Diversity,a chaidh a chumail an seo aig Sabhal Mòr Ostaig anns an Òg-mhìos am-bliadhna, chaidh Òraid do Shabhal Mòr Ostaig
Latha a’ Cheumnachaidh
6 Damhar, 2006

Fuaimean na h-Eòrpa

Ma tha sinn airson ar beachd air an Roinn Eòrpa atharrachadh, cha b’ fhuilear dhuinn tòiseachadh aig eachdraidh iongantach an Dàrna Cogaidh Mhòir a sgrìobh an t-eachdraiche, Modris Eksteins, Walking Since Daybreak. Ma choisicheas sinn còmhla ris an ùghdar bho Laitbhia a bhreith ’s àraich, gheibh sinn sealladh as ùr air eachdraidh na linn a dh’fhalbh, agus os cionn a h-uile nì eile, chì sinn mar a thug eachdraidh agus tuiteamas buaidh air an sgrìob mhòr fearainn ud eadar ìmpireachdan na Gearmailt agus na Ruis. Dòigh air choreigin ’s e leabhar a th’ ann a tha a’ cur air mo chuimhne guth saidhbhir Canèidianach sgrìobhaidhean Alasdair MhicLeòid air cultar an àite far a bheil sinn an-diugh.’S e tha fa-near do dh’Eksteins ach dealbh a dhèanamh dhuinn de a shaoghal fhèin, a’ tòiseachadh le a shinn-sheanmhair bhàn agus a’ tighinn gu crìch le eachdraidh a bheatha fhèin - ann an Canada cuideachd - far an do choisinn a theaghlach an t-saorsa a bha fada a dhìth orra.

B’ e a dhùthaich-san dùthaich nan Leatach ’s nan Lìbheach ’s nam Baltach ’s nan Eastach; dùthaich nach do chuir eòlas air Crìosdaidheachd gus an do nochd na Ridirean Teutonach ar an eich-chogaidh far an robh iad tràth anns na Meadhan-Aoisean. Dìreach bliadhna air ais thadhail mise air an dùthaich sin, air chuairt tro mhachraichean ìseal Eastòinia far a bheilear a’ bruidhinn cànanan àrsaidh Setu is Voru is eile agus far a bheilear fhathast a’ caoidh mar a thachair do Shuainich a’ Chosta - na Lochlannaich a chaidh gun ear nuair a thàinig cuid de ar sinnsirean fhèin an taobh seo air seòlaidean mara a’ Chuain Siar. ’S às dèidh sin, nuair a chaidh na Gearmailtich gun ear agus na Sòibhiataich gun iar, chaidh na dùthchannan seo à sealladh, air an slugadh a-steach dha na h-ìmpireachdan sanntach a bha ceithir-timcheall orra. Mar eileanan tioram nuair a bhios tràigh ann, tha iad a’ nochdadh a-rithist ’s a’ lorg an guthan fhèin ann an conaltradh poblach na h-Eòrpa. Còmhla ri cànanan eadar-nàiseanta a bhios mòran a’ cleachdadh, tha cead aig daoine an guthan fhèin a dhèanamh nochdte agus breacan brèagha ioma-chànanach a chruthachadh. Ach am mair am breacan brèagha beò anns an Roinn Eòrpa, far a bheil dùbhlan ann an t-amas oifigeil “cànan dùthchais agus dhà eile” a thoirt gu bith? Far a bheil làmh an uachdar aig mòr-chànan, a’ Bheurla? Far a bheil ioma-chànanas mar amas nach eilear a’ coileanadh ach air èiginn ’s aig fir, muinntir a’ bhaile mhòir ’s luchd an fhoghlaim.? Far a bheil cànanan beaga oifigeil fhèin fo bhrùthadh?

