FÈILE PAN-CHEILTEACH 07

B' e Joy Dunlop, a bha na oileanach aig a' cholaiste seo, a thug am beachd seo dhomh a dhol a-null a dh'Èirinn gu Fèile Pan-Cheilteach còmhla ri buidheann de dh'oileanaich aig Sabhal Mòr Ostaig. Is e th' ann ach fèis far an tèid buidhnean às na sia dùthchanan Ceilteach: Alba, Èirinn, A' Chuimrigh, Eilean Mhanainn, A' Chòrn agus A' Bhreatainn Bheag. Cha b' e rud furasta a bh' ann seo a chur air dòigh ged a bha taic againn bhon chomataidh Albanach aig an Fhèile. Tha sinn airson taing a thoirt dhaibh agus dha Sabhal Mòr Ostaig.

Pan Celtic 07
Chaidh sinn ann air a' bhus còmhla ri buidheann à Leòdhas. Thòisich daoine a' seinn air a' bhus mar-thà! Chaidh sinn a-null air a' bhàta-aiseag agus bha sinn uile gu math sgith nuair a ràinig sinn Leitir Ceanainn ann an Contae Dhùn nan Gall air taobh an iar-thuath na h-Èireann. An ath là rinn sinn rehearsal agus bha sinn a' soundadh gu math dona - a h-uile rud a' dol ceàrr! Le sin chum sinn oirnn a' pragtasadh. Is ann an ath là a bha a' chiad gig gu bhith againn ann an shopping centre. Tha mi a' smaoineachadh gun robh an t-eagal oirnn uile, ach gu h-iongantach rinn sinn uabhasach fhèin math! Bha sinn a' seinn na puirt a beul a chluinnear gu h-ìosal a cheart cho math ri òran luaidh "Mairead nan cuiread" agus "Cànan nan Gàidheal", bha cuid a' cluich ionnstramaidean-ciùil (bha Amy a' cluich a' bhocsa agus an fhìdeag, Vicki a' cluich an fhìdeag agus a' bhodhran agus Seumas a' cluich druma agus an fhìdheall). Rinn Tara dannsa ceum agus rinn Andreas is Nina waltz. Ghabh Liondsaidh an t-òran "Gad ionndrainn" air a ceann fhèin. Bha Nathan a' dol a dh'aithris bàrdachd ach cha robh an suidheachadh freagarrach airson sin.


Bha deagh chraic a' dol sna taighean-seinnse fad an là a h-uile là le daoine a' seinn agus a' cluich. Air an oidhche bha cuirmean-ciùil ann: oidhche Albanach, oidhche Èirinneach agus Eilean Mhanainn, oidhche a' Chuimrigh agus a' Chòrn agus oidhche na Breatainne Bige. Bha sinn air an àrd urlar a-rithist mar gum biodh ann am meadhan a' bhaile an ath là. Bha diofar cho-fharpaisean a' dol cuideachd agus gabh sinne pàirt ann, chan ann aig Fèile Pan-Cheilteach fhèin ach aig Oireachtas na Casca. Bha deagh spòrs againn ann agus bhuainich sinn an dàrna duais aig a' "Mhòd Èirinneach" sin. Bha sinn gu math pròiseil mu dhèidhinn! Chaidh iarraidh oirnn a sheinn air an rèidio cuideachd! Abair turas a bha sin agus tha sinn uile an dòchas a dhol ann a-rithist an ath bhliadhna. Is ann am Baile Dhùn nan Gall a bhios e agus tha sinn air a bhith ann mar-thà gus a checkeadh a-mach!

Tha e duilich ge-tà nach eil am fèile sin a' dol dha na dùthchanan Ceilteach eile idir! Tha e gu bhith an Èirinn a h-uile bliadhna. Gu siorraidh bràth?

Windows PlayerBrùth an seo airson eisteachd ris a' chòmhlan bho SMO aig Fèile Pan-Cheilteach. Tha iad a' seinn na puirt a leanas: Dà thabh air an airigh, Innis dhomhsa ca'eil thu 'cadail, Chuirinn air a' phìob."