|
DITHIS NEACH-OBRACH SOIRBHEACHAIL AIG "REIS AIRSON BEATHA"
Chaidh £2503 a thogail le dithis neach-obrach bhon t-Sabhal nuair a ghabh iad pàirt san rèis charthannais aig Rannsachadh na h- Aillse. Rinn Mairead Fowler agus Nicola NicThòmais còig cilemeatairean ann an leth uair a thìde aig Pàirc Bellahouston ann an Glaschu air an 10mh latha den Òg Mhìos mar phàirt dhen tachartasan Rèis airson Beatha (Race for Life).
Chuir luchd-obrach na Colaiste agus daoine bhon sgìre air fad taic ris na nigheanan agus chaidh mu £700 a thogail aig cèilidh sa choimhearsnachd.
|