Chuimhnich mi a-rithist air na dh’fhaodadh a bhith an lùib seo ’s mi a’ leughadh na h-iris Irish Art Review o chionn ghoirid. Bha an iris iomraiteach seo a’ toirt sùil air saothar beatha Jerome Connor a bha na shnaidheadair cudromach anns na Stàitean Aonaichte aig toiseach na linn a dh’fhalbh. Fhuair e barantas airson ìomhaighean mòra poblach a dhèanamh agus nochd e “co-fhaireachdainn annasach” ri tùsanaich Ameireagaidh. Ann am briathran tuigseach, inntinneach thuirt an lèirmheasaiche gur dòcha gur e a dh’adhbhraich a’ cho-fhaireachdainn sin ach gun robh Connor na Ghaidheal. Rugadh e ann an gleann air a bheil an Com Dubh ann an leithinnis Chorca Dhuibhne ann an Ciarraí aig deireadh na naoidheamh linn deug agus às dèidh dha imrich, thàinig an tàlant a bh’ aig ann an ealain am bàrr fo sgèith William Morris agus a chuideachd ann an ceann a tuath stàit New York.

Chuir na briathran ud stad orm. Fad grunn bhliadhnachan ’s mi ag obair nam chruinn-eòlaiche eachdraidheil ann am Midwest Ameireagaidh, bhithinn a’ faireachdainn air leth làidir mu chruth na tìre - far an robh lorg fhathast air tùsanaich na dùthcha anns an àile - na thug orm a bhith caoidh mar a chailleadh an cànan agamsa ’s acasan. Bhithinn a’ coiseachd na dùthcha ’s a’ feuchainn ri dealbh a dhèanamh air mar a bha i uaireigin. Bha àiteachan ann a bha anabarrach drùidhteach, nam measg Wyalusing - monadh àrd craobhach a tha a’ coimhead a-null air comar dà aibhne, a’ Wisconsin agus am Mississippi; far an deach cur às do threubh sìtheil de thuathanaich le ionnsaigh dhùbailte na mèinneaireachd luaidhe agus an àiteachais.

Dè am fuaim a bh’ aig na guthan aca? Cò ris a bha an saoghal coltach dhaibhsan? Cò ris a bhiodh an latha an-diugh coltach nam biodh iad fhathast ann? Cha ghabh sin innse ged a tha dòighean ann a-nis air cànanan a chaomhnadh ’s ath-chluinntinn a bh’ air uinneagan fhàgail fosgailte dhuinne nam biodh iad air an cur gu feum anns na làithean a dh’aom. Agus tha sin gar toirt gu na tha caomhnadh is ath-bheothachadh cànain a’ ciallachadh - ath-bheothachadh cuimhne, tuigse ’s co-fhaireachdainn. Am barrachd saidhbhreis a bhith againn. Am barrachd irisleachd a bhith annainn. Am barrachd cothrom a bhith againn èisteachd ri ceòl ciùin a’ chinne-daonna. A bheil sinn air an rathad cheart?

An-dràsta, tha Coimisean an Aonaidh Eòrpaich, tro Bhuidheann-Stiùiridh Choitcheann an Fhoghlaim ’s a’ Chultair a’ cur cuideam air lìonraidhean cànain airson iomadachd cànain a leudachadh air feadh an AE. A dh’aindheoin nan dùbhlan - agus cha bheag iad - a tha dlùth-chruinneas, imrich, leasachadh eaconomach agus eaconomaidh an fhiosrachaidh ag adhbhrachadh, thathar a’ saothrachadh gus dèanamh cinnteach nach tèid am breacan brèagha cànanach a dhìth. Ach nuair a thig e gu h-aon ’s gu dhà, tha am brùthadh air na cànanan beaga dùthchasach againn a’ sìor fhàs trom agus tha a’ bheàrn eadar iad agus na mòr-chànanan eadar-nàiseanta a’ sìor fhàs mòr. Ma dh’fhàgas sinn foghlam bun-sgoile an dàrna taobh, chan eil àite mòr sam bith aig na mion-chànanan ann an siostaman foghlaim agus cha mhòr gu bheil iad idir ann aig an treas ìre. Tha na cànanan seo an eiseimeil poileasaidhean diofar stàitean, cuid dhiubh a’ seasamh gu math daingeann an aghaidh iomadachd chànanach dhan a h-uile duine. Tha sibhse a tha a’ ceumnachadh an-diugh am measg na feadhainn a tha fortanach.

