|
|
ÒIGRIDH NA GÀIDHLIG AIR AN RIOCHDACHADH AIG RIAGHALTAS NA H-ALBA
Bha Ciorstaidh
NicIlleathain à Inbhir Nis a' coinneachadh ri Peadar Peacock, Ministear
an Fhoghlaim agus na h-Òigridh, aig an Riaghaltas an t-seachdain sa
chaidh (07.06.04) airson òigridh na Gàidhlig a riochdachadh.
Bhuannaich Ciorstaidh a' chiad duais ann an co-fharpais aig an làrach-lìon
Sgleog. Sgrìobh Ciorstaidh litir
mu dheidhinn na Gàidhlig agus na seirbheisean
meadhanan Gàidhlig a tha a dhìth air deugairean. Fhuair Ciorstaidh
an cothrom airson an litir aice a thoirt seachad gu Peadar Peacock fhèin
agus na beachdan aice a chur ris a Mhinistear.
Thuirt Mgr Peacock:
"Tha e an urra ri clann an latha an-diugh is an ginealach a tha ri tighinn
a' Ghàidhlig a chumail beò is mar sin tha ùidh mhòr
agam ri bhith èisteachd ri na beachdan aca mun chànain agus
tha mi a' cur meal an naidheachd air Ciorstaidh is cho math 's a rinn i.
Tha e na bhrosnachadh dhuinn gu bheil barrachd cloinne ag ionnsachadh na Gàidhlig ach feumaidh sinn a bhith cinnteach seo a leasachadh. Tha sinn a' toirt taic airgid de £3 millean dha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig am-bliadhna agus a' bharrachd air sin tha sinn a' cur £2.75 millean a dh' ionnsaigh a' chiad àrd sgoil Ghàidhlig. Leis an adhartas a tha air a thighinn ann an teicneolas bidh cothrom aig sgoiltean na h-Alba a bhith ag obair còmhla agus bidh seo na bhuannachadh mòr dha na sgoilearan.
Gu
cinnteach bu mhath leinn gun tig piseach air a' chànan is air a' chultar
agus nì Bile na Gàidhlig feum mòr dhan chànan
bho latha gu latha."
|
|