich bliadhna a dh’fhalbh. Tha e air a dhol air ais, seach air adhart – ged a tha na figearan a nochd an-dè rud beag nas fheàrr – agus a’ toirt beagan dòchais dhuinn.

Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig nas fheàrr na foghlam tro mheadhan na Beurla. Tha fhios againn air sin. Tha e a’ toirt a-mach òigridh a tha dà-chànanach. Òigridh a tha comasach air gabhail ris na cothroman a th’ ann an saoghal dà-chànanach – agus a’ cur ris an t-saoghal dhà-chànanach anns a bheil sinn beò. Ach fhathast tha a’ mhòr-chuid de phàrantan anns na h-Eileanan Siar ga sheachnadh.

Tha obair mhòr a dhìth, a chàirdean, airson ar cànan a dhìon anns na h-àiteachan far a bheil i làidir mar chainnt coimhearsnachd. Gu pearsanta, tha mise dhen bheachd gu bheil an t-àm ann sguir a bhith a’ gabhail “Innse Gall” air na h-eileanan sin. Innse Gall? A bheil sinn a’ guidhe bàs air ar cànan? Dè mu dheidhinn “Na h-Eileanan Gàidhealach” mar ainm anns an aonamh linn air fhichead?

Dè thachradh nan tigeadh an droch aisling gu bith? Gum falbhadh na Gàidheil bho na h-Eileanan a-Muigh? Dè thachradh nam falbhadh a h-uile duine aig an robh Gàidhlig mar chiad chànan a-nochd? Agus nach biodh air fhàgail a-màireach ach an fheadhainn a dh’ionnsaich i – co-dhiù bhiodh iad fileanta gus nach bitheadh? ’S e droch aisling a th’ ann. Ach am biodh a’ Ghàidhlig marbh?

Uill, faodaidh sinn a’ cheist sin a fhreagairt le bhith a’ coimhead air coimhearsnachd Ghàidhealach – feadhainn a bhruidhneas cànan a thuigeas sinn uile anns an t-seòmar seo – gu ìre air choreigin. Tha mi a-mach air Eilean Mhanainn. A h-uile inbheach aig a bheil Gàidhlig Eilean Mhanainn an-diugh – ’s e Beurla, no ’s dòcha cànan cèin, a’ chiad chànan aca. Tro thìde, ’s dòcha gun atharraich sin, oir tha feadhainn a’ fàs suas a tha a’ faighinn na Gaelg, mar a chanas iad, anns an dachaigh – agus, gu dearbh, anns an sgoil.

Bha mi ann an Eilean Mhanainn am-bliadhna agus thàinig e a-steach orm nach eil na daoine – na Gàidheil – a-mach air “bàs cànain” idir idir. Tha iad a-mach air “leudachadh”, air “meudachadh”, air “beothalachd”, air “coimhearsnachd a thogail”, air “dearbh-aithne nam Manainneach”. Air “beatha”, chan ann air “bàs”. Ge brith dè tha a dhìth orra, chan eil misneachd nam measg.

Chaochail am fear mu dheireadh aig an robh Gàidhlig Eilean Mhanainn mar chiad chànan – Ned Maddrell – ann an 1974. Bha eòlaichean ag ràdh aig an àm gun robh an cànan marbh. Gu h-oifigeil – marbh. Ach cha robh. Bha feadhainn air a h-ionnsachadh bho Ned is feadhainn eile, agus chùm iadsan a’ choinneal laiste.

Ann an 2001 bha an uiread a dh’innis don chunntas-sluaigh gun robh Gaelg aca air a dhol suas a dheich uiread ann an ceathrad bliadhna. A dheich uiread ann an ceathrad bliadhna. Bho shia fichead gu mìle is sia ceud. Gabhaidh e dèanamh, a chàirdean. Gabhaidh e dèanamh – le foghlam agus deòin agus neart agus spionnadh agus misneachd – agus le beagan taic bho na h-ùghdarrasan – ged nach eil na Manainnich a’ cur cus sùim ann a bhith an urra ris an riaghaltas airson a h-uile rud. Gabhaidh e dèanamh ann an coimhearsnachd Ghàidhealach – a tha a’ cur sùim ann an ceòl is òrain is bàrdachd is cultar a bhuineas don dùthaich.