Aig co-labhairt Biùro Eòrpach nam Mion-chànan, Partnership for sgrùdadh a dhèanamh air na th’ ann de dh’Achdan Cànain gan cur an gnìomh. Thàinigear gu aonta gun robh na h-Achdan nan stèidh mhath às am faodadh piseach a thighinn ged nach dèanadh iad fhèin cinnteach gun rachadh cànan a chaomhnadh. Cha dèan na h-Achdan fhèin dad mura bi daoine deònach an cur gu feum ’s mura bithear air an aon ràmh. Tha sin a’ ciallachadh, far a bheil poileasaidh cànain ann, gum feum e taic fhaighinn bho phoileasaidhean eile anns an roinn phoblaich; ’s beag feum a nì foirmichean dà-chànanach ann an oifisean na comhairle ma tha a’ chainnt a th’ annta gu toinnte ’s làn fhaclan ùra nach aithnich daoine. Tha e a’ ciallachadh gun ruig sinn air na meadhanan nar na cànanan fhìn.

Tha e a’ ciallachadh greim a ghabhail air na th’ ann de dh’fheallsanachd, de thuigse ’s de bheachdan air nàdar an t-saoghail anns na cànanan seo agus a bhith comasach air na tha an dàrna cànan a chur an cèill a chur an cèill anns a’ chànan eile. Tha e a’ ciallachadh greim a ghabhail air a’ mhac-meanmna. Chan e seo dleastanas na Roinn Eòrpa; ’s e dleastanas luchd a’ mhion-chànain a th’ ann. Chaidh an latha le TG4 an Èirinn ann a bhith a’ lorg àite is aithne dha fhèin; dh’aithnich e anns a’ chiad dol a-mach na bha a dhìth. Leis an t-sluaghairm, Sùil Eile, dh’fhosgail e sùilean an luchd-amhairc air fad - cànan ann no às.

Tha e cuideachd a’ ciallachadh aghaidh a thoirt air easbhaidhean ann am foghlam agus gu h-àraidh foghlam àrd-ìre de gach seòrsa. Ann am Fionlainn, chaidh ceumannan a ghabhail gus sgioba de phroifeiseantaich a chruthachadh, leithid dhotairean, a bheireadh seirbheis do dhaoine ann an dàrna cànan oifigeil na dùthcha aca, Suainis. Chan ionnan Suainis agus mion-chànanan beaga eile leis mar a tha stuth ri fhaotainn ann an Suainis aig gach ìre, ach b’ fhiach na ceumannan a ghabhail. Nì seirbheisean anns a’ chànan aca fhèin feum sònraichte do dh’euslaintich aosta agus dhan fheadhainn glè òg.

Aon de na h-atharrachaidhean as motha a th’ ann - a mhath no dhona - ’s e cho luath ’s a tha na coimhearsnachdan ag atharrachadh. Tha stàitean ùra an Aonaidh air gabhail gu mòr ris a’ Bheurla ’s iad a’ miannachadh i a bhith aca. Mar thoradh air seo, ’s ann ann am Beurla, agus grunnan chànanan eile, a tha na nithean as motha air a bheil fèill rim faotainn; air feadh an AE, tha a’ bheàrn eadar mion- agus mòr-chànanan a’ sìor leudachadh. Feumaidh sinn cur às do na beàrnan sin ann an cùisean mar leigheas-cainnte - far a bheil dìth seirbheisean cloinne glè thric a’ fàgail gum bi pàrantan fo bhrùthadh cùl a chur ri mion-chànan airson adhartas am pàiste a dhèanamh cinnteach.

