|
|
OILEANAICH AN T-SABHAIL AIR LETH SOIRBHEACHAIL AIG AN FHÈIS PHAN CHEILTEACH
Chuir
Sabhal Mòr Ostaig meal-a-naidheachd air na h-oileanaich aca nuair a
thill iad à Èirinn an t-seachdain sa chaidh le dà dhuais
nan làimh. Bha buidheann air pàirt a ghabhail san Fhèis
Phan Cheilteach ann an Trá Lí airson an darna bliadhna agus
iad a' co-fharpais an aghaidh luchd-ciùil à Èirinn, a'
Chuimrigh, a' Bhreatainn Bhig agus a' Chòrn.
Bhuannaich na h-oileanaich a' chiad duais ann am Farpais na Buidhne airson an darna turas, a' seinn òrain traidiseanta le taic bho luchd-ciùil. Cuideachd fhuair am buidheann an treas àite ann am farpais airson Òrain Ùr Eadar-nàiseanta. Thuirt Joy Dunlop às a' Choingheal faisg air an Òban, "Bha sinn ag iarraidh tilleadh a Thrá Lí an dèidh cho math 's a chòrd e rinn an-uiridh. Bha an luchd-ciùil bho na dùthchannan eile fìor mhath agus chòrd an ceòl 's na h-òrain aca rinn gu mòr. Bha sinn uabhasach toilichte le na duaisean a fhuair sinn - cha robh dùil againn gun dèanamaid cho math."
A bharrachd air na co-fharpaisean, bha na h-oileanaich a' cluich is a' seinn aig consairtean, cèilidhean agus seiseanan air feadh a' bhaile, cuide ri chàich a chaidh ann às Alba. Chòrd e riutha gu h-àraid coinneachadh ri daoine bho na dùthchannan eile, "Tha an Fhèis seo gu math cudthromach airson ceanglaichean eadar na dùthchannan Ceilteach a bhrosnachadh", thuirt Joy, "Bha sinn fìor thoilichte inbhe na Colaiste agus inbhe na Gàidhlig a thogail nam measg. Ged a tha na cànanan Ceilteach diofraichte tha e follaiseach gu bheil dàimh làidir eadarainn agus tha ar cultar gar tarraing ri chèile."
Fhuair turas
nan oileanach taic bhon Cholaiste agus bho Ailean MacColla, Cathraiche Buidheann
na h-Alba, agus thathar an dòchas gum bi oileanaich an t-Sabhail a'
nochdadh a-rithist air prògram na Fèise anns na bliadhnaichean
ri thighinn.
|
|