Dè as coireach ris an diofar, ma-thà, eadar Eilean Mhanainn agus Alba? Carson a tha iadsan a’ faighinn soidhnichean dà-chànanach le beag strì, seach a’ mhòr-strì a th’ againn? Carson a tha luchd-gnìomhachais a’ cleachdadh cànan nam Manainneach ann am margaidheachd ann an dòigh nach eil a’ tachairt an seo? Chanainn dà rud – agus tha na rudan seo air leth cudromach:

Anns a’ chiad àite – dearbh-aithne, fèin-aithne an t-sluaigh. Tha Gaelg cudromach do dh’Eilean Mhanainn mar phàirt dhen dearbh-aithne nàiseanta aca. Cha do thachair sin ann an Alba fhathast. Tachraidh e, tha mi an dòchas. Agus an dàrna adhbhar? Uill, bidh seo car brùideil. Ach ’s ann mar seo a chaidh aithris dhòmhsa ann an Eilean Mhanainn am-bliadhna le daoine a tha nan gaisgich don chànan. “Thàinig piseach air a’ chànan againn,” thuirt iad rium, “nuair a fhuair na seann Mhanainnich bàs.”

Bha na seann daoine – daoine a bhuineadh don eilean – daoine aig an robh pàrantan a bha fileanta – no seana-phàrantan co-dhiù a bha fileanta innte – bha iadsan amharasach, teagmhach, eagallach, leam-leat, lag-chridheach, coma co-dhiù, eadhon nàimhdeil don chànan. Chan e a h-uile duine. Bha gaisgich nam measg. Bha Ned Maddrell moiteil às fhèin gun robh an cànan aige. Ach an ath ghinealach – bha mòran dhiubh na h-aghaidh. ’S ann nuair a dh’fhalbh na daoine sin a bha cothrom aig an fheadhainn a dh’ionnsaich a’ Ghàidhlig Mhanainneach – air sgàth gràdh don chànan – adhartas a dhèanamh – gun a bhith ri strì an aghaidh nàimhdeas.

A-nise, tha sgoil aca – tha na sgoilearan air a dhol air adhart gu clasaichean tro mheadhan na Gaelg anns an àrd-sgoil. Tha taic phoilitigeach aca. ’S e Albannach – Steve Rodan – b’ esan Ministear an Fhoghlaim a thug cead dhaibh dhol air adhart le sgoil Ghaelg. Agus an fheadhainn aig a bheil an cànan – tha iad làidir. Tha iad moiteil. Ach dh’fhaodadh tu ràdh an ìre mhath gur e coimhearsnachd de luchd-ionnsachaidh a th’ annta. Am measg nan tidsearan anns a’ bhun-sgoil Ghaelg tha Cuimreach agus ban-Albannach.

