|
DUAIS EILE AIRSON PRÒISEACT AIR LOIDHNE AIG SABHAL MÒR OSTAIG
Choisinn Sabhal Mòr Ostaig an duais airgid airson pròiseact POOLS (Producing Open On Line Learning Systems) aig co-labhairt Eòrpach air Innovation and Creativity in the Lifelong Learning Programme ann am Prague o chionn goirid.
Cha robh ach 18 duaisean uile gu lèir air an toirt seachad a-mach à 250 pròiseact air feadh An Roinn Eòrpa a chaidh a chur air adhart. Bha Alison Dix, head of lifelong learning at Sabhal Mòr, agus Kent Andersen a dh’obraich air a’ phròiseact, an làthair airson an duais fhaighinn bho Ján Figel´, European Commissioner for Education, Culture and Youth agus Ondřej Liška, Minister of Education Sport and Culture anns an Czech Republic.
Thuirt Gordon Wells, Co-òrdanaiche POOLS “Anns a’ phròiseact seo, bha cothrom againn co-obrachadh a dhèanamh le colaistean eile air feadh na Roinn Eòrpa. Ged a bha am fòcas againn air Gàidhlig, bha e feumail ionnsachadh bho suidheachaidhean ionnsachaidh cànain Eòrpach eile.” Tha an duais seo a’ leantainn bho duais Eòrpach eile a fhuair am buidheann ann an 2007 airson a’ phròiseact ‘Guthan nan Eilean’.
Tha Gòrdon is an sgioba aige an-dràsta ag obair ann an compàirteachas le coimhearsnachdan air feadh nan Eilean airson tasglann bhideo nas motha a leasachadh. Bidh na bhiodeothan a’ sealltainn measgachadh de dh’obair is dòighean-beatha aig daoine anns na h-Eileanan an-diugh, is bidh e cuideachail do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig no Beurla. Tha iad air taic-airgid fhaighinn bhon European Social Fund.
Tha pròiseact ùr, POOLS-T, air tòiseachadh cuideachd is bidh seo a’ togail air na ceanglaichean le luchd-compàirtean anns An Roinn Eòrpa. Mìnich Gòrdon Wells “Leis a’ phròiseact POOLS-T, bidh sinn a’ leasachadh chothroman do luchd-ionnsachaidh faclairean air loidhne a chleachdadh. Tha an obair leasachaidh anns a bheil a’ cholaiste an sàs a’ dèanamh ceanglaichean eadar barrachd air 40 cànan comasach.”
|