|
AN RIAGHALTAIS A TADHAL AIR AN T-SABHAIL MHÒR
Thadhal an Riaghaltais air Sabhal Mòr Ostaig air 25/26 an Lùnastal, mar phàirt den thuras aca air feadh na duthcha.
Air Oidhche Diluain chaidh cuirm a chumail às leth a’ Phrìomh Mhinisteir airson muinntir an Eilein a tha sàs ann an obair saor-thoileach, comhairlichean ionadail agus riochdairean bho ghnìomhachasan an Eilein.
Chaidh consairt a chumail cuideachd le òran is puirt a chaidh a sgrìobhadh gu sònraichte dhan Phrìomh Mhinisteir agus dhan Riaghaltas le luchd-ciùil bhon Cholaiste, agus luchd-ciùil ionadail Mairi agus Steafanaidh Chaimbeul. Sgrìobh Maoilios Caimbeul, Sgrìobhadair na Colaiste, òran airson a’ Phrìomh Mhinisteir.
Chaidh coinneimh an Riaghaltais a chumail air Dimàirt ann an Seòmar Mhic an Tòisich, an t-seòmar cruinneachaidh bhreagha san togalach ùr aig SMO, Fàs a chaidh ainmneachadh às dèidh Fearchar Mac an Tòisich nach maireann, a bha na Chathraiche air Urras an t-Sabhail Mhòir.
Nas anmoiche sa mhadainn chaidh coinneamh phoblach a chumail mu dheidhinn a’ ‘Chòmhradh Nàiseanta’ far an deach na Rùnairean a cheasnachadh air iomadh chuspair bho rathaidean gu maoineachadh bhuidhnean saor-thoileach; croitearachd gu tuathanaich-gaoithe.
Chrìochnaich cùisean le bufaidh far an d’ fhuair muinntir an Eilein cothrom eile bruidhinn ri na Rùnairean a bha an làthair, nam measg, Nicola Sturgeon, Fiona Hyslop, John Swinney, Kenney MacAskill, Richard Lochhead agus Bruce Crawford, Ministeir cùisean a’ Phàrliamaid.
B’ e cothrom fìor mhath a bh’ ann Sabhal Mòr Ostaig agus an Eilean Sgitheanach a thaisbeanadh dhan Riaghaltas agus bha iad uile gu math taiceil ri feumalachdan nan daoine.
Chaidh na Rùnairean an uairsin air adhart gu àiteachan eile air feadh an Eilein, nam measg Columba 1400 agus Bunsgoil Shlèite.
|