Dh’fhaodadh tu ràdh, ma-thà, gu bheil beatha ann às dèidh do luchd-labhairt dùthchasach falbh. Agus ann am mòran àiteachan ann an Alba, ’s ann mar sin a dh’fheumas e bhith ma tha a’ Ghàidhlig gu bhith a’ tighinn air ais. Ma thig a’ Ghàidhlig beò às ùr ann am Baile Chloichridh, no ann an Dùn Phàrlain no anns na Puballan, ’s ann mar sin a bhitheas e. ’S dòcha gum bi daoine anns an t-seòmar seo a’ cur ri ath-bheòthachadh na Gàidhlig ann an àiteachan a th’ air a bhith Gallta fad ùine mhòr.
Chailleamaid an t-uabhas de thàlant nam falbhadh na daoine gu lèir aig a bheil a’ Ghàidhlig mar chiad chànan, ge-tà. Chailleamaid deagh chàirdean cuideachd. Tha e eagallach smaoineachadh mu dheidhinn. Ach bhiodh fhathast daoine tàlantach againn – daoine le smior nan cnàmhan – daoine mar Raghnall MacIlleDhuibh, mar Wilson MacLeòid, mar Meg Bateman, Rob Dunbar, Anna Lathairne NicIllÌosa, Mìcheal Newton, Teàrlach Quinnell, Màrtainn Mac an t-Saoir, Mark Wringe, Dòmhnall Morris, Emily Edwards, Siùsaidh Hardy, Will Lamb, Alison Dix, Gòrdon Wells, Alasdair Allan .. agus gun a bhith a’ dìochuimhneachadh ... Andreas Woolff! (a’ dèanamh an eadar-theangachaidh mar-aon)... Tha liosta mòr ann.
Nuair a bha Eideard Dwelly agus Maighstir Ailean beò, bha cairteal a’ mhillein duine ann an Alba aig an robh Gàidhlig. Agus dh’fhàg an dithis luchd-ionnsachaidh sin an comharra air an t-saoghal. A-nise chan eil ann ach – dè? – seasgad mìle – agus tha barrachd luchd-ionnsachaidh ann na bh’ ann ri linn Dwelly is Mhaighstir Ailein. Tha cothrom air leth aig luchd-ionnsachaidh an-diugh rudeigin a dhèanamh airson na Gàidhlig – agus airson an t-saoghail mhòir tron Ghàidhlig.

Gu pearsanta, tha mi an dòchas nach caill sinn ar coimhearsnachdan far a bheil an cànan làidir. Tha beairteas air leth anns a’ Ghàidhlig mar a tha i ga bruidhinn is ga sgrìobhadh ’s ga seinn ann an àiteachan mar Na Hearadh, Uibhist agus Barraigh. Agus ri m’ òige air a’ Chomraich, gu dearbh. Tha e math math gu bheil àiteachan ann far a bheil Gàidhlig aig a’ mhòr-chuid fhathast. Far a bheil daoine a’ smaoineachadh ann an Gàidhlig. Far a bheil an dualchas aca gu làidir. ’S e sin a thug spionnadh do leithid Eideard Dwelly agus Maighstir Ailean anns a’ chiad àite. Is dhomh fhìn cuideachd.

Ach tha na figearan a’ sealltainn gu bheil an cànan a’ crìonadh anns a h-uile coimhearsnachd anns na h-Eileanan Siar, ach a-mhàin ’s dòcha timcheall air Calanais is Càrlabhagh ann an Leòdhas agus ann an ceann a deas Uibhist a Deas. Airson stad a chur air a’ chrìonadh, tha sinn feumach air daoine làidir a sheasas còraichean na Gàidhlig – agus tha àite mòr aig luchd-ionnsachaidh ann a bhith a’ cur neart ris a’ chànan. Gu h-ionadail agus gu nàiseanta. Na bithibh eagallach, a chàirdean. Bithibh misneachail. Tha cothrom aig a h-uile duine agaibh saoghal na Gàidhlig a neartachadh.

Tha mi an dòchas nach gabh luchd-ionnsachaidh àite nan daoine dùthchasach mar a thachair ann an Eilean Mhanainn. Tha mi an dòchas gun tig neart às ùr ann an teaghlaichean is dachannan Gàidhealach anns na h-Eileanan Siar agus, gu dearbh, anns an Eilean Sgitheanach. Tha mi an dòchas gun co-obraich an dà bhuidhinn uiread ’s gum bi iad gu mòr an eisimeil a chèile, is nach bi sgaradh sam bith ann eatarra.

Agus mar a chuir Eideard Dwelly agus Maighstir Ailean gu mòr ri beatha nan Gàidheal o chionn ceud bliadhna no mar sin, tha mi ’n dòchas gun èirich feadhainn agaibhse gu àrd-ìre is àrd-inbhe is gun dèan sibh fhèin rudeigin airson ar cànan a neartachadh. Ceud mìle taing agus mo bheannachd oirbh uile an-diugh, a-màireach agus gun deàlraich an lanntair nur làmhan fhèin air an rathad mhòr a th’ air ar beulaibh.