GUTHAN NAN EILEAN: SREATH A DHÀ AIR TÒISEACHADH

Thathar a’ sireadh bheachdan o mhuinntir nan eilean a bhiodh iomchaidh airson bhidiothan a dhèanamh air dòighean beatha agus obair san sgìre. Bhiodh na bhidiothan seo freagarrach airson daoine a tha a’ tighinn agus a’ còmhnaidh sna h-Eileanan agus bheireadh iad taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig no Beurla – no an dà chuid!

An dèidh dhaibh Duais Eòrpach airson Chànan 2007 a bhuannachadh airson a’ phròiseict dà-chànanach do luchd-ionnsachaidh - “Guthan nan Eilean” - tha Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach agus Cothrom Earranta ann an Uibhist air maoineachadh fhaighinn gus dàrna sreath a thòiseachadh. Bha iomadh cuspair eadar-dhealaichte anns a’ chiad Sreath, eadar cùram airson daoine le feumalachdan sònraichte, deasachadh agus làimhseachadh bìdh, agus ath-chuairteachadh leabhraichean is àirneis, a bharrachd air ceòl agus ealan ann an Uibhist.

Gheibhear na bhidiothan uile air loidhne aig www.languages.dk/digital, agus faodar an cleachdadh saor an asgaidh. Ged a tha na cuspairean agus na h-àiteachan uile stèidhichte sna h-eileanan tha ùidh annta air tighinn bho luchd-teagaisg agus luchd-ionnsachaidh air feadh na h-Alba agus nas fhaide air falbh.

‘S e Gordon Wells a tha a’ co-òrdanachadh a’ phròiseict, le bhith ag obair bho Bheinn na Faoghla. Tha e airson cuspairean a bhios gu h-àraidh co-cheangailte ris an àrainneachd a thoirt a-steach dhan darna sreath. Ma tha beachd aig duine sam bith san Eilean Sgitheanach no sna h-Innse Gall air cuspair freagarrach airson clàraidh, leigibh fios gu Gordon air info@gordonwells.co.uk no 07879 644984. Tha am pròiseact a’ faighinn taic-airgid bho Riaghaltas na h-Alba, Bhòrd na Gàidhlig, agus Chomhairle nan Eilean Siar.