ÒRAIDICHE GÀIDHLIG ÙR DHA IONAD CHALUIM CHILLE ÌLE

Dealbh air Mairead NicEacharna ann an Ìle
Mairead NicEacharna ann an Ìle
Tha Bòrd-stiùiridh Ionad Chaluim Chille Ìle (ICCI), an ionad a dh' fhosgail sa bhliadhna 2002 airson ionnsachadh is brosnachadh na Gàidhlig an Ìle, air leth toilichte Mairead NicEacharna ainmeachadh mar Òraidiche Gàidhlig ùr a thòisich san dreuchd bho Diluain 18mh An Dàmhair.

Bidh Mairead an sàs leis a' chòrr den sgioba aig ICCI ann a bhith a' cur air dòigh clasaichean is cùrsaichean-goirid gus taic a chumail ri muinntir an eilein agus nas fhaide air falbh a th' airson a' Ghàidhlig ionnsachadh. Bidh i cuideachd a' teagasg an triùir oileanach a tha an-dràsta air an treas bliadhna den Chùrsa BA ann an Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte aig ICCI, a bharrachd air taic a chumail ris an còignear a th' air a' Chùrsa Inntrigidh a leigeas leotha Gàidhlig ionnsachadh bhon dachaidh gu ìre fhileanta ann am bliadhna.

Ann a bhith a' cur fàilte air Mairead, thuirt Dòmhnall Angaidh MacIllinnein, Manaidsear ICCI, "Tha sinn air leth fortanach òraidiche Gàidhlig cho comasach ri Mairead a thàladh dhan Ionad, a chaidh a togail sa Chill agus a bha a' dol dhan àrdsgoil shìos bhuainn an seo sa Bhogh Mhòr. Tha an t-eòlas is na sgilean ceart aice a leigeas leinn leasachadh mòr a dhèanamh 's na mìosan tha romhainn air na clasaichean is cùrsaichean Gàidhlig againn aig ICCI gus barrachd oileanaich a thoirt gu fileantachd sa Ghàidhlig agus a bhios cuideachd a' tighinn bho air falbh gus fuireach an Ìle bhòidheach fhads a bhios iad còmhla ruinn".

Mar dearbhadh air an iarrtas a th' ann an Ìle gus Gàidhlig ionnsachadh, fhuair còrr is ceud oileanach teisteanasan Gàidhlig tro chùrsaichean is chlasaichean ICCI aig seirbheis shònraichte sa Ghearran 2004, agus tha sgioba obrach an Ionaid cuideachd an sàs ann a bhith a' brosnachadh ceòl is dannsa traidiseanta agus obair litreachais na Gàidhlig agus na h-ealain lèirsinneach fo bhratach ICCI.

Thuirt Mairead, "Tha e math a bhith air ais ann an Ìle an dèidh bhliadhnachan ag obair air tìr-mòr. 'S e àm math a th' ann a thilleadh a chionn 's gu bheil cothroman ann a-nis ìomhaigh Gàidhlig Ìleach a thogail, agus do mhuinntir Ìle foghlam fhaotainn san eilean fhèin gun a bhith a' dol air falbh don oilthigh mar a b' fheudar dhomhsa. Tha mòran phlanaichean againn airson na bliadhna ri tighinn, agus tha min dòchas gum faic sinn tòrr dhaoine ag ionnsachadh agus a' cleachdadh na Gàidhlig."

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fòn gu Mairead NicEacharna air 01496 810818, no gu Dòmhnall Angaidh MacIllinnein air 01496 810300.