|
PRIONNSABAL OILTHIGH OBAR DHEATHAIN A' TOIRT SEACHAD ÒRAID AN T-SABHAIL AIG PÀRLAMAID NA H-ALBA
Thug
Prionnsabal is Leas-sheansalair Oilthigh Obar Dheathain, an t-Àrd Ollamh
Donnchadh Rice, seachad Òraid an t-Sabhail am-bliadhna ann an toglaichean
Pàrlamaid na h-Alba ann an Dùn Èideann, far an do chuir
e cudrom air an fheum a bhith cur luach a-rithist air na cuspairean traidiseanta
ann am foghlam na h-Alba agus far an do rinn e luaidh air cho cudromach sa
tha e gun aithnichear Alba mar dhùthaich mu thuath.
Thuirt an t-Àrd Ollamh Rice a thug seachad an òraid Diluain (21/11/2005): "Bu mhath leam an argamaid a chur air adhart gu bheil na modhan traidiseanta de dh'fhoghlam agus de rannsachadh sgoilearach fhathast bunaiteach do shoirbheas foghlaim aig àrd-ìre. 'S e an dàrna puing a th' agam, agus chan eil ann ach cuimhneachadh, gun urrainn dhuinn fiù 's san linn chruinneadal seo misneachd mhòr a bhith againn mar dhùthaich air sgàth coitcheannas ar cultair an tacsa ri cultaran eile mu thuath.
"Nuair a tha mi a' bruidhinn air na modhan foghlaim a tha a' smaoineachadh nach bu chòir dhuinn call, bu mhath leam gu mòr gun cuimhnich sibh air eisimpleir Sabhal Mòr Ostaig. Nuair a bha cànan na Gàidhlig san staid a bu chugallaiche, b' e aon rud a bha ga chur ann an cunnart nach robhar a' bruidhinn mu deidhinn gu leòr. Tha an aon chunnart ann a thaobh ionnsachadh libearalach 's an deasbad mu oilthighean ann an Alba. 'S e deasbad a th' ann a tha gu tric a' seachnadh nan cuspairean aig a bheil nam bheachd-sa an comas as motha feum a dhèanamh. Ri linn 's mar a tha sinn air a bhith cur cudrom air na cuspairean dreuchdail is pragtaigeach, tha na seann chuspairean coltach ri na h-ealain libearalach - cànanan, classics, feallsanachd, eachraidh, fìor mhatamataig - air an cur chun iomaill. 'S ann ainneamh a tha iomradh orra san deasbad, agus leis an sin tha iad, mar a bha fìor dhan Ghàidhlig uair, ann an cunnart. Ma leanas seo, 's ma dh'fhaoidhte gun seargaidh iad air falbh dìreach a chionns nach eil duine a' cur cudrom orra neo a' bruidhinn as an leth."
A' bruidhinn air a' bheachd a thaobh 'tuathas' thuirt an t-Àrd Ollamh Rice: "O chionn goirid tha mi air a bhith smaoineachadh gu domhain air a' bhun-bheachd seo air sgàth an leabhair iongantach le mo cho-obrach Peter Davidson - 'The Idea of North'. 'S e turas cultarach, mìorbhaileach a th' ann tro choimhearsnachdan mu thuath ann an diofar cheàrnaidhean dhen t-saoghal, 's e a' rannsachadh cheistean a thaobh mar a tha sinn a' coimhead oirnn fhìn, an ceangal a th' againn ris an tìr a tha na chùl-raon do ar beatha, agus na tha sinn a' smaoineachadh air ar n-àite san t-saoghal. Tha e a' dèiligeadh ri uirsgeoil, cruth na tìre, litreachas, na h-ealain, ailtearachd, nithean cumanta nar beatha làitheil, beul-aithris - agus tha e a' gabhail a-staigh Innse Gall, Arcaibh, Sealltainn, tìr mòr na h-Alba, Lochlann, Innse Tìle, Ceann a Tuath Canada, agus ceann a tuath Iapain. Tha an 'tuath' aig Davidson bagarrach ach gun truailleadh agus glan, sgairteil is cruaidh, 's e suidhichte san àrainneachd chruaidh ris an do rinn a h-uile sluagh mu thuath strì an aghaidh."
Thuirt an t-Àrd Ollamh Rice gum faighear misneachd le bhith na phàirt de choimhearsnachd mhòr mu thuath còmhla ri dùthchannan eile. Thuirt e cuideachd gun robh cothrom na lùib a thaobh ionnsachaidh is rannsachadh.
"Tha eisimpleir an tuath a' sealltainn misneachd agus a' brosnachadh eadar-dhealachadh," lean e air. "Ach bu chòir dha a bhith co-cheangailte ris na luachan a th' againn a thaobh foghlaim. Ma tha sinn dol a chur cothroman an aithne sin gu feum, feumaidh sinn cuimhneachadh dè th' ann, agus dè an dàimh a th' aige ri cultaran eile. Cha thachair sin (a' coimhead air ais gu pàirt eile dhen òraid agam) ma sguireas sinn dheth a bhith cur luach ann an ionnsachadh is rannsachadh a thaobh na h-ealain, neo cuspairean nan ealain libearalach - an dà chuid nuair a tha iad a' buntainn ris an traidisean againn fhìn, agus nuair a tha iad gar tarraing gu traidiseanan iongantach eile. 'S e an obair againn, mar cheannardan foghlaim, dèanamh cinnteach gu bheil an turas sgoilreach gu tuath, mar a chanas Davidson, an còmhnaidh ' turas gu fìrinn'. Mar sin chan e argamaid a th' ann airson sgìreileas - an dearbh chaochladh."
Thuirt e: "Chan eil taobh tuath air ar clàr-gnothaich rannsachaidh a' ciallachadh gum bi sinn nar prìosanaich neo gum bi sinn fada às bho gnothaichean saidheansail eadar-nàiseanta. Gu dearbh, bidh sinn an còmhnaidh a' coimhead air ceistean an t-saoghail, ach 's e stòras de chomas rannsachaidh a th' anns an tuath, agus gabhaidh na freagairtean againn a sgaoileadh air feadh an t-saoghail."
Thuirt Stiùiriche an t-Sabhail Mhòir Tormod MacGilliosa: "Tha sinn air leth toilichte gun do dh'aontaich an t-Àrd Ollamh Rice ri bhith toirt seachad Òraid an t-Sabhail am-bliadhna, 's e a' cur ri liosta a bha iomraiteach mu thràth. Tha an òraid air cothrom a thoirt do chuid de na daoine as comasaiche agus as aithnichte a tha an sàs ann am poileataics, ann am foghlam, ann an eaconamas agus sna h-ealain na beachdan agus na dòchasan aca a chur an cèill. Bha an aon rud fìor am-bliadhna agus b' ann freagarrach a bha Pàrlamaid na h-Alba airson òraid an Àird Ollaimh Rice."
Tha an t-Àrd Ollamh
Rice - a rugadh ann an Obar Dheathain agus a tha am measg rudan eile air a
bhith na Leas-sheansalair fad còig bliadhna aig Oilthigh New York -
a-nis ann am buidheann iomraiteach de dhaoine a tha air an òraid seo
a lìbhrigeadh. Am measg na feadhna a tha air an òraid a thoirt
seachad tha: Ceann-suidhe na h-Èireann Mary Robinson, Na Prìomh
Mhinistearan Donald Dewar is Jack McConnell BPA, an t-eòlaiche eachdraidh
Jim Hunter agus An t-Seansalair Gordon Brown BP. Thòisich an òraid
o chionn 15 bliadhna.
|