ÒRAID AN T-SABHAIL 2004

Dealbh air Am Prìomh Mhinistear Jack McConnell BPA a' toirt seachad na h-òraidChuir Sabhal Mòr Ostaig fàilte air a' Phrìomh Mhinistear Jack MacComhnall BPA an t-seachdain sa chaidh (18.06.04), airson òraid bhliadhnail na Colaiste, Òraid an t-Sabhail, a thoirt seachad. Thòisich an fheasgar le pìobaireachd bho chòmhlan-pìoba Calor Alba agus beagan fhacail bho Derek MacThòmais bho Thelebhisean Ghrampian, a bhios a' toirt taic don òraid gach bliadhna.

Ann a bhith a' toirt seachad na h-òraid, 'A Modern Scottish Renaissance - The Highlands and Islands', bhruidhinn am Prìomh Mhinistear air an ath-bheòthachadh chultural, shoisealta agus eaconomach a chaidh fhaicinn anns a' Ghaidhealtachd agus na h-Eileanan thairis air an 40 bliadhna mu dheireadh.

"O chionn ghoirid tha piseach air tighinn air eaconamaidh agus àireamh-shluaigh na Gaidhealtachd, agus le daoine a' fàs nas misneachail anns an dualchas aca fhèin, tha an sgìre a' soirbheachadh gu mòr", arsa Mgr MacComhnall.

Thuirt am Prìomh Mhinistear gun robh Slèite na fìor dheagh eisimpleir air an dùsgadh a tha air tighinn air a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan agus dh'aithnich e àite chudthromach an t-Sabhail ann an leasachaidhean eaconomach agus cultarach na sgìre:

"Anns an deich air fhichead bliadhna bho thòisich Sabhal Mòr Ostaig, tha sgìre Shlèite air atharrachadh gu mòr - agus gu dearbha tha a' Cholaiste air a bhith aig cridhe seo. Tha àite shònraichte aig a' Cholaiste gun teagamh, am meadhan na leasachaidhean ùra chruthachail a tha rim faicinn chan ann a-mhàin anns an eilean seo agus a' Ghàidhealtachd air fad, ach cuideachd am measg na coimhearsnachd Ghàidhlig eadar-nàiseanta."

Mhol am Prìomh Mhinistear obair ion-mholta an t-Sabhal Mhòir a thaobh na Gàidhlig agus thuirt e gum biodh barrachd spèis ga toirt do suidheachadh sònraichte na Colaiste tron Chomhairle Mhaoineachaidh.

An dèidh na h-òraid, dh'fhreagair am Prìomh Mhinistear ceistean bhon luchd-èisteachd air iomadh cuspair, nam measg prìsean taigheadais air a' Ghaidhealtachd, taic-airgid do bhuidhnean ionadail nan ealan agus cuideachd air am bile ùr airson na Gàidhlig. Thug Cathraiche Bòrd Urrasair na Colaiste, An t-Ollamh Fearchar Mac an Tòisich, an fheasgar gu crìoch agus dh'iarr e air Eilidh NicAsgaill, oileanach SMO, dealbh bho Tommy MacCoinnich a thoirt don Phrìomh Mhinistear, mar thiodhlac bhon Cholaiste.

Faodar òraid a' Phrìomh Mhinisteir a' leughadh air làrach-lìn Riaghaltais na h-Alba.

Dealbh air an t-Àrd-Ollamh Tormod MacGilliosa agus an t-Ollamh Fearchar Mac an Tòisich a' cur fàilte air a' Phrìomh Mhinistear Dealbh air Còmhlan-Pìoba Calor Gas Alba a' cluich ann an Amharclann Calor Alba
An t-Àrd-Ollamh Tormod MacGilliosa agus an t-Ollamh Fearchar Mac an Tòisich a' cur fàilte air a' Phrìomh Mhinistear
Còmhlan-Pìoba Calor Gas a' cluich ann an Amharclann Calor Alba
Dealbh air Ross MacNaughton a' pìobaireachd ron òraid Dealbh air an t-Ollamh Fearchar Mac an Tòisich a' cur fàilte air an luchd-èisteachd
Ross MacNaughton a' pìobaireachd ron òraid
An t-Ollamh Fearchar Mac an Tòisich a' cur fàilte air an luchd-èisteachd
Dealbh air oileanaich an t-Sabhail a sheinn òrain ghrinn don luchd-èisteachd Dealbh air Derek MacThòmais bho Thelebhisein Ghrampian
Oileanaich an t-Sabhail a sheinn òrain ghrinn don luchd-èisteachd
Derek MacThòmais bho Thelebhisein Ghrampian
Dealbh air Eilidh NicAsgaill a' toirt seachad tiodhlac don Phrìomh Mhinistear Dealbh air an luchd-èisteachd a' gabhail glainne fìon is grèim-bidhe ron òraid
Eilidh NicAsgaill a thug seachad tiodhlac don Phrìomh Mhinistear
Glainne fìon is grèim-bìdhe ron òraid