|
Thadhal Prionnsabal RSAMD, An t-Àrd Ollamh Iain Wallace agus Brian MacNèil, a tha os cionn Roinn Ceòl Traidiseanta ‘s Pìobaireachd, aig Sabhal Mòr Ostaig an t-seachdain seo. Chuir iad eòlas air a’ Cholaiste agus choinnich iad ri luchd-obrach agus oileanaich.
Tha Sabhal Mòr a-nis a’ tabhann cùrsa BA ann an Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta agus chaidh còmhraidhean a chumail a thaobh cò-obrachadh.
Thuirt an t-Àrd Ollamh Tormod N MacGilliosa, Stiùiriche na Colaiste:
“Bha e na thlachd dhuinn fàilte a chur air Iain agus Brian agus bidh sinn a-nis a’ coimhead air ciamar as urrainn dhuinn cò-obrachadh leotha gu h-èifeachdach. Tha sinn ag iarraidh ceangal dlùth a thogail le RSAMD agus tha sinn a-nise air a’ chiad cheum a ghabhail. Bidh na ceanglaichean feumail airson luchd-obrach agus oileanaich anns gach ionad.”
|