Air an aon dòigh ’s a tha eachdraichean cultair air rùrach a dhèanamh ann am “mentalité” nan làithean a dh’aom ach an tuigeadh iad mar a bha daoine dha-rìribh a’ smaoineachadh, feumaidh sinne cothrom fhaighinn chan ann a-mhàin air na briathran ach air dòighean smaoineachaidh nan cànanan a bh’ aig ar sinnsearan. Thèid againn a-nis air ath-chruthachadh a dhèanamh air dualchainnt, fuaimneachadh agus blas. Tha eòlaichean mion-chànain den bheachd gum feumar cabhag a dhèanamh gus gabhail ris an t-seòrsa obrach seo airson cur ris na raointean obrach eile anns a bheilear an sàs mar-thà. Mar as motha a chailleas sinn, ’s ann as motha clàraidh a dh’fheumas sinn gabhail os làimh gus tasglann coileanta a chruthachadh.

Tha iomairtean inntinneach - cuid dhiubh an seo an Alba - air dearbhadh gun tig iomadach toradh fàbharach am bàrr le bhith a’ cleachdadh chànanan dualchasach airson coimhearsnachdan a neartachadh. ’S fhada bhon a thòisich sgeama “caraidean cànain” ann an Catalòinia airson cànan na dùthcha a chompàirteachadh ri luchd-in-imrich. Tha seo a’ cur feum air daoine de gach seòrsa, eadar seanairean, seanmhairean is luchd a’ pheinsein aig a bheil beagan tìde dhaibh fhèin agus deugairean a tha airson an cànan aca a chompàirteachadh ri an co-aoisean. Thathar a’ tòiseachadh air an sgeama ann an Dùthaich nam Basgach a-nis cuideachd. Am measg nam buannachdan a bhios an cois sgeamaichean mar seo, gabhaidh cànanan an luchd-in-imrich compàirteachadh ri muinntir na dùthcha, agus bidh seo na chuideachadh ann a bhith a’ leagail nam ballachan sòisealta a bhios tric eadar aon seòrsa coimhearsnachd agus tèile. Thathar a’ cur fàilte air iomairtean ùra, cruthachail mar seo.

’S mòr an dòchas a tha an cois nan lìonraidhean a tha san amharc, agus thèid an latha leotha ma thèid iad an sàs ann an gnothaichean freagarrach iomchaidh agus ma ruigeas iad air taghadh cho farsaing ’s a ghabhas de dhaoine. Tha pailteas fianais ann a tha a’ sealltainn nach eile na h-iomairtean as fheàrr daonnan a’ ruighinn air a’ mhòr-shluagh.

Tha iomadach sgeama ann nach freagair air a h-uile h-àite ’s nach gabh cur an gnìomh ann an suidheachaidhean eile gun atharrachaidhean mòra a dhèanamh orra. Cha mhotha a dh’fhaodas sinn gabhail ris gu bheil gach aois deònach conaltradh a dhèanamh air an eadar-lìon. Mar sin dheth, feumaidh sinn taghadh farsaing de bhuidhnean - gu sònraichte buidhnean a riochdaicheas na mion-chànanan - anns na lìonraidhean cànanach seo.

Seo sinne ann an Sabhal Mòr Ostaig, àrainneachd far a bheil sibh ag oidhirpeachadh gus ur n-amasan a choileanadh a thaobh ur cultar sònraichte a chomharrachadh ’s a neartachadh, ’s tha mi ’n dòchas gum beir sibh air na         h-amasan sin a chuir sibh fhèin mu ur coinneimh. Tha mi ’n dòchas gun lorg sibh na dòighean agaibh fhèin air dèanamh cinnteach gum bi fuaimean na h-Eòrpa cho ioma-chànanach ’s a b’ àbhaist agus, mar choimhearsnachd de thidsearan ’s de sgoilearan ’s de chraoladairean, gun cum sibh sùil gheur air na leasachaidhean a tha fo sheòl an-dràsta. Tha sinn uile air a bhith “walking since daybreak”; tha mìltean rin coiseachd agus geallaidhean rin cumail fhathast...