Ballrachd Urramach do Stiùiriche an t-Sabhail
Thadhail buidheann bho Chomunn Crann na h-Alba air Sabhal Mòr Ostaig Disathairne sa chaidh ‘s iad a’ gabhail turas trèana eadar An Gearasdan agus Malaig agus an uair sin eadar An Caol agus Inbhir Nis.
Ghabh iad an cothrom an uair a bha iad aig an t-Sabhal ballrachd urramach de Chomunn Chrann na h-Alba a bhuileachadh air an Àrd Ollamh Tormod N MacGilliosa, Stiùiriche na Colaiste. Bha an duais seo airson sheirbheisean don Ghàidhlig. ‘S e seo an dàrna urram a tha Tormod air fhaighinn bho Chomunn Crann na h-Alba. Air latha Naomh Anndra an-uiridh fhuair e duais airson a bhith a’ brosnachadh agus a’ taisbeanadh cultar nan Gàidheal bho mheur na Gaidhealtachd de Chomunn Chrann na h-Alba aig cuirm ann an Ionad Cùil Lodair.
Thuirt an t-Àrd-Ollamh Tormod N MacGilliosa,
“Tha mise, mar Stiùiriche an t-Sabhail, uabhasach fhèin toilichte an t-urram seo fhaotainn. Tha an aithne seo bho Chomunn Crann na h-Alba a’ comharrachadh na h-obrach ionmholta a tha a’ dol air adhart aig an t-Sabhal gus piseach a thoirt air suidheachadh agus seasamh na Gàidhlig.
Tha an Sabhal, mar Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, riatanach a thaobh a bhith coileanadh nan amasan a tha air an cur am follais ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig.”
Chaidh a’ bhallrachd urramach a bhuileachadh air Tormod le Ruairidh Pedersen ann an Gàidhlig.
(Anns an dealbh bhon taobh chlì: Ruairidh Pedersen, An t-Àrd-Ollamh Tormod N MacGilliosa, Stiùiriche Sabhal Mòr Ostaig, Eachann Dòmhnallach, Cathraiche Meur na Gaidhealtachd Comunn Crann na h-Alba, Lorimer MacCoinnich, Ball de Chomhairle Comunn Crann na h-Alba.)