DUAIS EILE AIRSON AN T-SABHAIL

Air latha Naomh Anndra ann an Ionad Chuil Lodair chaidh urram a thoirt do Stiùiriche Sabhal Mòr Ostaig, an Àrd Ollamh Tormod N MacGilliosa, le meur na Gaidhealtachd de Comunn Crann na h-Alba.

Chaidh an duais, airson a bhith a’ brosnachadh agus a’ taisbeanadh cultar nan Gaidheal, a thoirt don Ard Ollamh MacGilliosa le Eachann Domhnallach, Neach-Gairm Meur na Gaidhealtachd de Chomann Crann na h-Alba.

Thuirt Tormod MacGilliosa “’S e urram mòr a bha seo agus bha mi ro thoilichte gabhail ris an duais airson iomadach adhbhar.  Anns a’ chiad àite bha an duais ag aithneachadh an obair chudromach a tha an t-Sabhal a’ dèanamh ann a bhith a’ taisbeanadh dhan mhòr shluagh an àite a th’ aig cànan agus cultar nan Gàidheal ann am beatha laitheil na h-Alba. Bha mi moiteil cuideachd gun d’ fhuair mi an duais seo anns a’ bhliadhna a bha Alba air fad a’ comharrachadh cultar na Gàidhealtachd.  Bha e math cuideachd an duais fhaighinn air latha Naomh Anndra.