CHO FALLAIN RIS A' BHREAC!

Tha a' Cholaiste a' gabhail pàirt san sgeama SHAW (Scotland's Health at Work) agus thathar an dòchas a' chiad ìre den sgeama seo a choileanadh. Mar phàirt de seo tha sinn ag amas air dòigh-beatha fallain a bhrosnachadh am measg an luchd-obrach. Thathar an dùil fiosrachadh a sgaoileadh gach mìos air cuspairean mar smocadh, eacarsaich, uallach, biadh fallain agus deoch làidir.

A bharrachd air an sin bu toigh leinn tachartasan sònraichte a chur air chois m.e. co-fharpaisean, bùthan-obrach, coiseachd airson catharnnais agus mar sin air adhart. Tha buidheann beag ag obair air seo mar-thà agus chuireamaid fàilte air duine sam bith eile aig a bheil ùidh anns a' ghnothach no aig a bheil beachdan inntinneach.

An t-seachdain-sa bidh fiosrachadh feumail agus recipes fallain rim faotainn san Atrium ann an Àrainn Chaluim Chille.

Bidh clasaichean aerobics a' tòiseachadh gach madainn Disathuirne aig a' cholaiste. Bidh seo fosgailte don luchd-obrach gu lèir agus do mhuinntir na coimhearsnachd (boireannaich is fireannaich). Bidh clasaichean a' ruith aig trì ìrean, eadar luchd-tòiseachaidh agus adhartaich. Ma tha ùidh agaibh fhèin no aig na caraidean agaibh anns na clasaichean feuch gun cuir sibh ur n-ainm air an liosta aig bòrd SHAW ann an ACC, no cuir post-dealan gu sm00ani@groupwise.uhi.ac.uk. Cosgaidh na clasaichean £3 gach turas agus bidh ìsleachadh ann do dhaoine a bhios a' dol ann gach seachdainn.

Seall air na rudan beaga a dh'fhaodadh sinn dèanamh gach latha airson a bhith nas èasgaidh!

LEISG
kcals
ÈASGAIDH
kcals
Cleachd an 'remote'
>1
Èirich agus coisich chun an telebhisean
3
Suidh sìos is cleachd am fòn fad leth uair
4
Seas agus cleachd am fòn fad leth uair
20
Iarr air cuideigin eile an taigh a sgioblachadh
0
Cuir seachad uair a' dèanamh obair-taighe
152
Teasaich biadh sa mhicrowave
15
Cuir seachad leth uair a' deasachadh dinneir
25
Ceannaich glasraich a tha air an deasachadh mar-thà
0
Cuir seachad 15 mionaid a' deasachadh ghlasraich
10-13
Iarr air cuideigin an gàradh a sgioblachadh
0
Obair sa ghàradh no geàrr an fheur fad leth uair
360
Leig an cù a-mach air an doras cùl
2
Coisich leis a' chu fad leth uair
125
Cleachd car wash
18
Glan an car thu fhèin
300
Coimhead air an telebhisean airson uair
30
Rach timcheall na bùthan airson uair
145
Cleachd an lioft
0.3
Cleachd an staidhre
15
Uile gu lèir
41.3
863

 

Seall air na làraich seo airson barrachd fiosrachaidh air slàinte, biadh fallain agus comhairle air eacarsaich.

www.healthyliving.gov.ukDealbh biadh

www.hebs.com

www.bbc.co.uk/health/

www.bbc.co.uk/food/healthyeating/

http://recipe.sainsburys.co.uk/recipe/

www.safeway.co.uk

 

Tha cothroman ann pàirt a ghabhail ann an iomadh seòrsa spòrs is eacarsaich. A bharrachd air cothroman coiseachd is sreap, tha comainn spòrs gan ruith cuideachd. Bidh an Club Badminton a' coinneachadh aig 7.30 gach oidhche Luain agus bidh an Club Claidheamhadaireachd a' coinneachadh gach oidhche Chiadain aig 7 uairean. Bidh an sgioba ball-coise a' cruinneachadh aig Ceann Loch gach oidhche Mhàirt aig 6.30 feasgar. Tha baidhsagalan rim faotainn air màl cuideachd, aig garaids Armadal.

Lochalsh Leisure Centre, An Caol 01599 534848

Amar-snàmh Phort Rìgh 01478 612655Dealbh cuideigin a' dèanamh yoga

Forestry Commission - Lorg ceum coille faisg air làimh

Ionad Chlann Dòmhnaill, Armadal 01471 844305 - Coisich sa ghàradh

West Highland Heavy Horses, Armadal 01471 844759

Skye Riding Centre, Suladale 01470 582419

Portree Riding and Trekking Stables 01478 613124

Rubha Phoil Forest Garden, Armadal - Coisich tron choille

Skyak Adventures, Camus Cross 01471 833 428

Whitewave, Cille Mhoire 01470 542 414

Raasay Outdoor Centre 01478 660 266

Isle of Skye Golf Club, Sgonnsar 01478 650414

Airson beagan fois is slànachadh an dèidh sin, feuch The Dancing Dolphin ann am Breacais, 01471 822 409.