DINNEAR CHARTHANNAIS AIRSON SGOIL HOPE AND FAITH, LUSAKA, ZAMBIA

Chaidh dìnnear a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig air Dihaoine 5mh an t-Sultain airson airgead a thogail airson Sgoil Hope and Faith ann an Lusaka, Zambia.  Thogar còrr is £1,400 air an oidhche agus fhuaireas £1,100 eile ann an tiodhlacan.  Tha sinn a’ toirt taing dha na gnìomhachasan a thug seachad am biadh an asgaidh ‘s seo a ciallachadh gun tèid a h-uile sgillinn a thogail chun na sgoile.  Bha Ceannard na sgoile, Rosemary Mumbi, aig an t-Sabhal an-uirigh agus cuiridh i, tha sinn glè chinnteach, an airgead a chaidh a thogail gu deagh fheum.

Thuirt an t-Oll Tormod N MacGilliosa, Stiùiriche na Colaiste – “Tha sinn moiteil anns an obair ionmhalta a rinn muinntir a’  chidsin agus gu h-àraid Alison Chaimbeul agus Denis Woodtli, airson cùisean a chur air dòigh.  Bha oidhche miorbhaileach mhath againn le deagh biadh agus deagh cheòl bho Liondsaidh NicMhìcheil agus Uisdean Cheape.  Bu mhiann leam taing a thoirt do na buidhnean e leanas airson an cuid fiathlaidheachd - Brakes, Williamson, Inverness Framers, 3663, Fearann Eilean Iarmain, Urras Chlann Dòmhnaill - agus dhaibhsan a bha còmhla rinn airson dìnnear.

Tha Tormod agus a bhean Sìne a’ tadhal  ais an sgoil an ath sheachdain an uair a tha iad chuairt ann an Zambia agus Africa a Deas.