|
RANNSACHADH
NA GÀIDHLIG 2006 - GAIRM
AIRSON PHÀIPEARAN
18-21
an t-Iuchar, 2006
Tha Rannsachadh na Gàidhlig ga chumail a h-uile dà bhliadhna. Chaidh co-labhairtean a chumail gu ruige seo aig oilthigh Obar Dheadhain, Ghlaschu agus Dhùn Èideann. Thèid a' cheathramh tè a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach san Iuchar 2006.
Cuirear fàilte air pàipearan fa chomhair gach cuspair aig a bheil buntannas ris a' Ghàidhlig. Faodar an lìbhrigeadh sa Ghàidhlig no sa Bheurla.
Tha sùil ri suas ri 80 pàipear, 20 mionaid de dh'fhaid, le ùine a bharrachd airson deasbad. Thèid an leughadh ann an seiseanan fa leth a rèir a' chuspair. Iarrar geàrr-chunntasan de phàipearan a chur gu sm00rng@groupwise.uhi.ac.uk ro 31 am Faoilleach 2006.
Nochdaidh geàrr-chunntasan
nam pàipearan a thaghar air làraich-lìn na co-labhairt
aig www.smo.uhi.ac.uk/rng2006.
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh san aon àite air clàradh, cosgaisean,
àiteachan-fuirich, cùram cloinne agus turasachd.
|